Eilidh Cormack

Latest articles from Eilidh Cormack

Comment ‘Mairidh gaol is ceòl’ – cho fad ’s nach stad ar comhairlean air prìsean àrdachadh!

THA sinn air ar cuairteachadh le ceòl – cluinnidh sinn e ann am bùthan, èistidh sinn ri ceòl fhad ‘s a tha sinn a’ coiseachd neo a’ dràibheadh dhan obair, neo bidh sinn a’ cluich ionnsramaidean airson tlachd – tha ceòl aig cridhe ar beatha. A dh’aindeoin sin, chaidh aithris an t-seachdainsa gu bheil solarachadh ciùil air crìonadh 21% anns na còig bliadhnaichean mu dheireadh ann an Sasainn. ‘S e figear sgriosail a tha seo, is tha Alba ann an cunnart a dhol air an aon dòi

An tèid aig òran air fireannaich a bhios a’ fulang a shàbhaladh?

THA mi air a bhith ag èisteachd ri Sam Fender, neach-ciùil ùr bho chionn ghoirid – fear òg à Shields mu Thuath an ceann a tuath Shasainn. Tha e air cliù mhòr a choisinn dha fhèin aig aois òg, is e an aois rium fhin. Gu mì-fhortanach ge-tà, chan eil mi fhìn air Duais Bhrit a ghlèidheadh dhomh fhìn fhathast! Ach, ’s e cuspairean a chuid òran a tha air leth tarraingeach dhòmhsa. Bidh Fender a’ seinn mu iomadh rud: cultar a sgìre fhèin, poileataigs agus trioblaidean le deoch-làidir is drogaichean am measg rudan eile. Ach b’ e an t-òran ‘Dead Boys’ a bu mhotha a ghlac m’ aire-sa agus a thug orm smaoineachadh air cho coltach ri chèile ’s a tha cultar na Gàidhealtachd agus cultar a’ bhaile far an deach Sam Fender a thogail: The anniversaries are short lived But they come back around at a breakneck speed.

Tagaichean hais –an tèid againn air beathannan a shàbhaladh?

THA Vatharraichean mòra air faire do na meadhanan-sòisealta a bhios sinn a’ cleachdadh bho latha gu latha, gu h-àraid Instagram agus Facebook, às dèidh an naidheachd mu Molly Russell, tè ceithir bliadhn’ deug a dh’aois a chur làmh na beatha fhèin ann an 2017. Tha a h-athair a-nis air a ràdh gun do ghabh Instagram pàirt mhòr ann a bhith a’ toirt oirre a beatha a chrìochnachadh, seach ’s gun robh i a’ leantainn cunntasan agus tagaichean hais air an robh stuth buntainneach ri fèin-aimhleis agus fèin-mhurt.

Sàbhail ar seirbheisean ionadail, luachmhor

LEIS cho caochlaideach ’s a tha ar saoghal an-diugh, tha mi iomagaineach mu sgrìobhadh air cuspair sam bith air eagal ’s nach bi e fhathast beantainneach nuair a thèid a chur an clò! Ach, bha naidheachd ann a ghlac m’ aire às na h-eileanan an t-seachdain seo am measg a’ ghòraiche sa chòrr dhen t-saoghal – gun robh iad am beachd cur às do sheirbheis nam bhanaichean leabharlainn anns na h-Eileanan an Iar airson airgead a shàbhaladh. Chuir seo uabhas orm, ’s mi a’ smaoineachadh air mo sheanmhair fhèin a bha a’ fuireach ann an Dùn Bheagain, agus cho math ’s a bha e a’ còrdadh rithe nuair a thigeadh bhan a’ leabharlainn timcheall a’ chòrnair gach trì seachdainean gus am faigheadh i nobhailean air choreigin eile ri leughadh.

An cuir cuideigin an cuimhne Mhic ’illeDhuinn an cron a rinn e air ar seirbheisean poblach?

Bha gìogadh uabhasach orm air an deireadh sheachdain a’ leughadh beachdan Gòrdan Mac ’illeDhuinn air mar a tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte fhàiligeadh anns na deich bliadhna mu dheireadh. Tha e ag iarraidh gun dèanar sgrùdadh neo-eisimeileach air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte gus piseach a thoirt oirre san àm ri teachd, ach cha b’ urrainn dha cumail bho bhith ag ath-aithris an sgudal a bhios pàipearan-naidheachd agus luchd-poileataigs eile a’ spùtadh a-mach fad na h-ùine: gu bheil ministearan a’ Phàrtaidh Nàiseanta nas buailtiche a bhith ag èirigh sa mhadainn gus deasachadh airson neo-eisimeileachd na bhith a’ gabhail diù mu Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte. Uill, an aghaidh! Feumaidh gu bheil an aois a’ laighe air Mac ’illeDhuinn is a chuimhne air fhàgail buileach glan.

Tha luach nar n-eachdraidh mar Ghàidheil, is tha tasglann ùr air seo a chur nam chuimhne

THA mise air a bhith ag obair do Dhachaigh Airson Stòras na Gàidhlig airson còrr is còig mìosan a-nis, agus ’s urrainn dhomh a ràdh le cinnt gu bheil mi air mòran ionnsachadh anns na beagan mhìosan sin. Chan e a-mhàin gu bheil mi air sgilean ùra, feumail ionnsachadh, ach tha e air mo bheachdan air cho cudromach ’s a tha ar cultar agus ar n-eachdraidh a dhaingneachadh gu buileach.

Tha an t-àm againn fuasgladh seasmhach a lorg do ar rathaidean dùthchail

AS t-samhradh, ghabh mi cuairt a Bhergen ann an Nirribhidh air mo shaor-làithean. Chòrd am baile rium glan, ach airson latha neo dhà chaidh sinn air thuras sa chàr a-mach às a’ bhaile gu ruige cuid de na h-easan iongantach a tha rin lorg san sgìre. Abair gun robh seallaidhean eireachdail rim faicinn ann, agus ann an dòigh, leis gur ann às an Eilean Sgitheanach a tha mi, bha mi ag aithneachadh cruth na tìre. Aon latha, rinn sinn air Vørringfossen agus ged a bha na seallaidhean brèagha, bha mi fhìn air mo bheò-ghlacadh leis na tunailean a thog iad tro na Fiòrdan air ar slighe. Abair deagh bheachd!

Cùis-nàire Chomhairle nan Eilean Siar...

DE fon ghrèin a tha a’ dol air adhart aig Comhairle nan Eilean Siar a thaobh na Gàidhlig sna làithean-sa? Tha diofar naidheachdan air nochdadh fad sheachdainean a-nis mun Chomhairle agus an seasamh a th’ aca air iomadh cuspair co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig. Sa chiad dol a-mach, chaidh innse do chuid a bha a’ feuchainn ri seirbheisean na Comhairle fhaotainn sa Ghàidhlig (foirmean Cìs Comhairle, mar eisimpleir) nach robh a leithid ri fhaotainn ach sa Bheurla, ach gun robh daoine lÃ