The Renewable Heating Initiative scandal poses one of the greatest challenges to the power-sharing set up in Northern Ireland. The UK Government treats Northern Ireland as less than an afterthought, says Calum Macleòid, but it is there that the most serious consequences of Brexit are playing out, and through their incompetance the Tories are putting at risk much of the progress made over decades there.

CHAN eil 2017 air a bhith na bhliadhn’ ùr mhath airson Prìomh Mhinistear Èireann a Tuath Arlene Foster. Tha connspaid mhòr air èirigh mu dheidhinn an sgeama RHI – Renewable Heat Initiative – a chaidh a chur air bhog ann an 2012 nuair a bha i na Ministear.

Gheibh gnìomhachasan a ghabhas pàirt anns an RHI maoineachadh ma ghluaiseas iad bho bhith a’ cleachdadh connadh-fosail gu connadh ath-nuadhachail gus na togalaichean aca a theasachadh. An ceann beagan mhìosan bha prìsean connaidh ath-nuadhachail air ìoslachadh anns an sgìre, ach bha ìrean de mhaoineachaidh an sgeama a’ fàs mar a dh’fhàs ìrean na h-atmhorachd. Mar as motha a chleachdadh tu, ’s ann as motha a gheibheadh tu air ais ann am maoineachadh bhon sgeama.

A-nis tha e air tighinn am follais gu bheil cuid air cleachdadh seo gus togalaichean mòra, sabhalan is taighean-bathair mar eisimpleir, a chumail blàth, fiù ‘s nuair nach robh feum sam bith air, dìreach gus an t-airgead fhaighinn. Tha coltas ann gun tèid mu £1 billean a thoirt seachad thairis air an ath 20 bliadhna dha na 1946 iarrtasan soirbheachail. Bha iomairt coltach ri seo ‘a ruith ann an Sasainn ach ann an Sasainn chuir iad bacadh air na b’ urrainn dhut fhaighinn air ais, gus nach èireadh an dearbh shuidheachadh seo.

Tha na pàrtaidhean eile a-nis ag ràdh gum bu chòir do Foster seasamh sìos agus tha cuid airson is gum bi rannsachadh poblach a’ coimhead air a’ chonnspaid air fad. Cha tèid aig aon phàrtaidh a-mhàin cumhachd a ghlèidheadh ann an Stormont mar thoradh air Aonta Dihaoine na Ceusta.

An-dràsta tha cumhachd air a co-roinn eadar Sinn Féin agus an DUP, ach tha e doirbh fhaicinn mar a thèid aca leantail orra còmhla, mura h-eil Foster deònach a dreuchd fhàgail. Bhiodh seo na shuidheachadh doirbh uair sam bith, ach ann an co-theacs Brexit, tha cunnartan ann nach mair a’ cho-roinn cumhachd.

Cha mhòr nach eil Rùnaire Stàite Èireann a Tuath, James Brokenshire air guth a ràdh. Abair gu bheil sloinneadh freagarrach aige airson na dreuchd. ’S e am prìomh moladh a tha air a bhith aige airson na sgìre thairis air na miosa cudromach seo ach gu bheil an rannsachadh air eucoirean eachdraidheil a thachair ri linn nan Trioblaidean air cus ùine a chur seachad a’ coimhead air mar a ghiùlain saighdearan Breatannach iad fhèin, agus gum bu chòir dhan rannsachadh sin coimhead air na ceannaircich nach robh a’ caosg èideadh na stàite. ’S e seann chleas a tha seo, tagh poileasaidhean a chòrdas ri bhòtairean ann an tòin Shasainn agus coma leat mun bhuaidh a bhios aca air Èirinn a Tuath.

Tha sìth ann an Èirinn a Tuath stèidhichte air co-roinn cumhachd aig ìre ionadail agus co-obrachadh aig ìre eadar-nàiseanta. Thug e bliadhnaichean agus an t-uabhas de dh’obair gus Aonta Dihaoine na Ceusta a ruigsinn. Agus ’s e sìth chugallach a th’ ann fhathast agus tha na Tòraidhean seo cho aineolach mu Èireann a Tuath is gu bheil deagh theans gun tèid an t-adhartas a chaidh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean a thilgeil air falbh.

Aig ìre ionadail bidh an DUP, am pàrtaidh as motha ann an Stormont, a’ toirt taic do Brexit, ach nach do bhòt a’ mhòr-chuid ann an Èirinn a Tuath, 55%, airson a bhith a’ fuireach taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich?

Agus a-nis ciamar fon ghrèin a thèid aig Riaghaltas Poblachd na h-Èireann co-obrachadh le Riaghaltas Bhreatainn nuair nach eil na Tòraidhean airson innse do dhuine beò dè na planaichean a th’ aca?

Tha saorsa gluasaid eadar na Sia Conntaidhean agus an còrr den eilean, às aonais stad agus deuchainnean chrìochan, aig cridhe Aonta Dihaoine na Ceusta. Chan eil na Tòraidhean fiù ‘s air dearbhadh dè tha iad gus dèanamh leis na crìochan a chruthaich Riaghaltas Bhreatainn air an eilean.

A bharrachd air sin tha an t-uabhas de na còraichean a tha air aontachadh agus air an dìon ann an Aonta Dihaoine na Ceusta a’ crochadh ri laghan bhon Aonadh Eòrpach, agus tha sin gun ghuth a ràdh mun mhaoineachadh Eòrpach a gheibh an sgìre.

Chuala mi barrachd rabhaidhean mun droch bhuaidh a bhiodh aig neo-eisimeileachd na h-Alba air sìth ann an Èirinn a Tuath ri linn an reifrinn ann an 2014 na chuala mi anns a’ bheagan de dheasbad a chaidh a ghlèidheadh an-uiridh.

Tha mìltean, gu litireil, ann an Èirinn a Tuath, agus ann am Breatann, a tha beò an-diugh air sgàth ‘s gun do mhair an t-sìth. Tha na Toraidhean air sin a chur ann an cunnart a-nis, agus chan eil for aca ma dheidhinn.

Tha e soilleir gu bheil na Tòraidhean airson ’s gum biodh an saoghal air stad gus an tèid aca air co-dhùnadh a ruigsinn a thaobh dè dìreach a tha iad gus dèanamh a thaobh Brexit. Ach, mar a tha an staing seo a’ dearbhadh, chan e ach faoineas a tha sin.

Glossary

Ath-nuadhachail – Renewable

Aonta Dihaoine na Ceusta – Good Friday Agreement

Connadh-fosail – Fossil-fuel

Atmhorachd - Inflation