THA e doirbh a chur an cèill cho faisg ’s a tha sinn air reifreann eile air ceist neo-eisimeileachd na h-Alba an-dràsta fhèin. Tha mi ag ràdh sin air sàilleabh adhbhar neo dhà – adhbharan air am bruidhinn mi fhathast – ach tha e coltach gum bi fios a’ nochdadh taobh a-staigh seachdain neo dhà air reifreann eile. Ge be cuine neo carson a bhios an reifreann ùr seo, tha an t-àm ann coimhead air ais air a’ chiad reifreann air neo-eisimeileachd ann an 2014 agus beachdachadh air na dh’ionnsaich sinn bhon uairsin.

Chunnaic sinn toraidhean cunntais-bheachd aig toiseach a’ mhìos a sheall gun robh taic do neo-eisimeileachd air èirigh - sheall an cunntas-bheachd le BMG do phàipear-nàidheachd an Herald gun robh 49% de dh’Albannaich a-nis a’ toirt taic do neo-eisimeileachd. Tha am figear sin air èirigh 3 puingean às a’ chiad on chunntas-bheachd mu dheireadh a rinn BMG dhan Herald san Dùbhlachd 2016 - rud nach cuir iongnadh air duine sam bith an dèidh don Phrìomhaire a ràdh gum bi Brexit ‘cruaidh’ air fàire do Bhreatainn.

A bharrachd air a sin, thuirt post-dealain a chaidh a sgaoileadh am measg ballrachd buidheann Gnìomhachas do dh’Alba (Business for Scotland) aig an deireadh sheachdain gu bheil iad den bheachd nach eil sinn ach seachdain neo dhà air falbh bho ceann-là a stèidheachadh airson reifreann eile. Is chan e naidheachd phoiliteagach a bhiodh ann gun iomradh air cho faoin ’s a tha cuid – tha an geallaiche William Hill a’ tabhainn ìre 8/11 air neo-eisimeileachd a ruighinn ro 2024. Fìor spionnadh dhuinne a tha taiceil do neo-eisimeileachd, ma tha reifreann eile gus tachairt a dh’aithghearr. ‘S ann air an adhbhar sin a tha e cho cudromach gum bi sinn deiseil air a shon ann an dà-rìreabh.

A’ coimhead air ais air an reifreann ann an 2014, tha fhios againn gun robh iadsan a bha an aghaidh neo-eisimeileachd gu mòr ag ràdh nach robh na h-argamaidean eaconomaigeach a chaidh cur air adhart làidir neo puingeil gu leòr. Leis an fhìrinn innse, feumaidh mi aontachadh leis an sin, agus tha mi den bheachd gum bu chòir buidhnean leithid Gnìomhachas do dh’Alba a bhith an sàs san iomairt aig ìre nas motha. ‘S iadsan an fheadhainn as urrainn argamaidean leithid na bha aig Lloyds, Banca Rìoghail na h-Alba is Tesco a bhreugnachadh, agus na companaidhean eile a bhagair Alba neo-eisimeileach fhàgail.

Ged a ‘s e draghan eaconomaigeach a thug air mòran bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd, tha cùisean air atharrachadh gu mòr an dèidh na tha air tachairt timcheall air Brexit. Leis na margaidhean air bhoil leis mar a tha cùisean an-dràsta, feumaidh sinn a bhith soilleir a thaobh dè dìreach a thachras leis an eaconomaidh ma tha Alba gu bhith na dùthaich neo-eisimeilich – am broinn an Aonaidh Eòrpaich neo às – agus tha pàipearan leithid ‘Scotland’s Place in Europe’ mar fhianais gu bheil sinn mothachail dhan a sin.

Tha obair a dhìth a thaobh argamaidean eaconomaigeach, tha sinn uile deònach sin aideachadh. Ach chan e na h-argamaidean fhèin a tha lag – ‘s ann mar a sinn gan cur air adhart a tha a’ fàgail chothroman acasan a tha nar n-aghaidh. Bha iomairt ‘Bu Chòir’ gu sònraichte fhèin math air a bhith a’ cur argamaidean air adhart ann an dòigh dhòchasaich agus mhisneachail, agus tha e deatamach gun cum sinn an spionnadh sin, ma tha reifreann eile gu bhith ann.

Tha e follaiseach nach e na h-argamaidean a-mhàin a tha feumach air leasachadh ma tha sinn gus strì airson bhòt Bu Chòir ann an reifreann eile. ‘S ann mar a tha na h-argamaidean sin – gu h-àiridh na h-argamaidean cruaidh, eaconomaigeach – gan cur air adhart a nì an diofar. Bha sinn caran faiceallach a’ chiad turas – cha robh na pàrtaidhean airson ùpraid sam bith adhbhrachadh am measg an luchd-bhòtaidh – ach feumaidh sinn atharrachadh an turas seo. Tha cothrom sònraichte againn an-dràsta leis mar a tha cùisean nam brochan an lùib Brexit agus tachartasan poilitigeach eadar-nàiseanta eile, ‘s feumaidh sinn brath a ghabhail air a sin gus co-dhùnadh Bu Chòir a choileanadh, agus Alba neo-eisimeileachd a ruighinn, mu dheireadh thall.