More than 20 million people in four countries are at risk of starvation, in what the UN has described as the greatest crisis the world has faced since the Second World War. Calum MacLeòid looks at how Scotland should respond.

THA na Dùthchannan Aonaichte air rabhadh a thoirt seachad mu ghort ann an ceithir dùthchannan – an Eaman, Nigèiria, Sudàn a Deas agus Somàilia – far a bheil cion-bìdh a’ cur beatha 20 millean daoine ann an cunnart. Thuirt iad gur e seo an èiginn daonnachdach as mhotha on Dàrna Chogadh.

Tha am buidheann UNICEF air ro-aithris gum bàsaich 1.4. millean pàiste leis an acras am-bliadhna.

Loading article content

Agus far a bheil gort, cha bhi trioblaidean eile fad às. Tha a’ bhuainneach-mhòr air sgaoladh an-dràsta fhèin ann an Somàilia agus Sudàn. A rèir an UN, dh’eug 38 leatha ann an Somàilia air an t-seachdain seo leatha agus air Disathairne chaidh a dearbhadh anns an dà bhaile as motha ann an Sudàn a Deas, Juba agus Malakal. Tha an galar seo a’ sgapadh anns an Eaman a-nis cuideachd.

Tha cogaidhean agus ceannairc anns na dùthchannan seo, rud a tha air cuideachadh ann an cruthachadh an t-suidheachaidh sgriosail seo.

Thig tuilleadh crìonadh cumhachd anns na stàitean seo leis a’ ghort agus tha e fada nas fhasa do cheannaircich am ballrachd a meudachadh. Le atharrachadh na gnàth-shìde, chì sinn barrachd gort anns an àm ri teachd agus feumaidh gach dùthaich obair còmhla ma tha sinn gus stad a chur air.

Cha deach latha seachad rim bheò is mi gun bhiadh. Aig uair sam bith, latha no oidhche, ’s urrainn dhomh coiseachd beagan mhionaidean, gu bùthan nach dùin. Fad na h-oidhche, gach sgealb làn bìdh is dibhe de gach seòrsa. Cnocan mheasan, tùir de thionaichean, is biadh às gach ceàrnaidh den t-saoghal. Chan eil gainnead bìdh anns an t-saoghal, tha pailteas againn. Tha fios agam gu bheil mi fortanach; tha cus ann an Alba fiù’s nach urrainn seo ag ràdh.

Cuideachd, tha na h-àireamhan seo coltach ris an Olocost, àireamh cho mòr is gu bheil e doirbh smaoineachadh air ann an co-theacsa dhaoine. Chan eil duine againn eòlach air 1.4 millean neach. Ach dìreach mar an Olocost, tha dleastanas oirnn dòighean a lorg smaointinn mu dhèidhinn cho mòr is a tha an àireamh sin. Chan b’ urrainn dhuinn stad a chur air an Olocost, tha e air tachairt agus chan urrainn dhuinn ach cuimhneachadh. ’S urrainn dhuinn stad a chur air a’ ghort seo.

’S e dùbhlan mòr a th’ ann, fear a tha feumach air oidhirp eadar-nàiseanta ma tha sinn gus stad a chur air an droch-shuidheachadh. Anns an dòigh sin tha e coltach ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Ged nach b’ urrainn do dh’Alba stad a chur air atharrachadh na gnàth-shìde leinn fhìn tha Riaghaltas na h-Alba air obair mhath a dhèanamh agus tha sinn a-nis nar deagh eisimpleir.

Chan urrainn do dh’Alba stad a chur air gort anns na dùthchannan seo ach b’ urrainn dhuinn a bhith nar deagh eisimpleir anns an dòigh bheag agus dùthchannan eile a bhrosnachadh gus barrachd a dhèanamh.

Tha Riaghaltas na h-Alba air maoineachadh a thoirt seachad ann an suidheachaidhean èiginneach roimhe gu àitichean leithid Siria, Haiti agus Gaza. Feumaidh iad an dearbh rud a dhèanamh anns an t-suidheachadh seo, mar thòiseach tòiseachaidh. Cuideach b’ fhaich meudachadh a dhèanamh air an Maoin Leasachaidh Eadar-Nàiseanta aca.

Tha an UN ag ràdh gu bheil feum air $4.4 billean ron t-Iuchar. Cha bhi airgead a-mhàin gu leòr ge-tà. ’S e dùbhlan ioma-fhillte a th’ ann agus chan eil na freagairtean no an eòlas agam. Bu chòir dhuinn an Alba beachdachadh air na dòighean eile anns am b’ urrainn dhuinn cuideachadh ann an suidheachaidhean den leithid.

Tha dleastanas aig gach dùthaich air t-saoghal tighinn còmhla aig amannan gorta gus stad a chur oirre ach chanainn gu bheil dleastanas nas motha air dùthchannan, mar Alba, a fhuair buannachd bhon Ìmpireachd a ghoid a leithid bhon sgìre seo. Bu chòir gu bheil sin soilleir bho sheann ainmean nan dùthchannan seo: British Somaliland, British Nigeria, Anglo-Egyptian Sudan, agus the Colony of Aden.

Ghoid sinn daoine agus gnìomhachasan agus tha sinn fhathast a’ faighinn buannachd às a’ bheartas sin, dìreach mar a tha iadsan anns an dùthchannan a chreach sinn fhathast a’ fulang thoradh na ghoid sinn bhuapa. Cha bhiodh ann an airgead sam bith air a thoirt dhaibh an-diugh ach pàigheadh fiach.

Tha an UN aig teis-mheadhainn oidhirpean taic a chumail ris na daoine a tha a’ fulang anns na dùthchannan seo.

On a chaidh stèidheachadh, tha na Dùthchannan Aonaichte air torr mhaoineachaidh fhaighinn bho na Stàitean Aonaichte, ach tha coltas ann gu bheil iadsan gus sin atharrachadh. Chan eil ùidh aig Trump ann an dùthaich anns nach eil aon de na taighean-òsta aige fhèin, oir chuireadh sin na chuimhne gu bheil crìochan air an ìmpireachd aige fhèin.

Ma tha sinn airson a bhith nar dùthaich neo-eisimeileach bu chòir dhuinn gach cothrom a ghabhail ar giùlain fhèin mar gun robh sinn neo-eisimeileach mar-thà. Feumaidh sinn fuasgladh maireannachd fhaighinn do chion-bhìdh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.

GLOSSARY

Gort – Famine

An Eaman – Yemen

A’ Bhuainneach-Mhòr – Cholera

Maoin Leasachaidh Eadar-Nàiseanta – International Development Fund