This week Calum MacLeòid reflects on a recent visit to New York, and the 9/11 Memorial and Museum, in light of the latest developments in Syria, the latest twist in the war which started that day.

THA e furasta dìochuimhneachadh gur e eilean a th’ ann an Manhattan, eilean mun aon mheud ri Ratharsair. Nuair a thadhail mi air cola-deug air ais, bha ceò tiugh na laighe air, cho tiugh is nach b’ urrainn dhomh faicinn mullach nan tùr a tha gad chuairteachadh mar chraobhan daraich glainne is stàillinn. Bha an t-uisge a’ dòrtadh. Tha seo nas coltaiche ris na h-eileanan air a bheil mi eòlach, smaoinich mi.

Bha mi air beagan làithean a chur seachad anns am Baile Mòr New York agus bha mi a’ faireachdainn gun robh dleastanas agam tadhal air Ionad Malairt na Cruinne agus air Cuimhneachan 9/11 agus sin na rinn mi. Leis gun robh an t-uisge a dòrtadh, chaidh mi a-steach dhan taigh-tasgaidh. Bha mi a’ smaointinn gun robh mi cho eòlach air gach mionaid den latha ud, ach an ceann beagan mhionaidean na bhroinn bha e soilleir cho ceàrr is a bha mi.

Chan urrainn dhomh mìneachadh gach rud iongantach a chunnaic mi an sin ach bha ìomhaigh a ghlac mo shùil a chaidh ath-aithris a-rithist agus a-rithist: meatailt ann an cruthan ceàrr. Cruthan nas coltaiche ri pasta bog, no pàipearan air an ruinnleachadh, seach na loidhneachan dìreach, urrasach a bu chòir a bhith aig teannadairean is einnseanan-smàlaidh. Bha e mar gun deach neart uabhasach an fhòirneirt a ghlacadh anns na rudan neònach seo, na pìosan togalaich is oifis a thaisbeanas gu bràth na chaidh a dhèanamh dhaibh an latha ud, mar rud glacte ann an tìm.

Uaireannan tha e a’ faireachdainn mar gu bheil sinn uile glacte ann an tìm on latha ud, a’ coimhead an TBh fhathast, gun fhios air dè tha gus tachairt. Ach tha an saoghal air atharrachadh on uair sin agus tha sinn a' fàs nas fhaide bhon latha sin fad an t-siubhail. Thàinig sin a-steach orm le bhith a' faicinn fasan an aodaich agus a' ghruaig anns na dealbhan agus na pìosan teicneòlais a chaidh a lorg – inneal fax leaghte, pìosan bho telex.

Air an latha a chaidh mi gu Taigh-tasgaidh 9/11 bha poileas ann an Sasainn a' siubhal fiosrachadh mun fhear a thug ionnsaigh air Westminster beagan làithean roimhe. Tha sinn fhathast a' sabaid a' chogaidh a thòisich aig 8:46m air Dimàirt grianach air eilean beag glas. Ach abair cogadh neònach a th’ ann, dhuinne co-dhiù. Shaoil mi, air ais ann an 2001, gum biodh tachartasan an latha na rud a thòisicheadh cogadh mòr agus nach biodh roghainn agam ach a dhol an sàs ann. Ach ged a thòisich cogaidhean, no aon chogadh fada, cha deach mise an sàs ann ann an dòigh sam bith. Chan e cogadh mar a dh’aithnich ar seanairean a th’ ann idir.

’S e ballrachd den ghinealach a dh’fhàs suas leis a' chogadh seo a th'annam. Chan eil sgath de chuimhne agam air balla Bherlin ach tha cuimhne agam air an t-saoghal ron ionnsaigh sin. Cha b’ e saoghal foirfe no sìtheil a bh’ againn nuair a ghlasadh an latha air an 11mh latha den t-Sultain 2001. Agus cha deach tìm a stad. Chaidh roghainnean a dhèanamh agus b’ e droch roghainnean a bh’ ann am fada cus dhiubh. Chan eil loidhne dìreach eadar an ionnsaigh sin agus an latha an-diugh. B' urrainnear slighean eile a ghabhail.

Feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh. Sin mar a dh’fhairich sinn uile air 9/11 agus mar a dh’fhairich gu leòr dhinn às dèidh dhuinn na dealbhan sgriosail fhaicinn de chlann air am murt ann an Siria le gas. A-rithist. Agus feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh. Ach chan e bomaichean an aon rud as urrainn dhuinn dèanamh. Feumaidh sinn taic a thoirt dhaibhsan a tha ag obair taobh a-staigh Siria, na dotairean agus na buidhnean-cathrannais. ’S e cogadh eadar-nàiseanta a th’ ann, ged a bhiodh coltas cogaidh shìobhalta air, mar a bha Cogadh Sìobhalta na Spàinne.

’S e amadan cunnartach a th’ ann an Donald Trump fhathast. Cha do dh’atharraich sin an t-seachdain sa. Chan eil coltas Ceann-suidhe air a-nis dìreach le bhith a leigeil bomaichean. ’S e eucoireach cogaidh agus bùidsear den t-sluagh aige fhèin a th’ ann an Bashar al-Assad. Cha do dh’atharraich sin an t-seachdain sa a bharrachd. Nuair a dh’fhàg mi an taigh-tasgaidh bha an t-uisge air sgur, agus bha an t-àite mum thimcheall trang le luchd-obrach agus luchd-reic agus luchd-turais. B’ e Baile Mòr New York a bh’ ann fhathast. Chòrd sin rium, a bhith tilleadh chun an fhuaim agus chun na h-othaile. Mar deagh thaigh-tasgaidh sam bith dh’fhàg mi le barrachd cheistean na bh’ agam nuair a nochd mi ann na bu tràithe air a’ mhadainn. Tha mi deònach aideachadh nach eil fhios agam dè bu chòir dhuinn dèanamh gus stad a chur air ceannairc, no gus sìth a lorg ann an Siria. Ach tha mi cinnteach gum bu chòir dhuinn na freagairtean agus na molaidhean furasta a sheachnadh nuair a bhruidhneas sinn mun chogadh uabhasach seo.

GLOSSARY:

Ionad Malairt na Cruinne – World Trade Centre

Teannadairean – Girders

Einnseanan-smàlaidh – Fire Engines

Eucoireach cogaidh – War criminal

Othail – Din, hubbub