Màiri Dhòmhnallach takes a look at the reporting of last week’s G20 summit; including the rise in the use of clickbait by mainstream media to make a mockery of serious political matters, and the failure to question why key issues such as nuclear weren’t on the agenda for the world’s Group of Twenty major economies.
BU chòir fios nas fheàrr a bhith agam aig m’ aois-sa; tha foghlam, eòlas agus gliocas gu leòr agam aig an ìre seo gun a bhith a’ cur seachad ùine a’ coimhead bhideothan gòrach air-loidhne le tiotalan faoin. “Clickbait” a tha aca air sa chànan eile. Ach, cha do chuir e iognadh sam bith orm gun robh mi air trì mionaidean de mo bheatha a chur seachad madainn Disathairne a’ coimhead bhideo den tiotal “G20 - a’ choinneamh as mì-chomhurtaile riamh?”. Socharach a tha mi …
Co-dhiù, bha a’ bhideo mar a shaoileadh tu - a’ sealltainn barr-phuingean coinneamh an G20 ann an Hamburg. Nochd gach caractar ann an suidheachadh amaideach: Putin agus Trump a’ feuchainn ri tighinn gu aonta; Macron a’ tilgeil a’ ghàirdean timcheall air Trump; May a’ dèanamh gnog gnog air gualainn Trump gus dealbh fhaighinn agus - an rud as motha a chòrd riumsa na rud sam bith eile - còmhradh eadar Putin agus Merkel a chrìochnaich le Merkel a’ togail a sùilean an dèidh dha Putin rudeigin a ràdh nach do rinn drùidheadh sam bith oirre. Bha sin eireachdail fhèin.
Bidh e follaiseach dhut a-nis gun do chòrd an cruinneachadh bhideo seo rium, ach thug e orm smaointinn air rud neo dhà. A bheil an dòigh anns a bheil sinn ag aithris naidheachdan mòra, poiliteagach - le bhith a’ cur ris an fhìrinn agus a’ dèanamh fealla-dhà aiste - a’ toirt air falbh bho na cuspairean mòra, cudromach a bu chòir a bhith aig fìor-thoiseach gach pàipeir is làrach-lìn naidheachd?
Air clàr-gnothaich an G20, bha na cuspairean àbhaisteach - fàs na h-eaconamaidh, malairt eadar-nàiseanta agus riaghailtean nam margaidhean ionmhasail - cuspairean mòra leotha fhèin, ach bha iad cuideachd a’ bruidhinn air staing nam fògarrach san Roinn-Eòrpa agus tèarainteachd eadar-nàiseanta an aghaidh ceannairceachd. Chan fhaca mi aon ghuth den naidheachd sin nuair a bha mi a’ coimhead air tè-nàidheachd a’ faighneachd dha Trump (fhad ’s a bha e a’ bruidhinn ri Enrique Peña Nieto, Prìomhaire Mheagsago) an robh e fhathast airson gum pàigheadh Meagsago airson a’ bhalla ud air a bheil sinn uile eòlach.
’S e aon rud eile dhan do mhothaich mi nach robh guth air cùisean niùclasach air clàr-gnothaich na coinneimh. Cha robh aon iomradh - a chunnaic mise, co-dhiù - air na tha Coirèa a Tuath air a bhith a’ dèanamh bho chionn ghoirid, mar eiseimpleir, neo air a’ cho-rèiteachadh a tha a’ dol ann an New York an-dràsta air toirmeasg niùclasach. ’S e adhbhar dragh a tha sin - leis gur e cuspair cho cudromachadh ‘s a tha ann agus leis nach robh iomradh sam bith air eadar na h-eaconomaidhean as làidire air an t-saoghal - ach abair thusa nach robh e èibhinn nuair a ghluais Macron ri bhith ri taobh Trump airson dealbh aig an G20.
Tha fhios againn cuideachd gun robh grunn a’ togail fianais an aghaidh an G20 anns a’ Ghearmailt thairis air an t-seachdain a chaidh seachad, le cuid aca a’ cleachdadh fòirneirt agus a’ dèanamh aimhreit le bhith a’ cur chàraichean nan teine is eile. A-rithist, cha robh guth air a sin air a’ bhideo ghoirid a choimhead mi ach nuair a lorg mi aithrisean mu na h-aimhreitein fhèin, bha iadsan gan aithris anns an aon dòigh - gus toirt ort barrachd a leughadh, ann an dòigh tabloid, a’ toirt d’aire air falbh bho na thachair gu deimhinne am broinn na coinneimh.
Ann an co-dhùnadh, tha dleastanas air luchd-naidheachd agus orrasan a tha ag aithris naidheachdan a bhith a’ sgrùdadh gach nì agus gach cuspair aig ìre domhain. Tha àite ann airson sùil a ghabhail air tachartasan aotrom - tha sinn uile feumach air faochadh bho àm gu àm. Ach nuair a thig e gu cùisean leithid na chaidh air (agus cuid de na rudan nach deach) air clàr-gnothaich an G20, nach eil còrr againn a bhith an dùil ri fada a bharrachd bho na meadhanan?
GLOSSARY:
Clàr-gnothaich - Agenda
Malairt Eadar-nàiseanta - International Trade
Coirèa a Tuath - North Korea
Niùclasach - Nuclear
A’ togail fianais - Protesting
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here