ABAIR deagh shamhla airson Brexit: fear dhan b’ ainm Fox ag iarraidh oirnn earbs’ a chur ann nuair a chanas e gu bheil am feòil-circe sàbhailte. Tha e ag ràdh nach eil dad ceàrr le cearcan a chaidh an glanadh ann an clòrain, mar a bu ghnàth dhaibh anns na Stàitean. Ma tha sinn airson còrdadh malairt ùr fhaighinn leòtha, a-rèir coltais, às dèidh dhuinn an Aonadh Eòrpach fhàgail, feumaidh sinn a bhith nas deònaiche gach rud a th’ aca rin reic a cheannachd.

An uair sin nochd Mìcheal Gove ag ràdh gum biodh e an aghaidh a leithid de chleachdadh. Cha tuirt Boris còir dad mu dhèidhinn, is e ro thrang a’ magadh air na Maori air turas a Shealainn Nuadh agus a’ dèanamh cron air dàimh eadar-nàiseanta eile. Abair bùrach.

Fad deicheadan tha biadh agus deoch Albannach air cliù a chosnadh gu h-eadar-nàiseanta. ’S ann à Alba a thàinig 28% de às-bhathair biadh agus deoch an Rìoghachd Aonaichte an-uiridh. Ann an roinn bìdh agus dibhe ’s e uisge beatha agus bradan an dà às-bhathar as luachmhoire a thàinig às an Rìoghachd Aonaichte.

Nuair a chuir Riaghaltas na h-Alba casg air fracachadh, thug iad iomradh air an droch bhuaidh a bhiodh aig tubaist sam bith air ar cliù an roinn a’ bhìdhe agus na dibhe againn. Tha fios aig Riaghaltas na h-Alba cho cudromach is a tha an cliù sin agus chan eil iad deònach dad a dhèanamh a chuireadh sin ann an cunnart. Tha Brexit gus sin a chur ann an cunnart uabhasach agus ’s iad na sgìrean dùthchail de dh’Alba a dh’fhuilingeas as motha ma thèid cron a dhèanamh air na gnìomhachasan sin. Agus cha bhi taic no maoineachaidh sam bith ri fhaighinn bhon Aonaidh Eòrpaich an uair sin.

Bidh buaidh aig riaghailtean an Aonadh Eòrpaich oirnn cho fad ’s a tha sinn airson dad a reic dhan mhargaid sin, no gin de na margaidean eile a bhios a’ leantainn na dearbh riaghailtean ged nach biodh iad fhèin nam ball dhan AE, leithid Israel is an Ruis. Sgeulachd bheag airson na puing a shoilleireachadh. A bhòn-uiridh chaidh mi fhìn is mo bhean air làithean-saora chun na h-Argantaine. Às dèidh mu fhichead uair a thìde ann an itealain, ràinig sinn baile-mòr Salta. An uair sin dhraibh sinn airson ceithir uair a thìde gus an do ràinig sinn baile dhan b’ ainm Cafayate. ’S e fìon prìomh ghnìomhachas Cafayate.

Chaidh sinn air turas mun cuairt cuid de dh’fhìon-liosan na sgìre agus dh’innse bodach ann an aon dhiubh dhuinn gun robh iad dìreach air mearachd a dhèanamh air na bileagan a chuireadh iad air na botail aca agus bha aca ri ceudan dhiubh a cur tron na h-innealan aca a-rithist leis nach robh na bha sgrìobhte air na bileagan buileach na bha an t-Aonadh Eòrpach a sireadh. B’ e sin nuair a bhuail seo orm: gu robh sinn air siubhail fad làithean is oidhcheannan, agus air taobh thall an t-saoghail bhon Aonadh Eòrpach, ach fhathast bha buaidh aig na cò-dhùnaidhean gun tàinig BPE air gnìomhachas beag ann an sabhal fàisg air na h-Andes.

Cuiridh mi geall gu bheil gach duine againn air barrachd ionnsachadh mu dhèidhinn an AE on a chaidh a’ bhòt a chumail an-uiridh. Mu dheireadh thall, ’s dòcha gun tuig muinntir Bhreatainn cho luachmhor is a tha an t-AE dìreach aig an dearbh àm is iad air a’ bhuidheann fhàgail.

Tha fios gu bheil Luchd na Brexit gam faicinn fhèin agus an Rìoghachd Aonaichte air fad ann an dòigh glè eadar-dhealaichte bho chàch. Chan eil mi airson ag ràdh gu bheil iad uile fo bhreisleach. Chuala mi ro thric ri linn reifrinn 2014 gu robh sinne a thug taic ri neo-eisimeileachd dìreach air Braveheart a choimhead cus. Ach nan robh sinn air bhòtadh airson neo-eisimeileachd, chan eil teagamh sam bith agam gum biodh Riaghaltas na h-Alba air fada a bharrachd adhartas a dhèanamh an coimeas ris na tha Riaghaltas Bhreatainn air dhèanamh.

Chaidh a’ bhòt a chumail còrr is bliadhna air ais agus fhathast chan eil sgàth de dh’fhios againn dè tha romhainn agus dè bhuaidh a bhios aige air Alba. Chan eil sinn nar n-aonar, chan eil fios aig Riaghaltas Poblachd na h-Èireann no an Coimisean Eòrpach no Pàrlamaid na h-Eòrpa, no Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte a bharrachd. Aig cnag na cùise, tha e soilleir nach eil fhios aig Riaghaltas Bhreatainn dè tha iad ag iarraidh agus tha an sgeulachd nan cearcan air seo a dhearbhadh. Tha sinn air beachdan Fox air malairt a chluinntinn agus Gove a’ dol na aghaidh ach chan deach facal dhiubh an dearbhadh leis an Riaghaltas.

Tha eagal orm gur e dìreach blasad de Bhrexit chruaidh agus neo-chomasachd na Tòraidhean aig a stiùir a tha seo. Tha bliadhnaichean fada romhainn mus tèid co-dhùnaidhean ùra a dhèanamh air malairt, agus mar sin b’ fhiach fàs cleachdte ri blas a’ chlòrain.