THA Trump air a dhol an lùib cuspair neo-eisimeileachd na h-Alba a rithist agus e den bheachd an turas seo gur e rud “uabhasach” a bhiodh ann nan tachradh e; ’s e a’ gabhail dragh sònraichte mu dheidhinn farpais Fhosgailte a’ ghoilf.

Rinn Ceannard nan Stàitean Aonaichte agallamh còmhla ris an Wall Street Journal an t-seachdain seo chaidh far an tuirt e gum biodh neo-eisimeileachd na droch rud do dh’Alba agus gum biodh farpais Fhosgailte Bhreatainn ann an cunnart mar thoradh air neo-eisimeileachd. Do gach fear a sgarbh fhèin, chanainn.

Leis an Dòmhnall a’ toirt seachad a bheachd air neo-eisimeileachd a-rithist, agus le argamaid cho lag ’s a chuala mi gu ruige seo – agus tha mi air gu leòr a chluinntinn – bha mi a’ smaointinn gum b’ fhiach e coimhead air an dàimh anshocrach a tha eadarainn agus Trump.

Loading article content

Tha fhios againn uile gu bheil ceangal aig Dòmhnall Trump ris an dùthaich seo. Bha a mhàthair na ban-Leòdhasach, agus tha airgead mòr aige an sealbh raointean ghoilf ann an Alba. Gu dearbh, bha Trump an lùib iomairt laghail Riaghaltas na h-Alba nuair a thug e seachad fianais aig Holyrood a’ cur sìos air poileasaidhean àrainneachdail timcheall air turbainean gaoithe - rud air an robh esan a-mach a bha na bhacadh air na raointean goilf aigesan. Bhiodh e fìor a ràdh nach do rinn an duine cus chàirdean am measg luchd-poileataigs san dùthaich seo agus bha mòran aca gu math poblach ann a bhith a’ toirt taic do Hilary Clinton nuair a bha na taghaidhean Ameireaganach a’ dol.

Ach ged nach robh mòran de luchd-poileataigs na h-Alba ro mheasail air, tha beachd air a bhith aig Trump air neo-eisimeileachd bho chionn a’ chiad reifreann ann an 2014. An là an dèidh dhuinn bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd bha e air Twitter ag ràdh gur a deagh cho-dhùnadh a bha ann. Bha e cuideachd a’ cur a’ choire air Alex Salmond aig an àm, ag ràdh gur e na turbainean gaoithe a chaidh “spàrradh” oirnn a b’ adhbhar nach d’fhuair sinn neo-eisimeileachd.

Is ged a chuir e gach beannachd thugainn air na meadhanan sòisealta ron reifreann ann an 2014, an dèidh do phrìs na h-ola tuiteam gu mòr ann an 2015, bha e air tilleadh gu Twitter gus cur sìos air neo-eisimeileachd a-rithist. Thuirt e gum biodh Alba “briste” nam biodh sinn air na figearan a thaobh prìs na h-ola a chreidsinn. Chan eil ciall – neo cunbhalachd – ann am facal a tha an duine ag ràdh.

Tha fhios againn gu bheil dà raon ghoilf aige ann an Alba - Meadhanaidh ann an Siorrachd Obair Dheathain agus Tùrnbearraidh ann an Siorrachd Àir - agus tuigidh sibh a-nis carson a tha dragh cho mòr air mu dheidhinn na farpais Fosgailte. Bha an raon ann an Siorrachd Obar Dheathain fo chonnspaid fad beagan bhliadhnaichean leis gun robh a’ Chomhairle, iadsan a tha a’ fuireach ann, buidhnean àrrainneachdail agus an fheadhainn a tha a’ dèanamh turbainean gaoithe an aghaidh an raoin.

Thug Riaghaltas na h-Alba cead dhan raon mu dheireadh thall, ge-tà, agus dh’fhosgail e ann an 2012. Chuir e an caoch air Trump nuair a chaidh planaichean airson tuathanas gaoithe a chur air adhart faisg air an raon, ge-tà.

Tha barrachd ann, agus bidh a’ mhor-chuid agaibh eòlach air an sin mar thà. Ach ’s fhiach cuimhneachadh air cho amaideach is a tha cuid de na rudan a tha Trump air a bhith ag ràdh (agus a’ cur air Twitter) mu dheidhinn a’ chàirdeis eadarainn. Ach seo an rud – chan eil aon phìos de na tha Trump ag ràdh a’ cur dragh oirnne a tha taiceil do neo-eisimeileachd. Gu dearbh, ’s ann a’ cur ris an iomairt a tha e.

Mar a thuirt Aonghas MacNèill BP air Twitter an dèidh dha an naidheachd mu na thuirt Trump a chluinntinn, bidh buidheann mhòr ùr de dhaoine a tha taiceil do neo-eisimeileachd aig Alba a-nis gu bheil Trump na aghaidh. ’S e an fhìrinn a tha sin.