Sunday saw 350,000 people take to the streets of Barcelona in protest at the Catalan Government’s plan to announce its steps towards achieving its goal of independence this week. In response, Spain’s Prime Minister Mariano Rajoy announced his intention to do whatever it takes to “protect Spain’s integrity”. In this week’s column, Màiri Dhòmhnallach examines why the Spanish Government’s tactics of fear and intimidation should be a concern for us all.

CHAIDH còrr is 350,000 neach gu sràidean Bharcelona Didòmhnaich, ’s iad an aghaidh nam planaichean a tha riaghaltas Chatalunya agus a Prìomhaire, Carles Puigdemont, gus cur an cèill an-diugh airson neo-eisimeileachd na dùthcha fhaighinn bhon Spàinn. Thug Prìomh Mhinistear na Spàinne, Mariano Rajoy, “a’ mhòr-chuid shàmhach” air a’ bhuidheann, ’s e fhèin a’ bagairt rud sam bith a dhèanamh gus an Spàinn a chumail aonaichte.

Tha na thuirt Mgr. Rajoy na dhragh mhòr, gu h-àraidh leis an ìre de dh’fhòirneirt a chunnaic sinn ann an Catalunya còrr is seachdain air ais. Thuirt Mgr. Rajoy - am measg nan rudan a dhèanadh e gus stad a chur air neo-eisimeileachd Chatalunya – gun cleachdadh e Artagail 155 de Bhun-reachd na Spàinne, cumhachd a dhèanadh e comasach do riaghaltas na Spàinne cumhachd riaghaltas Chatalunya a ghabhail os làimh.

Loading article content

A bharrachd air na comasan laghail a tha Rajoy deònach cleachdadh an aghaidh iadsan a tha taiceil do neo-eisimeileachd, ‘s ann mar a tha an riaghaltas aige dèonach smàdadh air na daoine a tha nas miosa buileach san latha a tha ann.

Gus tilleadh air ais còrr is seachdain, bha na bh’ann de dh’fhòirneirt aig stèiseanan bhòtaidh agus am measg an t-sluaigh ann an Catalunya coltach ri rudeigin a bhiodh air tachairt ann an seann dhùthaich fhaisisteach. Nach robh iadsan a chaidh a chaismeachd airson Spàinn aonaichte Didòmhnaich fortanach gun d’fhuair iad an cothrom sin a dhèanamh ann an dòigh shìtheil?

Tha e do-chreidsinneach gun do chleachd riaghaltas sam bith, agus gu h-àiridh tè a tha fo bhratach an Aonaidh Eòrpaich, fòirneart an aghaidh nan daoine aice fhèin ann an 2017. Bhiodh e dona gu leòr nam biodh na daoine air aimhreit a thòiseachadh sa chiad dol a-mach ach cha robh iad ach a’ feuchainn ri am beachdan poiliteagach a chur an cèill ann an dòigh dheamocrataich, shìtheil.

Ann an cuid a dhòighean tha eachdraidh Chatalunya caran coltach ri eachdraidh na h-Alba. Cha deach an dùthaich a cheannsachadh gu fosgailte le arm ach beag air bheag chaidh a shùghadh a-staigh dhan Spàinn mar a chaidh Alba a ghabhail a-steach le impireachd Bhreatainn.

Ann an 1412 chaidh prionnsa Castalanach a thaghadh na rìgh air Aragon agus ann an 1479 phòs fear den t-sliochd aigesan ban-oighre rìgh Chastilla is chaidh an dà dhùthaich aonadh ged a chum iad am pàrlamaid aca fhèin. Smaoinichibh air Aonadh nan Crùn againne ann an 1603. Ann an 1714 an dèidh cogadh far an robh muinntir Chatalunya air taic a chumail ri teaghlach rìoghail eile, chuir an rìgh a choisinn às don phàrlamaid is gach còir eile a bha aig Catalunya. Smaoinichibh air 1707 agus 1745 againne còmhla. Agus anns an dàrna leth den 19mh linn, dh’fhàs gnìomhachas is malairt gu mòr ann an Catalunya - coltach ri Alba. Ach bha buaidh Cogadh Catharra na Spàinne 1936-39, far an do strì na Catalunyanaich ann an adhbhar an riaghaltais dhlighich, coltach ri buaidh a’ Chogaidh Mhòir, 1914-1918, oirnne, crìonadh obrach is bochdainn. Ach sin far a bheil ar n-eachdraidh a’ dealachadh. Cha do dh’fhuiling Alba murt is àr mar a thàinig mar thoradh air buaidh Fhranco. Mhair an geur-leanmhainn seo an aghaidh dhaoine a chath airson deamocrasaidh gu ruige na 1950an co-dhiù. Is cò oighre pàrtaidh Fhranco ach Mariano Rajoy is am Partido Popular.

Tha ceìst na cànain cudromach cuideachd. Buinidh Català do theaghlach Laidinn a tha a’ sìneadh bho a dachaigh san Ròimh gu ruige Portugal san iar agus Normandie san tuath. Ach tha an dà impireachd, an Fhraing is an Spàinn air feuchainn ri cur às do chànain sam bith ach cànain a’ cheann-bhaile, Fraingis is Spàinnis – is feumar cuimhneachadh gu bheil pàirt de Chatalunya ann an earra-dheas na Frainge timcheall Perpinyà, a bharrachd air na h-àiteachan eile leithid València is eileanan mar Mallorca, Menorca is Evissa. Tha fèin-aithne cheart cho cudromach san t-srì aca is a tha còraichean eaconomach is poilitigeach.

Ach co-dhiù, puingean eachdraidheil agus cultarail gu aon taobh, tha e coltach gur e a’ chùis an-dràsta gu bheil eagal am beatha air riaghaltas na Spàinne. Bha na dealbhan a chunnaic sinn anns na meadhanan còrr is seachdain air ais a’ dèanamh soilleir gu bheil riaghaltas Rajoy deònach rud sam bith a dhèanamh – ge bith dè cho mì-laghail neo cho cunnartach ‘s a tha e – gus Catalunya a chumail mar phàirt den Spàinn, agus bu choir dragh a bhith oirnne ann an Alba, agus air a’ chòrr den Roinn Eòrpa, gum fàs cùisean cho dona nach bi smachd aig duine sam bith orra tuilleadh.

GLOSSARY:
Bun-reachd – constitution
Cumhachd – power
Fòirneart – violence
Caismeachd – protest
Innleachdan Cealgach – underhand tactics