THA luchd Brexit daingeann nam beachd gun tèid aca air còrdaidhean malairt nas fheàrr fhaighinn airson na RA ach chan eil an t-AE deònach air facal a ràdh mu dheidhinn malairt mus freagair an RA trì ceistean: dè tha sibh deònach air pàigheadh, dè thachras dha na saoranaich Eòrpach a tha a’ fuireach anns an RA an-dràsta, agus dè mu dheidhinn Èirinn?

An ath-mhìos, coinnichidh Comhairle na h-Eòrpa agus feumaidh an RA dearbhadh gu bheil iad air na trì ceistean a fhreagairt. Tha coltas a-nis ann gur i an treas ceist an cnap-starra as motha dhiubh. Cho luath ’s a thachras Brexit, bidh crìochan ùr aig an AE agus ’s ann air an eilean sin a bhios iad.

Chan fheum a’ cheist a bhith cho doirbh ge-tà. Nan robh Riaghaltas Bhreatainn deònach air aideachadh gu bheil Èirinn a Tuath ann an suidheachadh sònraichte, b’ urrainn dhaibh leigeil leis a’ cheàrnaidh fantainn taobh a-staigh an aonaidh-chusbainnean agus a’ mhargaidh shingilte nuair a dh’fhàgas an corr den RA iad. Anns an dòigh sin, dh’fhaodadh na crìochan eadar na sia conntaidhean agus a’ Phoblachd fantainn cho fosgailte is a tha iad an-diugh.

Bu chòir gum biodh e soilleir gum biodh crìoch na bu chuingichte gu math connspaideach agus cunnartach fiù ’s, ach ghabhadh seo a sheachnadh, ma tha Riaghaltas Bhreatainn deònach sin a dhèanamh. Ach cha bhiodh e furasta agus chan eil iad air dad de dh’obair rannsachaidh a dhèanamh fhathast.

Tha fios againn gu bheil mu 300 slighe far an tèid agad air siubhal thairis air a’ chrìoch seo. Chaidh a dhearbhadh an t-seachdain-sa nach eil Oifis na Dùthcha air comhairle fhaighinn mu dheidhinn na crìche. Chan eil fhios aca dè na rathaidean as trainge, no cuin as trainge a bhios iad no dè dìreach cho trang is a bhios iad aig na h-amannan sin, agus cha b’ urrainn dhut an rannsachadh sin a dhèanamh taobh a-staigh seachdain no dhà.

Tha fios gu bheil cuid de na rathaidean seo gu math trang. Tha tòrr de na bailtean-mòra ann an Èirinn a Tuath faisg gu leòr air a’ chrìoch is gu bheil e furasta a bhith a’ fuireach anns a’ Phoblachd agus ag obair ann an Doire no An t-Iùr no Àrd Mhacha. Tha gnìomhachas tuathanachais cudromach anns gach conntaidh air gach taobh den chrìch.

Cha chuala mi dad bhon Riaghaltas Aonaichte no luchd Brexit anns na meadhanan a fhreagradh na ceistean seo agus a rèir na tha Riaghaltas Phoblachd na h-Èireann ag ràdh, chan eil freagairtean aig Westminster.

Feumar cuid den choire a chur air an DUP airson na staing seo. Tha na Tòraidhean an eisimeil na bhòtaichean aca ann an Taigh nan Cumantan agus chan eil an DUP deònach air taic a thoirt do rud sam bith a bheireadh sgaradh eadar an Rìoghachd Aonaichte agus Èirinn a Tuath. Sin na tha iad ag ràdh co-dhiù.

Oir, mar-thà tha Riaghaltas Èireann a Tuath air atharrachaidhean a thoirt a-steach gus ceanglaichean a bhrosnachadh eadar an eaconomaidh acasan agus eaconomaidh na Poblachd. Tha iad air cumhachdan a bharrachd fhaighinn aig Stormont gus seo a dhèanamh, leithid cumhachd thairis air Cìs Luchd-siubhail Adhair. Cuideachd tha an DUP deònach gu leòr eadar-dhealachaidhean a bhrosnachadh eadar Èirinn a Tuath agus Breatainn, mar eisimpleir ma tha thu a’ sireadh casg-breith no banais-gèidh, chan fhaigh thu a leithid anns a’ cheàrnaidh sin.

Tha Èirinn a Tuath fhathast ann an suidheachadh cugallach. Le bhith a’ coimhead air ais air mar a chaidh an t-sìth a chruthachadh anns an dùthaich, tha e na chuideachadh dhuinn cuid de na cnapan-starra a thuigsinn a bhios romhainn. Leugh mi an t-seachdain-sa “Making Peace”, leabhar a sgrìobh an Seanaiche George J Mitchell, a bha na chathraiche aig na coinneamhan a chruthaich Aonta Dihaoine na Ceusta.

Thòisich na coinneamhan sin ann an 1995. Às aonais a’ cho-obrachaidh bho na Tòraidhean, cha bhiodh iad air an t-Aonta fhaighinn ann an 1998. Bha Riaghaltas John Major, aig an àm an eisimeil taic bhon UUP ann an Taigh nan Cumantan, ach cha do chuir sin stad air. Cha robh ùidh a’ chòin aig an DUP anns an Aonta agus mhol iad dhan luchd taic aca gun robh còir aca a bhith ga dhiùltadh nuair a chaidh reifreann a chumail air ann an 1998. Cha do dh’èist muinntir Èireann a Tuath riutha an uair sin agus cha bu chòir do Riaghaltas Bhreatainn a bhith ag èisteachd riutha an-diugh.

Tha e coltach gu bheil Riaghaltas May cho lag is gu bheil iad gus dèanamh na tha an DUP ag iarraidh. Cha bu chòir dhaibh. Aig a’ char as fhaide, mairidh an Riaghaltas seo gu ruige 2022. Bidh aig a’ chòrdadh ùr mu na crìochan seo ri maireachdainn fada nas fhaide na an suidheachadh neònach seo.