THIS week the leader of one of the richest countries on earth criticised the some of the poorest for being poor. Not only has Haiti, which Trump singled out for criticism, had to endure a succession of natural disaters but it’s history has been blighted by American occupation, interventions and embargoes, stretching back to its revolution. The Republican Party knew who Trump was and what his values were when they backed him, and their continued support despite his increasingly open espousal of racist views is not only morally reprehensible but actively endangers the future of their own republic.

AN t-seachdain sa, chleachd Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte abairt glè gharbh, a-rithist agus a-rithist, gus magadh a dhèanamh air grunn dhùthchannan. Dh’aithris corr is aon neach a bha an làthair aig a’ choinneimh gun do chleachd an Ceann-suidhe an abairt a-rithist agus a-rithist, agus ann am brath-naidheachd a sgaoil sgioba Trump cho luath ’s a nochd an naidheachd seo, cha deach iad às àicheadh gun tuirt e sin. Tha iad a-nis ag ràdh nach tuirt e sin ach aig an ìre-sa, às dèidh bliadhna de bhreugan carson a bu chòir dhuinn an creidsinn?

Am measg nan dùthchannan air an do rinn Trump tàir bha Poblachd Haidhti. A’ bruidhinn air na h-ìrean de dh’imrichean agus de dh’fhògarraich a thàinig bhon dùthaich sin chun na Stàitean, dh’fhaighnich e:“A bheil feum sam bith againn air barrachd Haidhteach?”

’S e an dùthaich as bochda anns An Leth-chruinn Siar a th’ ann an Haidhti. Dìreach an deireadh-seachdain sa, bhathar a’ comharrachadh ochd bliadhna on a sgrios crith-thalmhainn uabhasach a’ Phoblachd ann an 2010. Mharbhadh co-dhiù corr is 100,000 neach. An uair sin, a’ bhon-uiridh chaochail corr is 500 neach nuair a bhuail Huracan Matthew an dùthaich. Dh’fhàg an doineann mu 35,000 neach gun dachaigh.

Fiù ’s ro na tachartasan uabhasach sin bha Haidhti na dùthaich bhochd. Ged a tha iad air a bhith mì-fhortanach, agus cò chanadh nach eil iad, chan e sin an sgeul air fad. Aig cridhe eachdraidh Haidhti tha impireileas agus gràin-cinnidh.

Cho luath ’s a fhuair Poblachd Haidhti neo-eisimeileachd bhon an Fhraing ann an 1804, nuair a shoirbhich leis an rèabhlaid aca, chur iad às do thràilleachd. Chur a’ phoblachd bheag seo às dhan chleachdadh olc deicheadan mus do rinn Impireachd Bhreatainn an aon rud agus còrr is leth-cheud bliadhna ro na Stàitean. Agus chan e a-mhàin gun d’ fhuair na tràillean saorsa, fhuair iad cuideachd còraichean co-ionann ri saoranaich gheala Haidhti.

Fiù ‘s ged a bha rèabhlaidean anns na Stàitean agus an Fhraing air soirbheachadh agus cruthachadh poblachd ùr beagan bliadhnaichean roimhe, bha iad fhathast airson Poblachd Haidhti a pheanasachadh air sgàth ’s gun do shaor iad nan tràillean. Cha robh na dhà dhiubh no Impireachdan Bhreatainn agus na Spàinn – is mar sin na ceithir dùthchannan as cumhachdaiche air an t-saoghal aig an àm – deònach aithneachadh neo-eisimeileachd na dùthcha agus chur iad uile casg-malairt oirre.

Nan robh Poblachd Haidhti air soirbheachadh mar dùthaich, cha b’ urrainn do dh’impireachdan an latha ràdh nach robh comas aig daoine dubha an riaghladh fhèin gu sìtheil. Dh’fheumadh na h-impireachdan a’ bhreug sin. Chuir Poblachd Haidhti an neart, am beartas agus an fheallsanachd aca ann an cunnart. Agus mar sin sgrios iad Haidhti.

Agus dìreach mar fada cus de dhùthchannan a fhuair neo-eisimeileachd bho impireachdan, tha eachdraidh aca anns am 20mh linn cuideachd làn deachdairean, a fhuair taic bho na Stàitean, fòirneart agus bochdainn.

Cuiridh mi geall nach eil Trump eòlach air an eachdraidh seo. Agus mar gach neach gràin-cinnidheach riamh, chan eil e deònach ionnsachadh. Tha a’ chumhachd an crochadh air aineolas agus eagal agus tha e nas fhasa an dà chuid a bhrosnachadh anns an t-sluagh nuair a tha an sealladh agad fhèin air an t-saoghal agus air dùthchannan an t-saoghail an crochadh air a leithid.

Thuirt Trump gum b’ fheàrr leis gun tigeadh imrich bho dhùthchannan leithid Nirribhidh seach Haidhti. Nan robh Nirribhidh air fulang faisg air na thachair ri Haidhti, ’s dòcha gum biodh cuid dhiubh a’ sireadh tèarmaid anns na Stàitean. Cuideachd cha robh Nirribhidh an-còmhnaidh cho beartach is a tha i san latha an-diugh agus bha uair ann nuair a bha aig imrich bho Nirribhidh ri ìrean àrda de bhochdainn fhulang agus nuair a thog iad orra chun na Stàitean, cha d’ fhuair iad an-còmhnaidh fàilte cho cridheil an sin. Cuideachd, b’ fhiach cuimhneachadh gum b’ e in-imriche a bh’ ann am màthair Trump, a dh’fhàg sgìre agus dùthaich bhochd.

Dh’fhàs cumhachd phoilitigeach Trump bhon an iomairt a thòisich e fhèin gus teagamhan a thogail mu dhèidhinn cò às a bha Obama. ’S e iomairt ghràin-cinnidheach a bh’ ann ach fhathast bha am Pàrtaidh Poblachdaich deònach gabhail ri Trump mar cheannard agus bha gu leòr de luchd-bhòtaidh na dùthcha deònach a thaghadh. Cha bhiodh Trump na cheann-suidhe na aonar. Tha e feumach air, gach latha anns an dreuchd sin air luchd-taic a tha deònach aontachadh leis na breugan aige.

Nuair a shoirbhich na Stàitean leis an rèabhlaid aca fhèin – rèabhlaid nach tug aon chòir a bharrachd dha na tràillean no na tùsanaich aig an àm - dh’fhaighnich cuideigin ri Benjamin Franklin dè seòrsa riaghaltas a bh’ aca a-nis. A-rèir na sgeòil, fhreagair Franklin “Poblachd, mas urrainn dhuinn tè a ghleidheadh.” An urrainn? Tha Trump agus a chuideachd anns a’ Phàrtaidh Poblachdach air a’ cheist sin a chur air na Stàitean ann an dòigh nach deach iarraidh orra bhon a’ Chogadh Chatharra. Tha mi an dòchas gun soirbhich leothasan a tha a’ strì an aghaidh a’ bhodaich chlaon-bhreithich chunnartaich agus a’ ghràisg mun cuairt air.

GLOSSARY:
Poblachd Haidhti – Republic of Haiti
Gràin-cinnidheach – racist
An Leth-chruinn Siar – Western Hemisphere
Tràilleachd – slavery