GED nach biodh e furasta do chuid a bhith ga aideachadh, tha boireannaich air a bhith an sàs ann am poileataigs bho thùs. ’S dòcha nach robh an saothar aca an còmhnaidh cho follaiseach sin ach ciamar a b’ urrainn dha bhith? Cha d’ fhuair a’ mhòr-chuid de bhoireannaich a’ bhòt gu 1928. Mar chomharrachadh air Latha Eadar-Nàiseanta nam Ban an t-seachdain seo chaidh, thug mi sùil air cuid de dhòighean san robh boireannaich an sàs mus d’ fhuair iad cothrom na sgìrean aca fhèin a riochdachadh neo inbhe Prìomh Mhinistear na dùthcha a ruighinn, gu dearbh! Tha sinn tric air cluinntinn mu na boireannaich a rinn ainm mòr dhaibh fhèin gu poblach ann am poileataigs a leithid, Emmeline Pankhurst ach bha cumhachd air choreigin riamh againn, gu falaichte, ann an saoghal poileataigs. Chan eil mi idir airson dì-meas a dhèanamh air clach-mìle cead-bhòtaidh nam ban ann an 1918 agus gu h-àraid ann an 1928, ach saoilidh mi gun robh barrachd cumhachd againn na bha cuid an dùil fada mus d’ fhuair sinn cothrom ar beachdan a thaisbeanadh don mhòr-shluagh.

Mar eisimpleir, bha lìonrachadh riamh cudromach ann an saoghal poiliteagach agus bhiodh dinnearan is dannsaichean is coinneamhan air an cumail gus daoine a tharraing ri chèile. Bha aoigheachd an teis-meadhan saoghal beusach na naoidheamh linn deug agus b’ ann air na boireannaich a bha an dleastanas na cuirmean ud a chur air dòigh. Cuirmean a dh’adhbhraich ceanglaichean ùra eadar luchd-poileataigs agus, gu tric, a dh’atharraich slighe eachdraidh.

Bha na buidhnean gràdh-daonnachd cuideachd nan deagh chothrom do na boireannaich a dhol an sàs ann am poileataigs. Bhiodh bochd is beartach os cionn buidhnean Crìosdail, buidhnean a bheireadh cobhar do na daoine bochda, iomairtean an aghaidh tràilleachd agus a leithid. B’ ann mar seo a fhuair iad cothrom agus eòlas a bhith an sàs ann am beatha phoblach.

An-diugh, ged a tha a’ mhòr-chuid de bhoireanaich ag obair, chanadh na sàr-bhùthan gur iad fhathast a nì a’ chuid as motha de cheannach. Mar sin, dh’fhaodadh iad buaidh a thoirt air beachdan a’ mhòr-shluaigh nam biodh, mar eisimpleir, faireachdainnean làidir aca mu chòirichean bheathaichean no air companaidh a tha an sàs ann an sgainneal. Ach bha iad an sàs ann an aimhreit-bìdh anns na linntean a dh’fhalbh cuideachd nuair nach b’ urrainn dhaibh an teaghlach aca a bhiadhadh. Fhad ’s a tha sinn a-mach air rudan a sheachnadh, dh’fhaodadh boireannaich ghlice a bhith poileataigeach gun a bhith a’ dèanamh ùpraid! Prìsean a’ bhus air fàs ro àrd? Choisicheadh iad. Cìsean-bìdh gun chiall? Cha cheannaicheadh iad an tì neo an t-uisge-beatha no stuth sam bith eile air an robh cìs mhì-reusanta.

Nas fharsainge buileach, chithear boireannaich an sàs ann am Blàr a’ Chumhaing agus strì fearainn eile air feadh Alba, a’ sgiùrsadh nam bàillidhean a-mach às na bailtean aca.

Mus robh guth aca sa Phàrlamaid chaidh iad an sàs ann an stailcean agus iomairtean poilitigeach eile. Ann a bhith a’ comharrachadh Mary Barbour an t-seachdain seo chaidh, ’s fheàrr dhuinn cuimhneachadh air na rinn i. Chaidh i an sàs ann an stailcean ach stiùir i cuideachd buidheann de bhoireannaich Bhaile a’ Ghobhainn a’ togail fianais mu àrdachadh màil san sgìre ann an 1915. Bha buaidh aig an stailc seo air atharrachaidhean san lagh air ìrean màil rè a’ Chogaidh.

Feuch nach dìochuimhnich sinn na bana-ghaisgich a bha an sàs ann am poileataigs an latha tro bhàrdachd agus òrain. Bha Màiri Mhòr ainmeil mar thè a thug spionnadh do na croitearan èirigh an aghaidh nan uachdaran agus an riaghaltais gus an còraichean

a dhìon. Bha i fhèin na pàirt cudromach den iomairt Phàrlamaid aig Teàrlach Friseal Mac an Tòisich. Am measg luchd-ceàirde agus luchd nam factaraidhean, bha iomadh tè ann a dh’fhoillsich bàrdachd ann am pàipearan-naidheachd agus leabhraichean-aithris a’ moladh obair nam ban. Bu tric a sgrìobh iad fo ainm-brèige gus am biodh a’ bhàrdachd aca co-ionnan ri bàrdachd nam fear.

Suas chun an latha an-diugh, tha buaidh aig na boireannaich air beatha na dùthcha. Tha fhios gun do leugh sibh mar a nochd Nicola Sturgeon agus Mhairi Black aig mullach liosta de na boireannaich a bu bhuadhmhoire ann am Breatainn.

Gu dearbh, tha e math gu bheil daoine ag aithneachadh cho iomraiteach ’s a tha na boireannaich air an liosta – agus na boireannaich nach eil. Cha chreid mi gun do thuig na fireannaich aig toiseach na naoidheamh linn deug gun robh cumhachd aig boireannaich ann am poileataigs ach tuigidh iad an-diugh cho comasach ’s a tha na boireannaich agus chan ann dìreach air Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a tha mi a-mach. Bha sinn riamh an sàs sa ghnothach is cha chuir duine stad oirnn a-nise. Chan eil mise cho pongail ris a’ bhan-Sgitheanach eile a tha sin, Màiri Mhòr, ach fàgaidh mi sibh leis na faclan aicese: Nis, cuimhnichibh ur cruadal, is cumaibh suas ur sròl…”