AN t-seachdain sa chaidh fhuair pàrantan Tamir Rice litir ag innse dhaibh gun robh Baile Mòr Cleveland gus cùis-lagha a chur air chois gus $500 fhaighinn bhuapa gus pàigheadh airson seirbheisean a thug carabad-eiridinn dham mac, a chaidh a mharbhadh nuair a loisg dithis phoileas air. Bha gunna dèideige aig Tamir, agus bha e a’ cluich ann am pàirc phoblach aig an àm. Cha robh e ach 12 bliadhna a dh’aois.
Cuideachd, an t-seachdain sa, nochd film goirid air leth drùidhteach, a’ toirt taic do Bhernie Sanders, far am faicear nighean Eric Garner a’ bruidhinn ma beatha a-nis, bliadhna às dèidh dha h-athair a bhith air a mharbhadh le poilis air sràidean Nuadh Eabhrac. Tha an teans gun tèid do mharbhadh leis na poilis a naoi uiread nas àirde mas e fear dubh a th’ annad eadar 15 agus 34 an coimeas ri fear geal den aon aois. Tha am film a’ sealltainn cho furasta ’s a tha e dhuinne na h-àireamhan seo a leughadh agus dìochuimhneachadh gu bheil buaidh bhuan gach bàis air teaghlach agus coimhearsnachd.
Tha eachdraidh leth-bhreith agus gràin-chinnidh fhathast a’ toirt droch bhuaidh air an dùthaich air fad agus ann an iomadach dòigh eile. Ann am Flint, Michigan, baile mòr far a bheil a’ mhòr-chuid den t-sluagh bochd agus dubh, tha uisge làn luaidhe air àireamhan mòra a phuinnseanachadh. A dh’aindeoin ’s gun deach gairm a thogail mu cho salach is tha an t-uisge dà bhliadhna air ais agus a dh’aindeoin ’s cho eòlach ’s a tha sinn air a’ chron a nì luaidh, an-diugh thathar a’ tomhas gu bheil eadar 6,000 agus 12,000 neach-cloinne anns a’ bhaile mhòr air uisge truaillichte òl. Chithear ann am Flint toradh deicheadan de phoileasaidhean taigheadais gràin-chinnidheach agus tha e doirbh a dhol às àicheadh gun leigte leis a leithid tachairt ann an baile mòr beartach is geal.
’S e daoine dubha a th’ ann an 60% de phrìosanaich anns an t-siostam gainntire as motha air an t-saoghal, ann an duthaich far nach eil iad a’ riochdachadh ach 12% den t-sluagh. Nuair a thilgeas dùthaich sam bith air falbh a leithid de bheathannan agus tàlantan, chan eil e comasach dhuinn tomhas dìreach na tha iad, agus an t-saoghal air fad, air a chall.
Am mìos seo, comharraichidh na Stàitean agus Canada, agus mar sin an t-eadar-lìon, Mìos Eachdraidh nan Daoine Dubha. Chan e iomairt ùr a th’ ann idir ach am-bliadhna tha e soillier dìreach cho feumach is a tha an saoghal air a leithid.
Tha e fada ro fhurasta dhuinne smaointinn gur e dìreach cùis a bhuineas dha na Stàitean a th’ ann an gràin-chinnidh, no nach eil dleastanasan no fiù ’s còir aig daoine geala ann an Alba comharrachadh Mìos Eachdraidh nan Daoine Dubha. Ach tha sin ceàrr.
Tha a’ bhuaidh a th’ aig gràin-chinnidh fhathast ri fhaicinn air feadh an t-saoghail air fad. Tha buaidh colonachd agus malairt nan tràillean, dà iomairt stèidhichte air gràin-chinnidh, fhathast a’ toirt buannachdan dha na dùthchannan ciontach agus fhathast a’ dèanamh cron air na dùthchannan a dh’fhuiling
Mar eisimpleir, ann an Kingston, Diameuga, ’s e Caimbeul an sloinneadh as cumanta, agus chan ann air tàilleibh ’s gu bheil na sinnsearan aca air fad a’ buntainn do dh’Earra-Ghàidheal. Mus do ghabh Malcolm X litir mar shloinneadh b’ e Little an t-ainm a thug cuideigin geal air na sinnsrean aige. Nuair a thug Caimbeulach air choireigin, agus gu leòr Gàidheal agus Albannach eile, na h-ainmean aca dha na tràillean, ghoid iad bhuapa an dualchas agus an eachdraidh a bha air cùlaibh nan ainm. Chan e a-mhàin dualchasan, cànanan is cultaran a ghoid muinntir nan Impireachdan Eòrpach bhon dà chuid na h-Afragannaich agus Tùsanaich an t-Saoghail Ùir; chaidh stòrasan nàdarra a chreachadh, àrainneachdan a mhilleadh agus milleanan thar mhilleanan de dh’uairean saothrach a ghoid.
Is cinnteach gun nochd ceistean doirbhe aig Albannach sam bith a tha deònach beagan rannsachaidh a dhèanamh mar phàirt de Mhìos Eachdraidh nan Daoine Dubha. Chaidh mi fhìn do dheagh sgoil ainmichte às dèidh fear a bha an sàs ann am Malairt nan Tràillean, oir cha b’ e Seumas Gilleasbuig fhèin a chuir an tombaca a reic e gus fortan a chosnadh, pàirt den fhortan a chleachdadh gus sgoil fhosgladh.
Tha eachdraidh an linn sa-chaidh làn eisimpleirean, leithid an strì eadar-nàiseanta an aghaidh Apartheid ann an Afraga a Deas far an tug iomairtean ann an dùthchannan air feadh an t-saoghail buaidh air stad siostam mì-chothromach is olc. Ann an linn an eadar-lìn, tha e nas fhasa buileach an leithid a dhèanamh. Tha dleastanas oirnn uile ionnsachadh mu na tha a’ dol air feadh an t-saoghail agus taic a thoirt ann an dòigh nas làidire agus nas èifeachdaiche na ath-tweeteadh. Tha iomairtean leithid Mìos Eachdradh nan Daoine Dubha na dheagh bhrosnachadh airson seo.
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here