While tourism clearly brings some benefits it needs to be carefully managed and it feels like in Edinburgh that is not happening. New hotels are being built for tourists while the local housing market gets only more pressurised. Shops in the town are replaced by ones only selling souvenirs. Even the tram which will get you to the Airport but not Leith shows where the priorities of the city seem to lie.

CHAN eil an Lùnastal oirnn fhathast, mìos nam fèisean mòra, agus cha mhòr gun tèid agad air a dhol sìos Sràid a’ Phrionnsa, gun luaidh a thoirt air a’ Mhìle Rìoghail leis cho trang ’s a tha iad. Tha sràidean Dhùn Èideann a’ fàs nas trainge gach samhradh, agus ged a bhiodh cuid toilichte mu dheidhinn, chan eil a h-uile duine.

Bidh taighean-òsta ùra gan togail fad an t-siubhail is gainnead uabhasach taigheadais airson muinntir a’ bhaile fhèin. Gach bliadhna, dùinidh barrachd bhùthan agus nan àite fosglaidh feadhainn nach bi a’ reic ach sgudal do luchd-turais. Tha an trama a’ dearbhadh cò aig a tha prìomhachas – thèid thu dhan phort-adhair bhon bhaile ach chan urrainn dhut a dhol a Lìte. Uaireannan tha coltas ann gur ann dhan luchd-turais a-mhàin a tha an t-àite air fad, agus coma leat mu na tha a’ fuireach anns a’ bhaile fad na bliadhna.

Mar sin, bha mi toilichte cluinntinn na bu thràithe sa bhliadhna gun do bhòt Comhairle Baile Dhùn Èideann airson coimhead air ciamar a thòisicheadh iad airgead a thogail bho chìs turasachd anns a’ bhaile-mhòr. Is fhada on a chaidh a leithid a mholadh agus tha a’ Chomhairle den bheachd gun togadh a’ chìs £11m gach bliadhna.

Ach an t-seachdain-sa rinn Fiona Hyslop, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultar, Turasachd agus Chùisean Taoibh A-muigh, càineadh air Ceannard na Comhairle agus ball den aon phàrtaidh rithe, Adam McVey, air Twitter, leis mar a sgrìobh esan gu robh iadsan deiseil gus cìs turasachd a thoirt a-steach an ath-bhliadhna. Thog ise a’ phuing nach eil plana deiseil aca airson sgaoileadh gu poblach agus nach robh Riaghaltas na h-Alba air obair a dhèanamh còmhla ri Comhairle Baile Dhùn Èideann gus fear a lorg air a leithid de rud. Uill bu chòir dhaibh sin a dhèanamh, agus mura h-eil iad air sin a dhèanamh, cha bu chòir dhaibh a bhith cho pròiseil mu dheidhinn.

Mar as trice ’s e cìs de mu not no dhà air gach oidhche a chuireadh tu seachad ann an taigh-òsta no ostail a tha ann an cìs-luchd turais. Ann an cuid de dh’àitichean ’s ann co-cheangailte ris an àireamh de rionnagan a tha aig an àite-chòmhnaidh, ’s mar sin bhiodh agad ri ìre nas àirde a phàigheadh ann an taigh-òsta leòmach an coimeas ri ostail bheag. Cothromach gu leòr chanainn-sa.

Tha cìsean den leithidean gu math cumanta ann an dùthchannan Eòrpach leithid na h-Eadailt agus na Spàinne agus, cho fad ’s as urrainn dhomh faicinn cha do sguir an luchd-turais a thadhal air an Ròimh is Bheinis no air Mallorca is Eivissa.

Thar na bliadhnaichean tha mi air tadhal air iomadh baile-mòr air feadh na Roinn-Eòrpa. Tha fios agam gu bheil cìs luchd-turais aig cuid dhiubh ach cha b’ urrainn dhomh, gun rannsachadh, innse dhut cò na bailtean aig an robh a leithid agus cò aig nach robh.

Chan eil a leithid de chìs ann am baile-mhòr no sgìre sam bith den Rìoghachd Aonaichte an-dràsta, ach bhiodh e doirbh smaointinn air baile-mòr nas freagarraiche airson a leithid fheuchainn na Dùn Èideann. Mar sin ’s e briseadh-dùil a tha ann leughadh gun robh am Ministear na h-aghaidh.

Bha Fiona Hyslop gu math fortanach, nam bheachd-sa, an dreuchd aice san riaghaltas a ghlèidheadh nuair a dh’fhoillsich am Prìomh-Mhinisteir an caibineat ùr aice o chionn beagan sheachdainean. Nan robh mise air mo dhreuchd a ghlèidheadh ann an leithid de cho-theacs cha bhithinn airson aire duine sam bith a tharraing le bhith a’ sabaid gu poblach air Twitter.

Ged a tha cruaidh-fheum aig Dùn Èideann air a leithid, chan i an aon àite ann an Alba far am biodh cìs turasachd freagarrach. Bhiodh a leithid na buannachd mhòr dhan a’ Ghàidhealtachd cuideachd agus dha na h-Eileanan an Iar far a bheil cnap ro mhòr de dh’eaconamaidh na sgìre a’ crochadh air turasachd.

Tha e math faicinn cho soirbheachail is a tha an t-iomairt North Coast 500 air a bhith, ach cha deach na rathaidean ud a chruthachadh airson àireamhan cho mhòr de charbadan. Anns an àm ri teachd bidh againn ris na rathaidean sin a chàradh, air sgàth a’ mhillidh a rinn an luchd-turais orra agus bhiodh e math nam biodh airgead a chaidh a thogail le cìs mar seo air na taighean-òsta air an t-slighe sin aig a’ Chomhairle deiseil gus cosg air.

’S ann do choimhearsnachd ionadail na sgìre a dh’fheumas Comhairlean prìomhachas a thoirt, chan ann do luchd-turais. Cha tig luchd-turais nan aonar. Bidh iad a’ toirt buaidh mhòr ann an dòighean math ach cuideachd ann an dòighean a tha doirbh dèiligeadh ris leis na sgìrean air am bi iad a’ tadhal agus bidh cìs-turasachd ag aithneachadh seo.

Ma tha Comhairle Dhùn Èideann, no comhairle sam bith eile ann an Alba airson cìs ùr a chruthachadh gus airgead a thogail bho luchd-turas, cha bu chòir do Riaghaltas na h-Alba ach an cuideachadh.