Although there is still a way to go, the emergence and popularity of a new Gaelic short film focussing on transgender issues shows we’re making headway in terms of making the Gaelic community a more welcoming place for our LGBT speakers.

BHO chionn seachdain bha FilmG, farpais a bhios a’ brosnachadh dhaoine gus filmichean ùra a chruthachadh, a’ comharrachadh 10 bliadhna on a chaidh a stèidheachadh aig cuirm bhliadhnail anns an Old Fruitmarket ann an Glaschu.

Gach bliadhna, bidh an fharpais a’ tabhainn cothrom do dhaoine a tha airson sgeulachdan inntinneach, cudromach, neo sgeulachdan ùra, cruthachail, a thaisbeanadh. Bha mi fhèin an sàs ann airson grunn bhliadhnaichean ’s mi aig bun- ìre na h-àrd- sgoile. Feumaidh mi aideachadh gur dòcha nach robh iad cho cruthachail neo cho inntinneach sin an uair a bha mise an sàs annta – ’s bha mo chuid cleasachd na bu mhiosa buileach!

Ach am bliadhna, nochd film a chaidh a dhèanamh le sgioba à Oilthigh Napier ann an Dùn Èideann, ag innse stòiridh nach deach riamh roimhe innse air film ann an Gàidhlig. Tha Còig Puing a Trì ag innse mu chuideigin a tha a’ deasachadh airson ‘tighinn a-mach’ do a teaghlach mar bhoireannach tàr-ghnèitheach. Chì thu i, a’ cur maise-ghnùis oirre fhèin, a’ deasachadh sa mhadainn airson an latha mhòir a tha roimhpe. ’S ann tro a sùilean fhèin a chì sinn a turas, is tha am film a’ coimhead air mar tha i a’ fulang le beachdan choigreach agus beachd a peathar fhèin nuair a chì i a bràthair anns an t-seadh ùr seo airson a’ chiad uair. ’S e coigreach eile a dh’fheumas a brosnachadh, ’s i ag innse dhi gu bheil i ‘a’ coimhead àlainn’. Tha i ag innse gur e seo a’ chiad latha a bha i ‘onarach’, ’s gu bheil a ‘falt, fada ruadh’ a’ suidhe mar a bhiodh i ag iarraidh – ‘mar bu chòir’. B’ e seo a’ chiad latha a bha i a’ faireachdainn cofhurtail innte fhèin.

’S e sgeulachd fìor chudromach a tha seo ri innse, is chaidh am film a dhèanamh ann an dòigh gu math simplidh, inntinneach, ach suimeil aig an aon àm. Chan urrainnear ach film suas gu còig mionaidean a chur a-steach dhan fharpais, ach rinn iad an gnothach air sgeulachd shònraichte innse taobh a-staigh na h-ùine, teann ’s gun robh i. Chan e tè thar-ghnèitheach a tha sa chleasaiche fhèin, Lana Pheutan, neo neach sam bith eile san sgioba, ach bha iad uile a’ faireachdainn gun robh an t-àm ann sgeulachd dhe leithid innse tro mheadhan na Gàidhlig, gus còmhradh a bhrosnachadh air cuspairean dhe leithid sa chànan.

Bhuannaich am film trì duaisean air an fheasgar: Film Oileanaich as fheàrr, Cleasaiche as fheàrr (Lana Pheutan) agus, as cudromaiche, Roghainn an t-Sluaigh.

Thuig luchd-amhairc FilmG – agus luchd-labhairt na Gàidhlig sa mhòr-chuid dhiubh – gu bheil an t-àm againn sgeulachdan LGDT (Leasbach, Gèidh, Dà-sheòrsach is Tar- ghnèitheach) innse tro mheadhanan àbhaisteach a leithid bhideo sa Ghàidhlig.

Tha daoine cruthachail eile air guth a thoirt do mhuinntir LGDT sa Ghàidhlig mar- thà, agus Marcas Mac an Tuairneir nam measg. Tha Marcas air dà chruinneachadh de bhàrdachd fhoillseachadh gu ruige seo (Deò, 2013 agus Lus na Tùise, 2016). Tha Mac an Tuairneir cuideachd air ceòl a chuir ri grunn phìosan bàrdachd, a leithid ‘Ainneamhag’ a rinneadh ann an com-pàirteachas ri Màiri Anna NicUalraig, agus a thàing gu aire an t-sluaigh nuair a chualar ann am farpais Sgiath Mhic Shimidh agus Thulaich Bhàrdainn aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2016.

Ann a bhith a’ rannsachadh cuspair na seachdaine, lorg mi làrach-lìn air a bheil geidh.uk, a bhios a sgaoileadh naidheachdan Gàidhlig a tha a’ buntainn ri saoghal LGDT. Chaidh beag-fhaclair a chuir ri chèile cuideachd leis an Dr. Emily NicEòghainn gus faclan ùra a chruthachadh a tha a’ buntainn ri saoghal LGDT. Tha Stonewall cuideachd air na postairean aca eadar-theangachadh dhan a’ Ghàidhlig: “Tha cuid de dhaoine gay. Gabh ris!” ’S iad ceumannan beaga air an rathad cheart a th’ annta seo.

Bu chòir dhuinn, agus chanainn gu bheil dleastanas oirnn, cumail romhainn air an t- slighe air a bheil sinn an seo a thaobh na Gàidhlig. Feumaidh guth a bhith aig muinntir LGDT na Gàidhlig an cuid sgeulachdan innse dhuinn agus ’s e fìor dhòigh èifeachdach a th’ anns na meadhanan-sòisealta gus seo a dhèanamh. Thug am film seo buaidh mhòr orm, an dà chuid air sgàth ’s cho èifeachdach ’s a bha e, ach cuideachd leis cho luachmhor ’s a tha e ann a bhith a’ toirt chuspairean làithreach mar seo am follais sa Ghàidhlig. Feumaidh saoghal na Gàidhlig cumail a’ dol leis na leasachaidhean a tha seo a-nise. Bu chòir dhuinn beachdan adhartach, cothromach a bhrosnachadh gus am bi gnothaichean LGDT mar phàirt de ar beatha àbhaisteach is gus am bi ar luchd-labhairt a tha gèidh no leasbach, dà-sheòrsach, tàr-ghnèitheach, neo ge bith ciamar a tha iad gan aithneachadh fhèin, a’ faireachdainn saor is cofhurtail sa choimhearsnachd againn, ‘mar bu chòir’, mar a chunaic sinn san fhilm.

GLOSSARY:

Dà-sheòrsach – bisexual

Tàr-ghnèitheach – transgender

Ainneamhag – phoenix