CHUALAS naidheachd fìor mhath air an t-seachdainsa – gun deach Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ainmeachadh mar an sgoil a bu shoirbheachaile, agus an t-siathamh sgoil stàite san dùthaich ann an 2017, a rèir an Herald. Bhathar a’ coimhead air a’ cheangal eadar bochdainn na coimhearsnachd; cia mheud sgoilear a bhathar an dùil co-dhiù còig teisteanasan aig àrd-ìre fhaighinn; agus cia mheud a shoirbhich air seo a dhèanamh ann an da-rìribh. Tha 23 sa cheud de sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ fuireach ann an coimhearsnachdan ‘bochda’, agus bhathar ag amas gum faigheadh 37 sa cheud còig àrd-ìrean neo barrachd; shoirbhich le 70 sgoilear sa cheud ann an 2017 còig neo barrachd fhaighinn! Mar sin, tha seo ga fàgail san t-siathamh àite air a’ chlàr, ach sa chiad àite a thaobh mar a rinn na sgoilearan na b’ fheàrr na bhathar an dùil!

Tha seo na theisteanas do shoirbheachas nan sgoiltean Gàidhlig. Ged is ann bho choimhearsnachdan bochda ann an Glaschu a tha cha mhòr cairteal de na sgoilearan, tha iad air àrainneachd a chruthachadh far a bheil e comasach dhaibh soirbheas ann an deuchainnean, cha mhòr, a dhùblachadh.

Tha deagh fhios aig luchd-labhairt na Gàidhlig gu bheil dà-chànanas na bhuannachd dhaibh. Ach, tha e coltach gu bheil a’ choimhearsnachd a bhios sgoiltean Gàidhlig a’ cruthachadh a cheart cho feumail. Saoilidh mise gu bheil seo air piseach a thoirt air soirbheachas na cloinne a thàinig à coimhearsnachdan bochda. Gu dearbh, tha fhios gu bheil bochd is beartach rin lorg anns gach sgìre ann am bailtean-mòra na h-Alba, ach chanainn gu bheil coimhearsnachd Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air cothrom a thoirt don fheadhainn bhochda agus do am pàrantan, a bhith an sàs ann an coimhearsnachd a tha fa-leth bhon tè d’ am buin iad.

Thèid aca air a dhol an sàs ann an cèol, seinn, dràma, bùithtean-obrach agus iomadach rud eile a bhios a’ dol ann an coimhearsnachd na Gàidhlig. ’S dòcha, air a’ chiad sealladh, nach eil seo eadar-dhealaichte bho sgoilearan aig a bheil Beurla a mhàin, ach bheir an fheadhainn a tha os cionn buidhnean Gàidhlig barrachd brosnachaidh do dhaoine a dhol an sàs leis gur e mion-chànan a th’ innte. Bidh seo a’ cruthachadh coimhearsnachd Ghàidhlig anns an tèid aca a bhith an sàs, fa-leth bhon choimhearsnachd Bheurla a bhios aca cuideachd nan sgìrean fhèin.

Bheir a’ choimhearsnachd Ghàidhlig seo iomadh cothrom dhaibh a dhol an sàs sna meadhanan cuideachd (mar eisimpleir, air Dè-a-Nis, Aileag no air prògram Mòid). Bheir seo misneachd dhaibh – ’s e rud sònraichte a bhiodh ann a bhith a’ nochdadh air telebhisean neo a bhith a’ cur ri program rèidio don a’ mhòr-chuid de dhaoine. Tha deagh chuimhn’ agamsa air an latha a nochd mi fhìn, coltach ri iomadh òigear eile, air Dè-a-Nis ’s mi naoi bliadhna a dh’aois no mar sin aig an àm. Latha slàn a’ filmeadh còmhla ri sgioba phroifeiseanta agus prògram dhomh fhèin air an telebhisean – bha mi air bhioran! Thug e misneachd dhomh cumail orm leis a’ Ghàidhlig agus a bhith an sàs anns a’ choimhearsnachd a bha seo, gus barrachd chothroman a bhuain às. Fèineil, ’s dòcha, ach b’ ann mar sin a tha sinn uile aig an aois ud!

Ged is i Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an aon tè aig a bheil àrd-sgoil Ghàidhlig, tha bun-sgoiltean Gàidhlig eile air feadh na dùthcha a’ cruthachadh choimhearsnachdan den aon seòrsa: Bun-Sgoil Ghleann Dàil, Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann, Bun-Sgoiltean Gàidhlig Inbhir Nis agus Loch Abair, agus Bun-Sgoil Phort Rìgh a tha an dùil a dorsan fhosgladh as dèidh na Càisge. Fhuair mi fhìn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am Port Rìgh agus math gun robh seo, bu mhath leam le cinnt gun robh mi air cothrom fhaighinn a bhith ann an sgoil a bha gu tur tro mheadhan na Gàidhlig!

Tha an sgoil ann am Port Rìgh air ceistean a thogail sa choimhearsnachd agus cuid air breithneachadh gum bi sgaradh ann eadar a’ chlann sa choimhearsnachd leis gum bi iad a’ frithealadh diofar sgoiltean. Feumaidh mise seo aideachadh: nuair a bha sinn uile sa bhun-sgoil còmhla, bha riamh beagan de sgaradh eadarainn san sgoil co-dhiù; ‘the Gaelics’ agus ‘the Englishes’. A dh’aindeoin sin, tha iomadh caraid agam bhon sgìre aig nach eil a’ Ghàidhlig, ris an do choinnich mi sa choimhearsnachd neo mar charaidean ùra san àrd-sgoil. Chan adhbhraich e sgaradh idir eadar a’ chlann cho fad ’s nach feuch na h-inbhich air an sgaradh seo a bhrosnachadh.

Mar a thuirt mi mu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, bidh coimhearsnachd aca fa-leth bhon a’ choimhearsnachd àbhaisteach Bheurla aca: coimhearsnachd Ghàidhlig far an tèid aca air soirbheachadh ann an cànan, ann am foghlam agus gu sòisealta – gun ghuth air dè an saoghal às an tàinig iad! Le cinnt, tha seo cudromach don chànan, ach tha e nas cudromaiche buileach don chloinn a bhios ga bruidhinn. An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach, gu dearbh!