AS the Tory government's handling of Brexit raises concerns about the border, it is not surprising that support for Irish unification in Northern Ireland is increasing. Even if an agreement on the border is reached that doesn’t damage the North, the impact of Brexit will make the Republic a more attractive state to be aligned with in the future anyway. As with the Good Friday Agreement, it is possible if enough members of both  communities want it, and there will be changes and sacrifices required of both to make it work.

CHAN eil na Tòraidhean a’ tuigsinn Èirinn a Tuath agus chan eil coltas ann gu bheil iad fiù ’s airson feuchainn. Tha muinntir na sgìre air mothachadh dhan a seo.

A-rèir cunntas-bheachd LucidTalk, nam fàgadh an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach às aonais còrdadh air mar a dhèiligeas iad ris a’ chrìoch eadar a’ Phoblachd agus Èirinn a Tuath, thuirt 48% gum biodh iad airson fantainn taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich tro bhith ag aonachadh leis a’ Phoblachd. Thuirt 45% gum biodh iad airson fantainn còmhla ris an Rìoghachd Aonaichte taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich.

Chleachd Theresa May am fiosrachadh seo ann an coinneamh còmhla ri cuid de Thòraidhean a tha ag iarraidh Brexit cho cruaidh is a ghabhas, Jacob Rees-Mogg agus a chuideachd. Fiù ’s às aonais na fianaise seo, thuigeadh tu gum biodh May teagmhach mu reifreann sam air cuspairean den leithid agus i a’ cuimhneachadh air cho cinnteach is a bha Daibhidh Camshron mun reifreann air Brexit.

Dìreach còig bliadhna air ais cha robh ach 17% airson aonachadh ris a’ Phoblachd, agus 65% cinnteach ag ràdh gun robh iad toilichte mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte. Ach còig bliadhna air ais cha robh Brexit ach na aisling, no trom-laighe, ann an ceann àireamh glè bheag de Thòraidhean.

Feumar cuimhneachadh, a dh’aindeoin na chanas an DUP, nach do bhòt a’ mhòr-chuid ann an Èirinn a Tuath airson Brexit. Ach ’s iadsan a bhios aig cridhe rèiteachaidh sam bith. Mura thèid aig Riaghaltas Bhreatainn còrdadh math gu leòr, no còrdadh sam bith fiù ’s a lorg leis an Aonadh Eòrpach, ’s e Èirinn a Tuath a dh’fhuilingeas an toiseach agus anns na dòighean as miosa.

Tha muinntir Bhreatainn gu h-ìre mhath coma mu dhèidhinn an àite a th’ aig Èirinn a Tuath anns an Rìoghachd Aonaichte. Mar a chaidh aithris anns a’ phàipear seo, thuirt 37% de mhuinntir Shasainn a fhreagair cunntas-bheachd Panelbase nach bhiodh iad deònach Gibraltar a chall airson Brexit soirbheachail an coimeas ri 35% nach biodh deònach Alba a chall. Cha robh an àireamh airson Èireann a Tuath ach aig 31%.

Chaidh an stàit dhan b’ ainm Èirinn a Tuath stèidheachadh ann an 1921. Bha buill-airm aig an dà choimhearsnachd agus bha gu leòr dhiubh deònach an cleachdadh. Tha an dà choimhearsnachd air a bhith teagmhach mu chàch a chèile fad linntean ach tha sìth a-nis air maireachdainn bho na naochadan.

Thàinig crìoch air an linn nuair a bha làmh an uachdair aig a’ choimhearsnachd Bhreatannach thairis air an còrr den sgìre agus is math sin. Tha an saoghal air atharrachadh gu mòr bho 1921, gu h-àraid a thaobh còraichean mion-shluaghan. Chan fheumadh eagal a bhith air Pròstanaich mun na còraichean-daonna aca ann an stàit Èireannach anns an 21mh linn.

Rachadh Èirinn a h-aonachadh ach chan e cùis sìmplidh a bhiodh ann. Cha b’ urrainn dhaibh eisimpleir ath-aonachadh na Gearmailte a’ leantainn airson iomadh adhbhar. Anns an t-suidheachadh sin, cha mhòr nach do ghabh Gearmailt an Iar thairis air Gearmailt an Ear. Cha bhiodh sin freagarrach idir anns an t-suidheachadh seo. Chan eil e ceart feuchainn ri toirt air taobh seach taobh a bhith a’ leigeil seachad a h-uile càil a tha cudromach dhaibh agus na samhlaidhean a tha mar phàirt den fhèin-aithne.

’S e rud a th’ ann an Èirinn a Tuath, sgìre no dùthaich no gu brith dè chleachdas tu air a son, ach ’s e àite fa leth bhon Rìoghachd Aonaichte a th’ innte agus bhon chòrr de dh’Èirinn cuideachd. Dh’fheumadh Poblachd ùr dòigh a lorg leigeil leis a’ choimhearsnachd sin a bhith Breatannach fhathast.

’S dòcha gum faodadh Èirinn pàirt a ghabhail anns a’ Cho-fhlaitheas, buidheann a tha loma-làn phoblachdan anns an latha an-diugh. Aig a’ char as lugha chanainn ’s bhiodh bratach ùr a dhìth orra. Ged a chaidh bratach na Poblachd a dhealbhadh gus an dà choimhearsnachd a riochdachadh agus an geal mar sìth eatarra, ann an sùilean an t-saoghail agus a’ mhòr-chuid chan eil a’ bhratach ach a’ samhlachadh aon choimhearsnachd. Ri linn Aonta Dihaoine na Ceusta, bha aig gach taobh ri atharrachaidhean mòra agus doirbh fhuiling. Bhiodh aca ris an dearbh seòrsa aonta a ruigsinn a-rithist mus rachadh aca air stàit aonaichte a chruthachadh.

Tha atharrachaidhean gus tighinn air Poblachd na h-Èireann co-dhiù. An ceann beagan bhliadhnaichean bidh Baile Àtha Chliath am baile-mòr as mhotha anns an Aonadh Eòrpach far a bheil a’ Bheurla na prìomh chànan. Dh’innis a’ chompanaidh Thomson Reuters an t-seachdain-sa gu bheil iad gus pàirt den chompanaidh aca, a bhios a dèiligeadh le malairt ionmhasail luach $300 billean gach latha, a ghluasad bho Lunnainn gu Baile Àtha Chliath. Cha bhi iad nan aonar.

Fiù ’s ann an co-theacsa Bhrexit soirbheachail, agus chan eil sealladh air a leithid an-dràsta, is cinnteach gum biodh Poblachd na h-Èireann nas beartaiche na tha i, na rud tarraingeach dhan choimhearsnachd a tha dìreach astar dà uair a thìde ann an càr mu thuath air Baile Àtha Chliath.

GLOSSARY:

Ath-aonachadh – reunification
Crìoch – border
Maireachdainn – enduring
Ionmhasail - financial