THA deagh chuimhne agamsa air a’ chiad bhliadhna san oilthigh, ’s mi ann an tallaichean-còmhnaidh còmhla ri caraidean ùra. Leis nach robh uallach obair an oilthigh ro throm oirnn aig an fhìor thoiseach, bhiomaid buailteach a bhith a’ dol a-mach air an oidhche airson hò-ro gheallaidh. B’ e seo an t-àm far am biomaid a’ sireadh na dòigh as fhasa, agus as saoire, buaidh na dibhe fhaireachdainn – agus abair roghainn a bh’ againn de dheoch-làidir shaor eadar Frosty Jack is Crofter’s is Mickey Finn’s. Ach, o chionn mìos a-nis, ann am bùithtean

na h-Alba, tha bun-phrìs air a bhith air deoch-làidir a rèir gach aonad de dh’alcol a tha innte. Agus chuirinnsa mo làn-thaic ri sin. Feumaidh mi ràdh nach bi mi ag òl idir, idir anns na làitheansa, is cuideachd nach bi mi idir ga h-ionndrainn. Ach, chan ann a’ cur sìos air daoine a bhios ag òl fhathast a tha mi idir - cò mi airson a bhith gan càineadh? Bhithinn airson ’s gum biodh daoine na bu mhothachaile air an uidhir ’s a bhios iad ag òl, ge-tà.

Tha ceangal cliùiteach (neo maslach) aig Alba ri deoch-làidir. ’S beag an t-iongnadh: bho ghnìomhachas soirbheachail an uisge-bheatha do na taighean-cèilidh o shean air a’ Ghàidhealtachd agus iomadh partaidh san latha an-diugh far a bheil deoch-làidir aig cridhe na cùise. Ach tha iad seo air deòch-làidir fhighe a-steach do ar beathannan làitheil agus cha chreid mi gur e rud math a tha seo. Ach, an car a thèid san t-seann mhaide, is duilich a thoirt às!

A dh’aindeoin mar a thèid an sean-fhacal sin, tha mi airson taic a chur ris an sgeama seo air sgàth ’s gu bheil mi den bheachd gur e seo a’ chiad cheum ann a bhith a’ feuchainn ri atharrachadh ceart a dhèanamh air an droch cheangal a th’ againn ri deoch-làidir nar dùthaich. Their iad gu bheil e duilich an car a tha sin a chàradh, ach cha tuirtear gum biodh e do-dhèanta. Nis, chan eil mi ag ràdh gur e bun-phrìs fuasgladh slàn na ceiste, ach tha mi ’n dòchas co-dhiù gum bi cuid a bhios ag òl tric, no fiù ’s beagan a h-uile latha, a’ stad agus a’ smaoineachadh air na tha iad a’ dèanamh; gum bi iad na bu mhothachaile air an uidhir ’s a bhios iad ag òl. ’S dòcha gum bi cuid, a tha cleachdte ri bhith tadhal air a’ bhùth oidhche Haoine son botal fìon neo dhà, a’ smaoineachadh: “An robh adhbhar airson àrdachadh prìse mar seo?” no “Am feum seo a bhith agam gach deireadh-sheachdain?” Cò aig a tha fios nach cuir iad aon bhotal air ais air an sgeilp?

’S iad na h-atharrachaidhean beaga seo a nì diofar mòr don chultar ris a bheil sinn cho cleachdte. Do chuid, cuiridh an t-airgead a dh’fheumas iad a chosg air deoch dheth iad, neo bheir e orra meòrachadh air mar a tha i a’ toirt buaidh air am beathannan. Ach, creididh mi nach obraich seo don mhòr-chuid aig a bheil trioblaidean leatha: ma tha cuideigin an eisimeil deoch-làidir, lorgaidh iad dòigh air an deoch fhaighinn a dh’aindeoin na chosgas i, agus adhbhraichidh seo barrachd thrioblaidean dhaibh a thaobh airgid agus slàinte. Is tha e na adhbhar dragh dhomh gu bheil seudar a-nis cha mhòr cho daor ri bhodca. ’S dòcha gun tagh na daoine seo bhodca an àite seudair (agus àireamhan às a’ cheud de dh’alcol tòrr na b’ àirde ann na seudar) air sgàth ’s nach eil mòran diofar sna prìsean.

Tha againn ri dèiligeadh ris na trioblaidean sòisealta agus na bun-chùisean a bhios a’ toirt air daoine a bhith an eisimeil deoch-làidir. Tha an liosta seo gun chrìoch ach dh’fhaodadh slàinte-inntinn, cion airgid, uallach-obrach, droch thaigheadas agus bochdainn am measg iomadach rud eile daoine a thàladh do dheoch-làidir. Ach tha Riaghaltas na h-Alba air dearbhadh dhuinn nach eil àrdachadh nam prìsean ach aon phàirt den fhuasgladh: tha foghlam a thaobh na dibhe agus barrachd taic do dhaoine a tha an eisimeil ri deoch-làidir

riatanach gus piseach a thoirt air a’ chùis.

Gu mì-fhortanach, chan eil mi cinnteach às gun tèid againn air mòran dhaoine a tha an-dràsta an eisimeil ri deoch-làidir a shàbhaladh, gu h-àraid feadhainn a tha air a bhith fo a smachd fad bhliadhnaichean. Ach, ’s ann a bheir na bacaidhean ùra seo buaidh air

na ginealaichean a tha ri thighinn. Tha an t-àm ann an cultar mì-fhalainn seo fhuadach às àn dùthaich, agus thèid againne a bhith nar deagh eisimpleirean do dhùthchannan eile. Ach bu chòir dhuinn a bhith a’ dèiligeadh ris na rudan a dh’adhbhraicheas trioblaidean le deoch-làidir agus a’ feuchainn ri bacadh a chur air na trioblaidean fhèin, an àite a bhith a’ dèiligeadh ris na thachras nuair a gheibh deoch-làidir grèim air daoine: is e seo an ath cheum.