Following the controversial suggestion that Nigel Farage be elevated to the House of Lords, Calum MacLeòid takes a critical look at the whole institution. The angry response to the idea of Lord Farage should be eclipsed by our anger at a system which would see him elevated without any public scrutiny or input into the decision

AM measg glaoiceireachd àbhaisteach PMQs na seachdaine, thug am Prìomhaire seachad freagairt chonnspaideach. Nuair a dh’fhaighnich BP PNA Seòras Kerevan nan robh planaichean sam bith aig an Riaghaltas Nigel Farage àrdachadh gu Taigh nam Morairean, fhreagair i nach e cleachdadh a th’ ann bruidhinn mun an leithid gu poblach.

Dh’adhbhraich seo connspaid agus bu bheag an t-iongnadh. ’S e breugaire gun nàire a th’ ann an Nigel Farage, fear a tha air bliadhnaichean a chur seachad a’ brosnachadh gràin is eagal eadar coimhearsnachdan. Mar as motha tha e air soirbheachadh ’s ann as miosa a tha cùisean air fàs do dhuine sam bith nach eil beartach agus geal. A-nis le Trump an impis gluasad bhon tùr òir oillteil aige chun an Taigh Ghil, tha cuid anns an RA a’ coimhead airson ceangail sam bith ris an lìonradh aige. Mar dhroch-chomharra, tha Mgr Farage air nochdadh cuide ris.

Thuirt Farage nach eil e airson an dreuchd Morair a ghabhail an-dràsta. Nam bheachd-sa ge-tà, cha b’ e sin an rud as miosa mun fhreagairt a thug am Prìomhaire seachad. Bu chòir dhuinn a bhith feargach gu bheil leth de phàrlamaid Bhreatainn, Taigh nam Morairean, gu tur làn le buill nach deach an taghadh leis a’ phobaill.

Chan eil mi ag ràdh nach eil feum air dàrna seòmar air choireigin, ach chan eil leisgeul ann ann an 2016 cumail oirnn le Taigh nam Morairean mar a tha e.

An-dràsta, tha 812 ball ann an Taigh nam Morairean. Le 650 BP ann an Taigh nan Cumantan, tha sin a’ ciallachadh gu bheil Pàrlamaid Westminter nas motha na Pàrlamaid na h-Eòrpa. ’S ann ann an Sluagh-phoblachd na Sìne a lorgas an aon phàrlamaid air an t-saoghal a tha nas motha na Pàrlamaid Westminster.

Tha cuid nam Morairean Aimsireil agus cuid eile nam Morairean Spioradail. Tha na Morairean Spioradail air an àrdachadh thoradh ’s e Easbaigean anns an Eaglais Shasannaich a th’ annta. Tha aon eisimpleir eile air an t-saoghal de phàrlamaid a bheireas seachad ballrachd às aonais taghaidh do mhuinntir na h-eaglaise oifigeile agus ’s e Poblachd Ioslamach Ioràin a th’ ann.

Tha a’ mhòr chuid de bhuill Taigh nam Morairean air an àrdachadh dìreach mar thoradh air deòin an Riaghaltais. Tha an siostam mar a tha e a’ brosnachadh cultar poilitigeach far a bheil dreuchdan mar seo cha mhòr dìreach air an reic agus far am fàs cleachdaidhean coirbe gu furasta. Tha rannsachadh bhon Electoral Reform Society a’ sealltainn, eadar 1997 agus an latha an-diugh, gu bheil 25% den Morairean air an àrdachadh às dèidh dhaibh àite ann an Taigh nan Cumantan a chall no air an dreuchd mar BhP a leigeil dhiubh Am bu chòir do leth den phàrlamaid a bhith na club sòisealta dhaibhsan nach eil comasach air àite ann an Taigh nan Cumantan a ghlèidheadh ann an taghadh?

Leis nach tèid an taghadh gu phoblach, chan fheum iad freagairt dhan phoblach airson nan gnìomhan. Air làrach-lìn pàrlamaid Westminster, air duilleagan nam BP, gheibh thu fiosrachadh air na dòighean as fheàrr teachdaireachd a chur thuca, ach air duilleagan nam Morairean chan eil ann ach aon seòladh post-d agus an aon àireamh fòn dhaibh uile. Chan eil iad a’ riochdachadh roinnean-pàrlamaid mar sin chan eil oifisean aca far an rachadh tu airson bruidhinn riutha.

Dìreach an-uiridh, thàinig Achd ùr a-steach gus cothrom a thoirt do luchd-bhòtaidh droch BhP a chur às a dhreuchd, gun a bhith feitheamh gun tig an ath thaghadh nàiseanta. Tha e ceart gum biodh an leithid ann, chan eil taghaidhean ann anns a’ chiad dol a-mach agus mar sin chan eil dòigh aig an luchd-bhòtaidh cuidhteas fhaighinn de Mhorairean.

Tha gealltainn agus molaidhean airson Taigh nam Morairean ath-leasachadh air a bhith ann airson nas fhaide na ceud bhliadhna. Bho 1997, chaidh gealladh dhuinn aig gach taghadh Westminster gun teidheadh am bùrach seo a sgioblachadh. Tha PNA airidh air moladh airson ballrachd a dhiùltadh anns an siostam seo, agus nan leanadh na Làbaraich agus na Libearalaich an eisimpleir aca bhiodh e fada nas fhasa cuidhteas fhaighinn dhan t-siostam gun fheum a tha seo.

Bu chòir dhaibh an rud air fad a thilgeil air falbh agus leigeil le Morairean sam bith a tha airson fuireach seasamh airson taghadh airson Taigh nam Morairean ùr, le ballrachd fada nas lugha agus gu tur taghta. An fheadhainn a tha comasach agus airidh air an dreuchd chudromach sin, is cinnteach gun soirbhicheadh leotha math gu leòr.

Tha e soilleir nach eil ceangal eadar an àireamh de bhall ann am pàrlamaid agus cho èifeachdach is a tha iad air beachdan an t-sluaigh a riochdachadh. Tha e doirbh càineadh siostam nan Stàitean, no àite sam bith eile, taobh a-muigh na Sìne ’s dòcha, nuair a tha an leithid againn fhìn.

GLOSSARY

Taigh nam Morairean – House of Lords 
Taigh nan Cumantan – House of Commons
Morairean Aimsireil – Lords Temporal
Morairean Spioradail – Lords Spiritual
Sluagh-phoblachd na Sìne – The People’s Republic of China