FOLLOWING the UK government’s announcement of their plans to close half of the Jobcentres in Glasgow, Calum MacLeòid examines their failed approach to welfare reform. The unfair benefit sanction regime makes like a misery needlessly for thousands and it is impossible to reconcile opposition to this regime with support for the union.

THA na Tòraidhean air siostam peanasachaidh a chur an sàs a nì cron air cuid den na daoine às bochda anns an dùthaich.Thèid iadsan a tha an eisimeil JSA am peanasachadh le casg ga chur air an airgead aca airson aig a’ char as lugha ceithir seachdainean.

Thèid am peanasachadh mura thèid aca air nochdadh airson agallamh ann an Ionad-obrach, fiù 's nan robh agallamh aca airson dreuchd aig an dearbh àm. Thèid am peanasachadh airson iomadh adhbhair eile agus uaireannan thèid am peanasachadh thoradh mearachd a rinn cuideigin anns an Ionad-obrach fhèin.

Dh'fhoillsich Oifis Nàiseanta a' Mhodh-sgrùdaidh aithisg an t-seachdain-sa chaidh a sealltainn gu bheil am poileasaidh seo a’ cosg barrachd airgid dhan Riaghaltas na tha iad air sàbhaladh. Dòigh eile air sin ag ràdh, tha sinn a’ pàigheadh ar cìsean gus an riaghaltas a chuideachadh gus beatha mìltean a mhilleadh.

Sheall an rannsachadh aca gun deach 24% dhaibhsan a tha air JSA am peanasachadh co-dhiù uair eadar 2010 agus 2015. Fad bhliadhnaichean, tha an Riaghaltas air innse dhuinn gu bheil an siostam peanasachaidh aca ag obair. Dhearbh an aithisg seo nach e an fhìrinn a th’ aca.

Chan ann mu dhèidhinn a bhith a’ toirt air daoine obair a lorg a tha an siostam seo. Chan eil ann ach aon de na dòighean a th’ aig an Riaghaltas air a’ bhochd a pheanasachadh.

Tha sinn air ionnsachadh an t-seachdain-sa chaidh gu bheil an Riaghaltas gus leth de dh' Ionadan-obrach ann an Glaschu a dhùnadh. Dh'fhàgadh sin cuid de na coimhearsnachdan as bochda anns a’ bhaile às aonais Ionad-obrach. Mar sin is cinnteach gun tèid tuilleadh am peanasachadh a-nis.

Chan iad a-mhàin iadsan a tha gun chosnadh agus a tha an eisimeil JSA a tha air fulang leis an dòigh-obrach seo. Tha mìltean de dhaoine tinn agus ciorramach air na sochairean aca a chall às dèidh agallamhan far an deach co-dhùnadh a dhèanamh gun robh iad slàn gu leòr gus obair a fhaighinn. Tha ceudan air bàsachadh aig an aon àm is tha iad slàn gu leòr airson obair a rèir an Riaghaltais.

Na bu thràithe air a’ bhliadhna, dh’fhoillsich na Dùthchannan Aonaichte aithisg a dhearbh gu bheil poileasaidhean sochairean Riaghaltas Bhreatainn a’ briseadh chòirichean-daonna. Tha an dùthaich seo a-nis na droch eisimpleir dhan t-saoghal agus chan eil na Tòraidhean deònach èisteachd ri fianais a dhearbhas an droch bhuaidh a tha aig na poileasaidhean seo.

Tha na poileasaidhean aca stèidhichte air an fheallsanachd aca. Chan e dùthaich bochd a th' anns an Rìoghachd Aonaichte, chan eil gort ann agus mar sin ma tha sibh a’ fuireach ann am bochdainn chan eil duine sam bith as coireach ach sibh fhèin. Tha gu leòr taobh a-muigh pàrtaidh nan Tòraidhean leis an aon fheallsanachd.

A rèir an fheallsanachd seo, tha daoine an eisimeil sochairean thoradh is gu bheil iad leisg. Nach neònach mar a dh’fhàsas bailtean air fad leisg aig an aon àm cho luatha is a dh’fhàgas gnìomhachas mòr? Abair co-thuiteamas.

Tha cuid ann an Alba nach eil a’ cur taic ris an siostam seo. Tha cuid ann an pàrtaidhean eile, mar na Làbaraich a bhios mi a’ creidsinn nuair a chanas iad gu bheil iad an aghaidh an leithid cuideachd. Ach tro bhith a’ cur taic chun an Aonaidh thug iad taic chun an t-siostam sin.

B' àbhaist dhomh a bhith ag obair ann an oifis BPA agus mar sin tha mise air an t-siostam seo fhaicinn dhomh fhìn. Tha mi air a’ bhuaidh a tha aig fhaicinn chan ann a-mhàin air neach, no teaghlach ach air coimhearsnachdan air fad. Tha bochdainn a’ fàs anns an dùthaich seo agus tha barrachd teaghlaich cho bochd is nach tèid aca biadh gu leòr a cheannach.

Bha mi cho toilichte nuair a nochd am fiolm I, Daniel Blake – gu h-àraid nuair a choisinn e Palme d’Or - oir dh’innse am fiolm sgeul air an robh mise, agus cuiridh mi geal neach sam bith eile a tha air strì an aghaidh an t-siostam pheanasachaidh seo, robh eòlach.

Nuair a bha mise a’ gnogadh dorsan agus ag iomairt airson neo-eisimeileachd, bha mi a’ smaointinn mun bhuaidh a bhiodh aig a leithid de pheanasachadh orm no air mo theaghlach agus sin as coireach is gu deach mi a-mach ged a bhiodh sìde nan seachd sian ann.

Sin as coireach gu bheil e doirbh dhomh maitheanas a toirt dhaibh a tha ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh siostam nas còire agus atharrachaidhean mòra fhaicinn ach a bha deònach bhòtadh airson an aonaidh sin. Ach is ann nas miosa a tha cùisean a’ fàs san aonadh seo seach nas fheàrr agus chan eil coltas ann gun atharraich sin.

Feumaidh sinn sealltainn ri luchd-taic an aonaidh gu bheil roghainn againn agus nach fheum sinn dìreach a’ feitheamh naoi bliadhna gus am bi cumhachd aig na Làbaraich ann an Westminster. Tha Riaghaltas againn ann an Alba deònach siostam nas fheàrr a chur air bhonn ach cho fad 's nach fhaigh Pàrlamaid na h-Alba cumhachdan phàrlamaid neo-eisimeileach chan urrainn dhuinn sin a dhèanamh.

GLOSSARY

Oifis Nàiseanta a' Mhodh-sgrùdaidh – National Audit Office

Ionad-obrach – Jobcentre

Sochairean – Benefits

Na Dùthchanan Aonaichte – The United Nations