The news that the Scotland Office has seen its budget increase while the Scottish Parliament’s budget is cut should not come as a surprise. However, it would take more hiring a few spin doctors to save this outdated union.

CHAIDH fhoillseachadh an t-seachdain sa chaidh gun tàinig àrdachadh de faisg air 20% air buidsead Oifis na h-Alba anns na còig bliadhnaichean a dh’fhalbh. Thàinig am fiosrachadh seo am follais nuair a fhreagair Riaghaltas Bhreatainn ceist a chur Ball Phàrlamaid PNA Margaret Ferrier air. Chaidh buidsead Pàrlamaid na h-Alba a ghearradh 1.9% thairis air an dearbh ùine.

Tha ìrean de chosgaisean conaltraidh na h-Oifise a-nis dà thuras nas àirde na bha iad ann an 2011. Cha bu chòir dha seo a bhith na iongnadh air duine sam bith. Tro iomairt an reifrinn bha e soilleir nach robh ann an Better Together ach aon bhuidhean bheag, agus gur e Riaghaltas Bhreatainn a bha os cionn na h-iomairt gus Alba a chumail taobh a-staigh an Aonaidh. Agus ged nach eil Better Together ann a-nis, tha an iomairt air leantainn, ann an Oifis na h-Alba.

Tha còrr aig an Oifis seo dùnadh. Tha e mar chuimhneachan air linn, nach eil ro fhada air ais, nuair a bha smachd Westminster thar Alba cho làidir is gun b’ urrainn dhaibh an dùthaich a riaghladh le aon oifis a-mhàin. B' fheuch cuimhneachadh cuideachd gu bheil cuid ann an Alba a bhiodh toilichte tilleadh chun an t-suidheachaidh sin.

Ann an Alba neo-eisimeileach, cha bhi feum againn air an leithid agus mar as motha a thèid cumhachd a thilleadh gu Pàrlamaid na h-Alba, ’s ann as lugha a bhios aig Oifis na h-Alba ri dhèanamh. Mar sin shaoileadh tu nach fheumadh iad an uiread de luchd-obrach. Aig a’ char as lugha, ann an co-theacsa Riaghaltas Thòraidheach a tha air barrachd gearraidhean a dhèanamh na Edward Scissorhands shaoileadh tu gun deidheadh buidsead Oifis na h-Alba a ghearradh aig ìre coltach ri cha mhòr gach roinn eile ann an Whitehall. Ach cha deach idir agus, as aonais neo-eisimeileachd, cha tèid.

Coltach ri nàdar de aipeandaig, ged a tha poileataigs Albannach air gluasad air adhart, airson adhbhair air choireigin tha an Oifis seo fhathast mu cuairt. A-nis ge-tà, tha na fiogairean seo air dearbhadh gur e prìomh amas na roinne san latha an-diugh an t-Aonadh a reic dhuinn.

Tha seo furasta fhaicinn bho dhuilleag Facebook oifigeil na h-Oifis, a dh’atharraich ainm air a’ mheadhan sòisealta gu “UK Government for Scotland” ann an 2015. Tha an duilleag seo làn dealbhan is teachdaireachdan ag argamaid an aghaidh neo-eisimeileachd agus a tha feuchainn ri sealltainn gu bheil sinn fhathast nas fheàrr còmhla.

Tha e cudromach aithneachadh nach e suidheachadh àbhaisteach a tha seo. Chan eil an t-aonadh seo ag obair. A bheil oifis anns na Stàitean, no Canada no an Fhraing a chosgas ceudan de mhìltean de nòtaichean gach bliadhna ag innse dhan t-sluaigh cho math is cho làidir is a tha an t-aonadh aca? Cha tèid aig aonadh seasmhach a stèidheachadh no a ghlèidheadh tro phostairean snasail agus faclan faoin.

Chuir na thachair ann an 2014 iongnadh air chuid ann an Westminster agus anns na seachdainean mu dheireadh de iomairt an reifrinn, bha an t-eagal air na Toraidhean a bha a-riamh den bheachd nach robh teans air thalamh gum buannachadh Bu Chòir. Cha robh iad deiseal an turas sin ach tha am fiosrachadh seo mu dhèidhinn Oifis na h-Alba a dearbhadh nach eil iad deònach an dearbh mhearachd a dhèanamh a-rithist. Agus bu chòir dhuinn a bhith deiseal airson barrachd den leithid. Mar-thà, tha Riaghaltas Bhreatainn air fad trang a’ feuchainn ri Brexit a reic dhuinn. Mar sin gheibh sinne ann an Alba an dearbh teachdaireachd uair agus a-rithist: tha sinn nas fheàrr còmhla agus aig an aon àm nas fheàrr nar n-aonar. A bheil sin soilleir gu leòr?

Tha e soilleir do dhuine sam bith a dh’èisteas ri Rùnaire Stàite na h-Alba Daibhidh Mundell, a tha os cionn Oifis na h-Alba, aig Ceistean Albannach, gu bheil esan agus an Oifis a bruidhinn ri Alba as leth Riaghaltas Westminster, seach bruidhinn ris an Riaghaltas as leth Alba.

Aig an ìre seo, bu chòir ro-innleachd nan Tòraidhean a bhith soilleir. Tha iad an còmhnaidh a’ gearain gu bheil na nàiseantaich a’ bruidhinn mu dhèidhinn neo-eisimeileachd fad an t-siubhal, fiù ’s nuair nach tuirt na nàiseantaich smid mu dhèidhinn. Anns an dòigh seo, thèid aca air leantail orra ag iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd aig an dearbh àm is a tha iad ga dhèanamh nas duilghe dha na nàiseantaich fiù ’s am facal a chleachdadh.

Ged a thèid aca air a’ chleas sin a chleachdadh ach airson greis. Chan e ro-innleachd gus an aonaidh seo a shàbhaladh a th’ ann. Chan eil adhbharan airson an aonaidh cho làidir is a b' àbhaist dhaibh a bhith. Mean air mhean tha na ceanglaichean air an gearradh agus cha tèid an càradh le Oifis na h-Alba a-mhàin, ge brith dè cho àrd is a bhiodh am buidsead aca.

GLOSSARY

Oifis na h-Alba– The Scotland Office

Buidsead – Budget

Conaltradh – Communication

Rùnaire Stàite na h-Alba – Secretary of State for Scotland