Jeremy Corbyn’s refusal to back Kezia Dugdale’s plans for a New Act of Union is only the latest example of the dysfunctional relationship between Labour in Scotland and the UK Labour Party. It is time for a separate and independent Scottish Labour party.

CHA robh poileasaidh ùr Kezia Dugdale – gun tèid Achd Ùr an Aonaidh a chruthachadh eadar nàiseanan agus sgìrean na Rìoghachd Aonaichte - ach làithean a dh’aois nuair a chaidh a thilgeil a-mach ann an agallamh le Jeremy Corbyn. Thuirt ceannard a’ phàrtaidh nach robh e den bheachd gun biodh feum air an leithid.

Tha e doirbh fhaicinn ciamar a thoireadh na Làbaraich gu buil an leithid de phoileasaidh. Chan eil Dugdale no Corbyn ann an cumhachd, agus a rèir nan cunntasan-beachd chan eil an latha fàisg nuair a bhiodh iad. Mar sin chan eil cus eadar-dhealachadh ann eadar an Achd seo agus na geallaidhean a thug Gordon Brown seachad mu dhèidhinn feadaraileachd gach uair a thill e le òraid mhòr chudromach.

Ach fiù 's nam biodh Achd Ùr an Aonaidh dìreach na sluagh-ghairm – rudeigin a dhearbhadh gun do mhothaich na Làbaraich dhan spàirn ùr is cunnartach a chur bhòt Bhrexit air na dàimhean eadar an Rìoghachd Aonaichte – bha còir aig Corbyn gabhail ris agus aontachadh gun robh fios aig ceannard a’ phàrtaidh ann an Alba air dè bha a dhìth air muinntir na h-Alba.

O chionn ’s nach b’ urrainn dha Corbyn an aon slugh-ghairm ris a cho-obraiche a chleachdadh, tha e air Dugdale a chur ann an suidheachadh cugallach. Ciamar a thèid aice air poileasaidh ùr sam bith a chur air adhart a-nis, gun chead bho Chorbyn? Tha Corbyn air dearbhadh cò dìreach a tha os cionn a’ phàrtaidh ann an Alba, ach cuiridh mi geall gu bheil gu leòr anns a’ phàrtaidh ann an Alba nach eil toilichte leis an fhreagairt.

Nam bheachd-sa, tha an t-àm ann am Pàrtaidh Làbarach ann an Alba an stèidheachadh mar phàrtaidh neo-eisimeileach agus eadar-dhealaichte bhon phàrtaidh air a bheil Corbyn na cheannard. Dh’fhaodadh iad fhathast taic a thoirt dhan phàrtaidh ann an Westminster, mar a bhios an SDLP an-dràsta.

Abair cothrom a th' aca a-nis airson an leithid a dhèanamh. Tha iad aig ìre cho ìseal anns na cunntasan-bheachd, 15% anns an fhear as ùra agus mar sin feumaidh iad aontachadh gu bheil atharrachaidhean air choreigin a dhìth. Le gach call ann an taghaidhean ann an Alba, bho 2007 air adhart, thuirt iad gun èisteadh agus gun atharraicheadh iad ach chan eil iad air atharrachadh gu leòr gus taic bhotairean ùra fhaighinn.

Ri linn Bhlair, bha am buidheann mun cuairt air loma làn Albannach. Bha Brown, Cook, Campbell, Darling, Alexander, is fiù 's Murphy is McTernan a sealltainn gun deidheadh aig Albannaich air soirbheachadh ann am poilitigs Westminster. Air no gun deidheadh aig fireannaich làbarach Albannach air soirbheachadh ann am poilitigs Westminster, ’s dòcha. An-diugh chan eil ach aon BhP aca ann an Lunnainn, agus tha esan cho faisg ri Corbyn is nach deach aige air dreuchd Rùnaire Dùbhlanach Stàite na h-Alba fhaighinn.

Às dèidh cogadh Ioràc, chaidh tòrr de bhallrachd Làbarach ann an Alba chun PNA. Cha robh pàrtaidh sam bith coltach ri PNA ann an Sasainn is mar sin dh’fhan iadsan a bha den aon bheachd taobh a-staigh a’ Phàrtaidh Làbarach, a’ feuchainn air làmh an uachdair fhaighinn agus shoirbhich leotha le Corbyn. Ann an Alba, thug a’ mhòr-chuid den bhallrachd taic do dh' Owen Jones nuair a sheas e an aghaidh Corbyn agus is beag an t-iongnadh. ’S e freagair do cheist nach deach fhaighneachd ann an Alba a th’ ann an Corbyn.

’S e eag-shiostam a th' ann an deamocrasaidh sam bith, far a bheil slàinte an rud air fad an eisimeil air gach pàirt air an rud air fad. Dìreach mar a dh’fheumas sinn deagh luchd-naidheachd le saorsa agus maoineachadh gus an obair a dhèanamh gu ceart, cuideachd feumaidh sinn pàrtaidhean comasach gu leòr gus argamaidean tarraingeach a thogail an aghaidh a’ phàrtaidh a tha ann an cumhachd. Chan eil na Làbaraich ann an stàid mar sin an-dràsta agus ma mhaireas sin bidh droch bhuaidh aige air na pàrtaidhean eile.

Chan ann mu dhèidhinn feallsanachd a tha seo gu ìre; ’s e ceist àireamhan a th' ann. Mura h-eil bhotairean a’ toirt taic do phàrtaidh eile air an taobh chlì dhan PNA chan eile bhòtaichean rim buannachd ach le bhith gluasad an cuid cànain agus poileasaidhean dhan làimh dheis. ’S dòcha gum biodh sin doirbh a chreidsinn ach tha am Pàrtaidh Làbarach fhèin air taisbeanadh dìreach cho luath is a thèid aig pàrtaidh atharrachadh.

Cha bhi am Pàrtaidh Làbarach gu bràth aig ceann na h-iomairte airson neo-eisimeileachd ach dh’fhaodadh deagh bhuaidh a bhith aca air an t-seòrsa dùthaich neo-eisimeileach a chruthaicheamaid còmhla ge-tà.

Thuirt Dugdale gun robh a’ bhliadhna seo aca, 2017, gus an aonadh a shàbhaladh. Cha chreid mi gun robh i fada ceàrr. Tha sinn fhathast san Fhaoilleach agus tha Corbyn mar-thà air dearbhadh nach eil ùidh aige anns an leithid. Tha dreuchd Dugdale, aon de na dreuchdan as duilghe ann am poilitigs na h-Alba, dìreach air fàs nas duilghe buileach.

GLOSSARY

Feadaraileachd – Federalism

Sluagh-ghairm – Slogan

Eag-shiostam – Eco-system

Rùnaire Dùbhlanach Stàite na h-Alba – Shadow Scottish Secretary