This week Calum MacLeòid looks at the record of Canadian Prime Minister, and internet dreamboat, Justin Trudeau.

ANNS an latha an-diugh, tha e cho furasta naidheachdan fhaicinn air-loidhne ann an cruth bhideothan ghoirid, cuid dhiubh dìreach diogan a dh’fhàid. ’S urrainn dhut faireachdainn gu bheil fios agad dè tha dol, às aonais tadhal air làrach-lìn naidheachdan, no pàipearean-naidheachd a leughadh no na naidheachdan a choimhead air an Tbh. Ach mura a h-eil thu ach a’ leantail nan criomagan seo, gheibh thu sealladh ro shìmplidh air an t-saoghal, mar àite far a bheil cuid de dhaoine, no dùthchannan air fad fiù, gu tur math no gu tur dona, beartach no bochd, sìtheil no borb. Anns a’ chultar fiosrachaidh seo tha e furasta a thuigsinn carson a smaoineachadh cuid gur e gaisgeach a th’ anns a’ Phrìomhaire Chanadach Justin Trudeau.

On a bhuannaich am Pàrtaidh Libearalach an Taghadh Feadarail ann an 2015 agus thòisich Trudeau mar Prìomhaire, tha am pàrtaidh aige air a’ chultar fhiosrachaidh seo a chleachdadh gus deagh ìomhaigh a chruthachadh dhaibh fhèin. Trudeau a’ cur fàilte air fògarraich aig a’ Phort Adhair. E fhèin ag ràdh gur e feimineach a th’ ann. Justin a’ gealltainn barrachd taic airson choimhearsnachdan tùsanaich. Abair gaisgeach, shaoileadh tu.

Chan ann a-mhàin ann an togalach na Pàrlamaid ann an Ottawa a chì thu buaidh stoidhle poilitigs Westminster ann an Canada fhathast, tha iad fhathast a’ cleachdadh an aon dòigh-bhòtaidh, siostam àireamh bhòtaichean as motha. Gheall Trudeau fhèin agus a phàrtaidh ann an 2015 gun cuireadh iad às dhan dòigh-bhòtaidh sin agus gur iad sin na taghaidhean mu dheireadh anns an cleachdadh iad an siostam àireamh bhòtaichean às motha. Ach a-nis, às dèidh an dleastanas airson an t-siostaim atharrachadh agus a ghluasad gu comataidh, agus an uair sin gu co-chomhairleachadh poblach, tha e a-nis air co-dhùnadh a ruighinn gu bheil an siostam taghta mar a tha e. A rèir choltais chan eil Trudeau a-nis gus dad atharrachadh ged a bha e cho deònach an siostam-bhòtaidh a chàineadh beagan mhìosan air ais. Taobh a-muigh thachartasan dùthchail tha Trudeau air dèiligeadh ri cuid de chùisean eadar-nàiseanta ann an dòighean connspaideach cuideachd. Cheadaich Riaghaltas Chanada cumhnant a leigeadh le companaidh armachd Chanadach carbadan-armach den luach $15 billean a reic gu Rìoghachd Aràibia na Sabhd. Thòisich an cùmhnant sin mus deach Trudeau a thaghadh, ach dh’fheumadh an riaghaltas aigesan cead a thoirt seachad airson $11 billean dheth, agus ’s iad a cheadaich.

Tha e doirbh a rèiteach gu bheil e na fheimineach agus aig an dearbh àm deònach armachd a reic gu stàit a tha gu tur an aghaidh deamocrasaidh agus còirichean nam ban. Tha an riaghaltas Trudeau air a ràdh gun dèan iad cùl-ghairm air na ceadachasan aca ma lorgas iad fianais gun bheil feachdan nan Sabhdach air na carbandan-armach a chleachdadh an aghaidh an sluagh aca fhèin, ach chan eil e soilleir idir ciamar a chumas Riaghaltas Chanada sùil air a seo agus dè an diofair a bhiodh ann cùl-ghairm a dhèanamh nuair a tha na h-innealan cogaidh air an reic mar-thà agus air talamh Sabhdach agus fo smachd arm na dùthcha.

Nuair a chaidh Trudeau a thaghadh ann an 2015 thug e brosnachadh gu mòran, chan ann a-mhàin ann an Canada, ach thall thairis cuideachd, ann an dùthaich sam bith a bha fhathast a fulang fo smachd pàrtaidhean bhon làimh dheis agus poileasaidhean ‘teannais’. Ri linn an iomairte, thuirt pàrtaidh Trudeau nam manifesto gun robhar deònach am buidseit a ruith le easbhaidh ann, gus ìrean chosnaidh àrdachadh. Agus leis a’ gheall seo, bhuannaich iad.

Tha pàrtaidhean poilitigeach a’ moladh poileasaidhean eaconomaigeach nua-libearalaich air soirbheachadh agus na pàrtaidhean a bu chòir a bhith air an làimh chlì air gluasad nas fhaide agus nas fhaide chun mheadhain agus iad a-nis deònach a poileasaidhean teannais a mholadh cha mhòr fad an t-siubhail. Anns a’ cho-theacs sin is beag an t-iongnadh gu bheil cuid cho deònach Trudeau fhaicinn mar nàdar de shlànaighear. Tha e furasta chreidsinn ann an dealbh a lùiginn tu a bhith fìor, agus coma mun fhianais a tha nad aghaidh. Nan robh Tony Blair nas òige, agus duilleag Instagram aige cha bhiodh e cho eadar-dhealaichte ri Trudeau.

Chan e uilebheist no amadan a th’ ann an Trudeau, agus ri linn May agus Trump tha e math ceannard dùthcha fhaicinn a’ cur fàilte air fògarraich agus a’ gluasad air falbh bho phoileasaidhean eaconomaigeach a tha air an urrad a mhilleadh a dhèanamh anns an dùthaich againn fhèin. Ach feumaidh sinn barrachd iarraidh air ar laoich agus ar gaisgich. Cha bu chòir tomhas cò th’ ann an deagh cheannard le coimeas eadar iad fhèin agus Trump. Dh’fhaodadh Trudeau a bhith na cheannard nas fheàrr agus nas cothromaiche na tha e air a bhith gu ruige seo. Chan eil coltas gu bheil ùidh aige ann ge-tà agus ann an dòigh ’s e sin am briseadh dùil as motha.

GLOSSARY:

Feimineach – Feminist

Siostam àireamh bhòtaichean as motha – First Past the Post system

Carabadan-armach – Armoured Vehicles

Cùl-ghairm – Revoke

Teannas – Austerity