Following Theresa May’s decision to call a General Election, Calum MacLeòid looks at why. The combination of the ongoing investigations into allegations of electoral fraud in a number of Tory seats from the 2015 election as well was Labour’s dismal polling make her decision easier to understand. He also looks at the state of the parties going into the campaign and assesses their chances.

GED nach robh dùil ri Taghadh Coitcheann san Òg Mhios, cha bu chòir do roghainn a’ Phrìomhaire cus iongnaidh a chur oirnn: gheall i iomadach uair nach cumadh iad taghadh tràth. Ged a tha mòr-chuid aice mar-thà, a-rèir nan cunntas-beachd tha am Pàrtaidh Làbarach air a droch leòn agus tha May airson ionnsaigh uabhasach a thoirt orra.

Cuideachd, tha Seirbheis Casaid a’ Chrùin an-dràsta trang a’ sgrùdadh air fianais a chruinnich na poileas cosgaisean nan Tòraidhean anns an Taghadh ann an 2015. Chan eil ach mòr-chuid gu math beag aig na Tòraidhean agus nan cailleadh iad buill-pàrlamaid ri linn an sgrùdaidh seo is ann a bhiodh na Tòraidhean air cothrom air leth a thoirt dha na Làbaraich seach droinneadh. Air an làimh eile, ’s dòcha nach tèid casaidean sam bith a thogail, ach anns an eadar-àm, chan eil dòigh nas fheàrr aire a thoirt air falbh bhon connspaid sin na Taghadh Coitcheann.

Thuirt Theresa May dìreach o chionn beagan seachdainean nach b’ e àm freagarrach a bh’ ann airson reifreann eile air neo-eisimeileachd. Mean air mhean tha muinntir na h-Alba ag ionnsachadh cho cudromach, no cho neo-chudromach, ’s a tha sinn ann an sùilean a’ Phrìomhaire. Tha mi dìreach an dòchas gu bheil sinn air gu leòr ionnsachadh bhon reifreann mu dheireadh mus tèid a’ cheist chur oirnn a-rithist.

Tha cùisean nas miosa buileach ann an Èireann a Tuath ge-tà, far nach eil Riaghaltas aca ann an Stormont fhathast - cha deach aonta a ruigsinn às dèidh an taghaidh mu dheireadh, dìreach seachdainean air ais. Rud nach eil cho soilleir, ’s e dè thachras mura thig Sinn Féin agus an DUP, no na pàrtaidhean eile gu aonta air choireigin. Ann am beagan bhliadhnaichean dh’fhaodadh gum biodh suidheachadh ann far a bheil Stormont dùinte agus lùghdachadh dha-rìribh air tighinn air na cumhachdan a tha aig Holyrood agus Cardiff.

Chòrdadh a leithid ris na Tòraidhean; cha robh iad airson cumhachd a thoirt dhuinn anns a’ chiad dol a-mach. ’S e ann ann an Westminster a tha an ùidh acasan, Westminster a-mhàin. Tha grunn BPA aca air seo a dhearbhadh anns an t-seachdain mu dheireadh le cho luath agus a thuirt iad gun robh iad airson seasamh mar thagraiche san taghadh choitcheann, gun nàire sam bith agus cuid dhiubh gun bhliadhna a chosg nam BPA.

Agus dè mu dhèidhinn na Làbaraich? Tha deagh theansa nach bi BP Albannach aig am Pàrtaidh Làbarach às dèidh an taghaidh seo. Bhiodh toradh den leithid sin a’ chiad turas a sheas am Pàrtaidh sin ann an Alba gun soirbheachadh ann an seata sam bith. Ann an Sasainn agus a’ Chuimrigh chan eil cùisean a’ coimhead cus nas fheàrr dhaibh. Chan fhaca sinn fhathast ciamar a dhèiligeas Corbyn agus a chuideachd ri iomairt Taghaidh Choitchinn. ’S dòcha gum bi e soirbheachail ann an dòighean ris nach bi daoine an dùil. Chan eil cus earbsa agam ann ge-tà.

Tha na Libearalaich Deamocratach an dùil ri ath-bheothachadh. Tha Brexit mar chrios-sàbhalaidh mòr dhan phàrtaidh a bha riamh air taiceil dhan Aonadh Eòrpach. Leis nach eil Jeremy Corbyn deònach no comasach air an 48% a bhòt an aghaidh Brexit a riochdachadh, bu beag an t-iongnadh ma chuireas cuid de bhòtairean taic dha na Libearalaich.

Tha cothrom aig a’ Phàrtaidh Nàiseanta ach tha dùbhlain romhpa cuideachd. Ann an cuid de raointean bidh gu leòr bhòtaichean aig pàrtaidhean an aonaidh uile gu lèir gus stad a chur oirre. Mar eisimpleir, b’ e Rinn Friù an Ear an seat as sàbhailte a bh’ aig na Tòraidhean, mus an do bhuannaich Jim Murphy ann an 1997 . Ann an 2015 thàinig PNA bhon cheathramh àite gus an seata a bhuannachadh le 40% den bhòt ach bha trì eich san an rèis an latha ud. Ma chuireas na bhòtairean Làbarach taic ris na Toraidhean ann an sgirean den lethid, tha e doirbh fhaicinn, mar sin, dòigh dhan PNA gach seata a th’ aca an-dràsta a glèidheadh.

Chan eil dad cinnteach ann am poileataigs, a dh’aindeoin coltas nan cunntas-beachd. Bha Ted Heath cinnteach, ann an 1974, nuair a chuir e a’ cheist “Cò tha a’ riaghladh Breatainn?” gum freagradh an sluagh “Heath” ach cha do fhreagair. Mar an ceudna, ann an 1950 dh’fheuch Attlee air a mhòr-chuid a mheudachadh agus is ann a shoirbhich leis ann an tilleadh Churchill gu Àireamh a Deich.

Leanaidh iomairt a-nis agus tha cuimhne againn uile air an ìomhaigh ud de Iain Gray bochd air falach taobh a-staigh bùth cheapairean agus an cròn a rinn sin air an iomairt aige ann an 2011. Ged nach eil ach beagan seachdainean iomairte romhainn, is cinnteach gum faic sinn pailteas mhearachdan uabhasach den leithid, bho gach pàrtaidh. A-rèir choltais, cha bu chòir eagal sam bith a bhith air na Tòraidhean. Dè dh’fhaodadh atharrachadh a thoirt air a sin? Mar a thuirt Harold Wilson: Tachartasan, ’ille, tachartasan.

GLOSSARY

Taghadh Coitcheann – General Election

Seirbheis Casaid a' Chrùin – Crown Prosecution Service

Sgrùdadh – Examining

Casadaidean - Charges