As tensions rise between the USA and North Korea, Calum MacLeòid looks at some of the history of region and what a fresh outbreak of war there could mean. It is hard to imagine anyone less suited to the task of securing a lasting peace than Donald Trump.

CAH robh mi beò ri linn Staing nan Armachd Chùbach, ach tha e a’ faireachdainn gu bheil sinn a’ teannadh air Staing nan Armachd Choirèanach. ’S e suidheachadh eagalach a th’ ann gun teagamh agus suidheachadh nas eagalaiche buileach nuair a smaoinicheas sinn air cho comasach is a bha Kennedy agus Khrushchev an comas ri Trump agus Kim Jong-un.

’S dòcha nach soirbhich Coirèa a Tuath ann an cruthachadh am boma niùclasach a tha iad a’ sireadh. Ach gach latha a thèid seachad le deuchainn airm ùr air aon thaobh agus tweeteadh agus èigheadh a-mhàin bhon taobh eile, ’s ann nas fhaisge a gheibh sinn air cogadh. Bhiodh cogadh niùclasach, fiù ’s fear anns nach leigeadh ach aon bhoma niùclasach, na rud sgriosail agus na eucoir an aghaidh daonnachd. Ach feumaidh sinn aithneachadh gum biodh cogadh sam bith air an rubha Coirèanach uabhasach.

Tha 25 millean neach a’ fuireachd anns na sgìrean mun cuairt air Seoul, prìomh-bhaile Coirèa a Deas. Chan eil meadhain a’ bhaile Seoul ach mu 35 mìle air falbh bho crìochan Coirèa a Tuath. Tha sin mun aon fhaid ’s a tha ann eadar Steòrnabhaigh agus Tairbeart na Hearadh.

’S e an Cogadh Dìochuimhnichte a th’ aig cuid air a’ Chogadh Choirèanach agus ’s e abairt freagarrach a th’ ann anns na dùthchannan siar air a shon. Cia mheud filmaichean no nobhailean a tha sinn air nochdadh mu dhèidhinn Bhiet-Nam, cogadh anns nach deach feachdan Breatannach an sàs, an coimeas ris a’ Chogadh Choirèanach?

Chaidh an rubha air fad a sgrios, Seoul agus bàiltean mòra eile am milleadh le bomaichean agus dh’eug mu 2.5 millean sìobhaltaich. Tha e furasta dìochuimhneachadh cuideachd nach deach sìth a rèiteachadh a-riamh aig deireadh na sabaide; gu h-oifigeil tha an cogadh sin fhathast a’ dol agus tha an dà thaobh dìreach air cumail ri fois-fhòirneirt, airson a’ mhòr-chuid de ùine, bho 1953. Nam briseadh am fois-fhòirneirt ud chan eil teagamh agam gum biodh cogadh nas miosa leis mar a tha buill-airm air leasachadh anns an deicheadan bhon uair sin.

’S e suidheachadh toinnte a th’ ann an Coirèa a Tuath. Chan urrainn dhomh smaoineachadh air cuideigin a bhiodh nas mì-fhreagarraiche gus dèiligeadh leis na Dòmhnall Trump. Mar sin tha mi ag aontachadh leis na molaidhean a chur a’ Phàpa air adhart aig an deireadh sheachdain gum bu chòir do dhùthaich eile, Nirribhidh mar eisimpleir, a dol an sàs anns mar neach-rèite eadar na Stàitean Aonaichte agus Coirea a Tuath.

Ann an 2003 dh’aontaich Coirèa a Tuath gun tèideadh iad an sàs ann an coinneamhan eadar-nàiseanta far am biodh sia dùthchannan air an riochdachadh: iadsan, Coirèa a Deas, na Stàitean Aonaichte, an t-Sìn, an t-Seapan, agus an Ruis. Tharraing Coirèa a Tuath a-mach ann an 2009 ach feumaidh barrachd oidhirpe a dhèanamh gus toirt orra tilleadh, dòigh air choireigin, dhan deasbad.

Airson deasbad feumaidh tu deasbairean proifeiseanta, ge-tà. On a thòisich e a dhreuchd, tha Trump air casg a chur air cuid de roinnean an Riaghaltais luchd-obrach ùra fhastadh, nam measg Roinn na Stàide, an Roinn a dhèiligeas le cùisean eadar-nàiseanta.

Tha e cuideachd a’ moladh gearraidhean de 28% a dhèanamh air a’ bhuidsead airson dioplòmasaidh. Mar-thà tha aithisgean air nochdadh ag ràdh nach eil cinnt aig cuid de dhioplomatan Aimeireaganach ciamar a tha an Riaghaltas airson freagairt ri cuid de thachartasan eadar-nàiseanta. Chan eil seo ach a’ brosnachadh mi-chìnnt agus amharas eadar dùthchannan agus ’s ann bhon t-suidheachadh sin a thòisicheas cogaidhean. Cha ghearradh Ceann-suidhe am buidsead sin idir nan robh iad an dùil ri sìthe. Beagan sheachdainean air ais nuair a rinn Coirèa a Tuath deuchainn airm eile, dh’fhoillsich oifis Rex Tillerson, Rùnaire na Stàite agus ceannard Roinn na Stàite, teachdaireachd ag ràdh gun robh na Stàitean Aonaichte air gu leòr ag ràdh mu dhèidhinn Coirèa a Tuath agus nach canadh iad an còrr. Dè tha sin a’ ciallachadh ge-tà? A bheil e a’ ciallachadh gu bheil iad den bheachd gu bheil an t-àm airson bruidhinn a-nis seachad, no a bheil iad coma agus gun eagal mu na deuchainnean seo? Chan eil e idir soilleir agus tha sin na chunnart.

Aig cridhe an t-suidheachaidh cugallaiche seo, tha breug: gun rachadh aig luchd-gnìomhachais, leithid Trump is Tillerson, air dòigh riaghlaidh nas soirbheachail a lorg na luchd-poilitigs proifeiseanta. B’ e fear-gnìomhachais sgileil a bh’ ann an Trump, canaidh iad, ged nach b’ e, agus mar sin thèid aige air an Riaghaltas a ruith anns an dearbh dòigh is a ruitheadh e companaidh. Tha comasan eadar-dhealaichte a dhìth air luchd-poileataigs ge-tà, mar a chì sinn gach latha a tha Trump anns an Taigh Gheal. Chan e companaidh a th’ ann an dùthaich sam bith. Tha Trump, agus iadsan mun cuairt air, air a bhith soirbheachail a’ bhreug seo a reic do chuid anns na Stàitean. Tha mi an dòchas nach tèid milleanan am marbhadh mus tèid againn uile air faoineas na brèige fhaicinn.

GLOSSARY 

Rubha – Peninsula

Eucoir an aghaidh daonnachd – Crime against humanity

Fois-fhòirneirt – Ceasefire

Neach-rèite – Mediator

A’ Phàpa – The Pope