As the Scottish Parliament marks the 18th anniversary of its reconvention, Calum MacLeòid looks at the state of devolution in Scotland.

THA sinn dìreach air comharrachadh 18 bliadhna on a chaidh Pàrlamaid na h-Alba ath-ghairm.

Tha i aosta gu leòr gus deoch-làidir a cheannach agus ’s ise a bhiodh airidh air drama. Thog cuid iomairt thar deicheadan gus an latha ud fhaicinn ann an 1999, ach mar-thà tha ar Pàrlamaid ann an cunnart.

Cha tug na Tòraidhean a-riamh taic dhan iomairt airson ar Pàrlamaid agus mar sin cha bu chòir iongnadh sam bith a bhith oirnn gur e iadsan a tha a-nis a’ feuchainn ri lùghdachadh an cumhachd agus an cliù a th' aice agus tha aig Riaghaltas na h-Alba. Nan robh an roghainn air a bhith acasan a-mhàin cha bhiodh Pàrlamaid againn agus cha bu chòir dhuinn sin a dhìochuimhneachadh. Na chreid na briathran còir aca mu dhèidhinn: tha na Tòraidhean airson sealltainn nach eil Pàrlamaid na h-Alba cudromach agus tha iad air seo a dhèanamh ann an iomadh dòigh.

Tha cuireadh fosgailte a-rèir choltais gu Ruth Davidson dhan na coinneamhan caibineat Theresa May ged nach eil i ach na BPA. Chan eil inbhe shònraichte ann an Taigh an Ròid airson a’ Phàrtaidh-dùbhlain Dìleas mar a tha aig Westminster. Chan eil Ruth Davidson na pàirt de Riaghaltas na h-Alba ach air sgàth ’s na Tòraidhean, is ise a tha a’ bruidhinn airson na h-Alba ann an sùilean a’ Phrìomhaire.

Smaoinich air an ùpraid a bhiodh air a togail nan robh Gordon Brown, às dèidh dhan Pàrtaidh Nàiseanta an taghadh ann an 2007 a bhuannachadh, air fàilte a chur air Iain Grey chun na coinneamhan caibineat aige. Ann an dòigh bhiodh sin fiù 's nas freagarraich, leis gun robh mòr-chuid aig na Làbaraich ann an seataichean Westminster aig an àm.

Ach tha na Tòraidhean air ionnsachadh bho na Làbaraich cuideachd. Airson na Làbaraich tha e air a bhith soilleir, on a sheachnaich a’ mhòr-chuid den BP aca sheasamh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999, gun robh iad airson na tàlantan as làidire aca a’ cumail ann an Westminster. Tha Pàrlamaid na h-Alba air a bhith anns an treasamh àite air an son, air cùlaibh na Comhairlichean.

Chan eil na Tòraidhean ann an Taigh an Ròid comasach idir. Chuala sinn gu leòr gàireachdainn an seachdain-sa nuair a thog aon dhiubh ceist mu dhèidhinn co- chothromachadh ìrean pàighidh airson fireannaich. Chan e amaideas a-mhàin a tha seo, tha e a’ lùghdachadh cliù Taigh an Ròid, rud a tha na Tòraidhean a’ feuchainn ri dhèanamh a dh’aona-ghnothach.

Cuideachd dh’ainmich iad Dòmhnall Camshron, BPA air an liosta airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean, mar an neach-labhairt aca airson Ath-leasachadh an Fhearainn. ’S e uachdaran  oighreachd Achadh na Cairidh a th' ann, fearainn aig a bheil luach eadar “£6,500,001 agus £6,600,000.” Tha e furasta co-dhùnadh a ruigsinn gu bheil iad a’ magadh air a’ Phàrlamaid againn.

Tha na Tòraidhean airson sealltainn gu bheil Westminster nas tabhartaich na Taigh an Ròid dhaibhsan cuideachd. Dh’fhàg trì dhiubh an rathad ud aig an Taghadh Choitcheann agus dithist dhiubh gun a bhith nam BPA ach bliadhna.

Anns an iomairt ron taghadh thuirt na Tòraidhean gum biodh iad nan guth làidir airson Alba taobh a-staigh Riaghaltais Tòraidheach. Dòigh air dhòigh tha iad a-nis nam pàirt de Riaghaltas Tòraidh agus nuair a cheannaich May taic an DUP airson £1B dè bha aig an guth ùr làidir Alba ri ràdh? Cha robh smid. Tha fios againn a-nis gu bheil barrachd luach aig 10 bhòtaichean bho DUP seach 13 bhòtaichean bho Tòraidhean Albannach. Tha an teachdaireachd soilleir: chan eil Alba cudromach.

Aig an dearbh àm tha iad ag innse dhuinn, uair ’s a-rithist, gu bheil an t-urrad de chumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba agus gu bheil i aon de na pàrlamaidean as cumhachdaiche air an t- saoghal. Abair sgudal. Tha fios agam gu bheil saoghal muinntir Bhrexit a’ tighinn gu crìoch aig creagan gheal Dover ach airson duine eile ’s e dìreach breug a tha sin.

Tha na Tòraidhean sàsaichte leis an ìre de chumhachd a tha aig Pàrlamaid na h-Alba an- dràsta, oir chan fheum thu cus chumhachdan cruthachail mura h-eil thu ach airson geàrraidhean a dhèanamh. Bhiodh e nas fhasa an seòrsa dùthaich a tha na Tòraidhean a’ sireadh a chruthachadh leis na cumhachdan a tha againn.

Bhòt Pàrlamaid na h-Alba airson reifreinn eile air neo-eisimeileachd a ghlèidheadh ach bha e soilleir nach robh Riaghaltas nan Tòraidhean gus cead a thoirt seachad airson a’ leithid. Tha e soilleir cuideachd gum biodh mòr-chuid ann an Taigh an Ròid gu leòr gus cead a dhiùltadh airson Brexit, ach chan eil duine a creidsinn gun cuireadh sin stad air. Mar sin, ann am beagan mhiosan tha neart na Pàrlamaid air a bhith air a thaisbeanadh mar gu bheil e gun fheum mura h-eil Westminster ag aontachadh leis. Tha iad saor rud sam bith a dhèanamh cho fad ’s a tha Westminster toilichte.

Tha a’ Phàrlamaid na fosadh an-dràsta. Nuair a thilleas iad aig deireadh an t-samhraidh feumaidh PNA dòigh a lorg gus na tha tachairt atharrachadh.

GLOSSARY:

Comharrachadh – commemorating

Ath-ghairm – reconvene

Am Pàrtaidh-dùbhlain Dìleas – The Loyal Opposition

Tha a’ Phàrlamaid ’na fosadh – Parliament is in recess