The current Labour leadership contest has exposed the serious rifts and divisions within the party, at both a Scottish and UK level. Either leadership candidate will struggle, given their backgrounds to overcome these divisions. While Kezia Dugdale was ultimately unsuccessful as leader, she did grow into the role and displayed clear potential that Labour have now squandered.

THA e furasta dìochuimhneachadh gun robh cuid anns a’ phàrtaidh Làbarach a bha an aghaidh stèidheachadh Pàrlamaid na h-Alba. Cha do dh’aontaich iad uile le beachd Sheòrais Robastan a thuirt, ann an abairt ainmeil ann an cuimhne nan nàiseantach, gum marbhadh a’ phàrlamaid nàiseantas Albannach.

Stone dead, thuirt e. Fichead bliadhna às dèidh na bhòta, chan eil nàiseantas marbh, ach tha coltas gu bheil am pàrtaidh Làbarach car tinn. Tha iad anns an treasamh àite anns a’ Phàrlamaid sin, agus tha iad an teas-mheadhan connspaid a’ feuchainn ris an naoidheamh ceannard pàrtaidh ann an Alba a thaghadh.

Ged a tha Anas Sarwar agus Richard Leonard gu math eadar-dhealaichte, tha na rudan a tha aca ann an cumantas inntinneach: bidh an dithis aca a’ riochdachadh roinnean-pàrlamaid mòr-roinneil, seach roinn-phàrlamaid fhèin. Ged a tha an dà sheòrsa BPA co-ionann a thaobh còraichean agus gu h-oifigeil, chan eil iad co-ionann idir ann an cliù. An creideadh na Làbaraich a chruthaich dòighean-obrach a’ Phàrlamaid againn, a rèir choltais a dh’aona-ghnothaich gus na Nàiseantaich a chumail sìos, gum biodh iad ann an suidheachadh, taobh a-staigh fichead bliadhna far am biodh am pàrtaidh aca fhèin cho lag is nach b’ urrainn dhan cheannard aca roinn-phàrlamaid a riochdachadh.

Feumaidh mi aideachadh nach robh mi eòlach air fiù ’s ainm Richard Leonard gus an do choisinn e seat mar tagraiche liosta ann an Meadhan na h-Alba. Bha mise an làthair aig cunnt nam bhòtaichean ann an Ravenscraig an oidhche ud agus chuala mi an òraid a thug e seachad.

Chuir e iongnadh orm oir cha chuala mi, air an oidhche ar fad, òraid cho crosta. Cò am bodach greannach seo, dh’fhaighnich a h-uile duine taobh a-muigh na buidhne bige a bha ga leantainn. Tha e air an dearbh rud a dhèanamh a-rithist agus a-rithist anns a’ Phàrlamaid

Fear neònach a th’ ann an Anas cuideachd. Chitheadh tu tric mun cuairt air Pàrlamaid na h-Alba e nuair a bha e fhathast na bhall de Westminster.

Feumaidh is gu bheil e a’ creidsinn ann am poileasaidhean nan Làbarach, ach chan eil e a’ faicinn ceangal sam bith eadar a bheatha phrìobhaideach aige agus na beachdan poilitigeach sin. ’S dòcha gu bheil sin ag innse sgeul nas motha mu dheidhinn nan Làbarach san latha an-diugh.

Tha cuid den bheachd gu bheil Corbyn air atharrachadh mòr a thoirt air a’ phàrtaidh aige agus air crìoch a chur air Nua-Làbar agus a’ bhuaidh aig Tony Blair. Ach tha cuid anns a’ phàrtaidh a tha fhathast a’ faireachdainn pròiseil mun àm sin, agus tha e furasta tuigsinn carson. Bhuannaich iad taghaidhean sa chiad dol a-mach. Ach chan ann a’ tilleadh gu Seann-Làbar a tha Corbyn, ’s e rud eile a th’ ann. Agus sin as coireach gu bheil an spàirn mhòr ri faicinn eadar e fhèin agus am pàrtaidh aige ann an Alba.

Aig àm an ath Thaghaidh Choitcheann, a dh’fhaodadh a bhith ann an 2022, bhiodh Corbyn agus McDonnell 73 agus 71 bliadhna a dh’aois. Chan eil e soilleir cò a thigeadh às an dèidh ach tha e cinnteach gum bi strì mhòr anns a’ phàrtaidh gus feuchainn anns a’ bhad. Mar sin is mathaid gun tèid am pàrtaidh ann an Alba fo smachd luchd-taic Corbyn agus a’ phàrtaidh anns a’ chòrr den RA air gluasad air adhart mar-thà.

B’fhiach e do Chorbyn agus a chuideachd cuimhneachadh na thachair do Neil Kinnock, a bha cho cinnteach gum b’ esan an ath Phrìomh Mhinistear a bhiodh ann.

Gun teagamh sam bith tha cuid den na feachdan agus buaidhean a tha ag adhbhrachadh taic do neo-eismeileachd cuideachd air adhbhrachadh cuid ann an Alba taic a thoirt do Chorbyn.

Ach tha a’ mhòr-chuid a bha mì-thoilichte leis a’ phàrtaidh Làbarach ann an Alba às dèidh linn Blair is Brown agus gu h-àraid cogadh Iorag, air gluasad gu PNA no na h-Uainich.

Ach ged a tha rud no dhà ann an cumantas eadar luchd-taic Corbyn agus luchd taic neo-eisimeileachd, tha an dà ghluasad gu math eadar-dhealaichte ann an dòighean cudromach cuideachd. Chan eil nàiseantas ann an Alba na chrochadh air aon fhear.

Cha chuala mi riamh òran ga ghabhail mu dheidhinn Salmond no Sturgeon mar a chluinneas mu Corbyn gu tric aig na tachartasan aige.

Bha Kezia Dugdale car òg nuair a thòisich i na dreuchd mar cheannard a’ phàrtaidh ann an Alba, ach bha i air adhartas a dhèanamh nam bheachd-sa. Bhiodh e na b’ fhasa dhòmhsa co-dhiù suidheachadh fhaicinn anns an àm ri theachd far am biodh ise air soirbheachadh agus air dreuchd Sturgeon fhaighinn, gu h-àraid an coimeas ris an dithis seo.

Ach a-nis tha na Làbaraich, agus luchd-taic Corbyn gu h-àraid air an adhartas sin a thilgeil air falbh, agus le aon de na tàlantan oga a b’ fheàrr aca. Bha Làbaraich na h-Alba ann an staing nuair a bha Corbyn fhathast na BP gun chumhachd sam bith. A-nis agus e na cheannard pàrtaidh, ’s e pàrtaidh glan sgaraichte a th’ ann.

GLOSSARY:

Nàiseantas Albannach – Scottish nationalism
Òraid – Speech
Meadhan na h-Alba – Central Scotland
Dreuchd - Job