As the 100th anniversary of the October Revolution approaches, Calum
MacLeòid looks at why Putin is so against commemorations of the most important political event of the 20th century, not only in Russia but throughout the world. The consequences of those days shape our world and our politics to this day.
GED a tha an Ruis anns na naidheachdan cha mhòr a h-uile latha an-dràsta, le sgeulachdan ùra a nochdadh gu tric mu dhèidhinn mar a chuidich cuid bhon dùthaich sin le iomairt Trump an-uiridh, cha mhòr nach eil duine sam bith a-mach air na tachartasan eachdraidheil a thachair anns an dùthaich ud o chionn ceud bliadhna.
An ath sheachdain bidh ceud bliadhna ann on a ghabh Lenin agus na Boilseabhaich eile cumhachd anns an Ruis. Tha ceann-latha Rèabhlaid na Dàmhair a’ tachairt as t-Samhain air sgàth chleachd na Ruiseanaich am Mìosachan Iulianach gu ruige 1918.
Thuirt Putin ann an agallamh nach robh aca ris an rèabhlaid a chomharrachadh. Chan e latha-saor nàiseanta a bhios ann agus cha bhi tachartasan oifigeil sam bith ann a bharrachd. Mar na daoine a chaidh an suathadh às na dealbhan còmhla ri Stalin, nuair a chaidh am marbhadh, tha coltas gu bheil Putin airson suathadh às an rèabhlaid bho chuimhne na dùthcha.
Na bu thràithe am-bliadhna, cha deach dad oifigeil a chur air dòigh gus Rèabhlaid a’ Ghearrain a chomharrachadh, nuair a shoirbhich ar-a-mach poblach agus ghabh buaidheann de phàrtaidhean poilitigeach agus a’ Phrìomh Mhinisteir Kerensky smachd thar na dùthcha an àite an Tsàr. Mar sin ’s dòcha nach eil e na annas nach eil Riaghaltas Putin a’ dol a chomharrachadh Rèabhlaid na Dàmhair, nuair a thug na Boilseabhaich ionnsaigh air Lùchairt a’ Gheamhraidh agus stèidhich iad an riaghaltas comannach.
Nam bheachd-sa, ’s e an tachartas poilitigeach as cudromaiche agus a thug a’ bhuaidh a bu mhotha anns an fhicheadamh linn a bh’ anns an Rèabhlaid Ruiseanach. Coltach ri na h-ionnsaighean 9/11, bhuail an tachartas seo gu mòr na thachair às a dhèidh, air feadh an t-saoghail fad deicheadan. Aig crìoch a’ Chiad Chogaidh – crìoch nach tachradh ann an 1918 anns an aon dòigh às aonais na rèabhlaide - aig a’ Cho-labhairt Sìthe ann am Paris bha aon de na h-amasan as cudromaiche aca stad a chur air Boilseabhachas. Chaidh crìochan iomadh dùthaich, anns an Roinn Eòrpa agus anns an Ear Mheadhanach an dealbhadh aig a’ cho-labhairt sin, agus tha an connspaid co-cheangailte ris na rinn iad fhathast a’ bualadh oirnn an-diugh.
Dhearbh an rèabhlaid cuideachd nach robh feum aig dùthaich an ìre deireannach de chalpachas a ruigsinn mus soirbhicheadh ar-a-mach sòisealaich, mar a shaoil a’ mhòr-chuid den Marxaich aig an àm. Mar sin bha iad an dùil gum biodh na stàitean far an robh calpachas dha-rìribh làidir, an Rìoghachd Aonaichte no a’ Ghearmailt aig an àm, air sin a ruigsinn an toiseach. Nuair a dhearbh muinntir St Peterburg gum b’ urrainn do dh’ar-a-mach a shoirbheachadh ann an dùthaich leithid an Ruis, thàinig e a-steach air radaigich air feadh an t-saoghail gum biodh e nas fhasa ’s dòcha a leithid a dhèanamh ann an dùthchannan nas bochda, agus tha eachdraidh an 20mh linn air dearbhadh gun robh iad ceart.
A dh’aindeoin na thachair às dèidh 1917, dhearbh na Rèabhlaidean gum b’ urrainn do shluagh de dhaoine atharrachadh a thoirt air an t-siostam riaghlaidh aca le togail fianais na aghaidh. B’ fhiach cuimhneachadh, gu h-àraid leis na tha a’ tachairt ann an Catalòinia an-dràsta, nach robh stailcean agus tachartasan togail fianaise anns an Ruis laghail aig an àm no ceadaichte a bharrachd. Chan eil mi ag ràdh gum bu chòir do na Ruiseanaich cuirm mhòr a chumail anns a’ Cheàrnaig Dheirg, ach tha e coltach gu bheil eagal orra mun eachdraidh aca fhèin.
Tha cuid de na feachdan a bha làidir anns an Ruis ron rèabhlaid air nochdadh a-rithist, an Eaglais Ortadogsach agus ceangal làidir aice ris an Riaghaltas, buidhnean de faisistich air na sràidean agus na calpairean nas beartaiche na bha iad a-riamh. Tha an Ruis air gluasad air adhart bhon Rèabhlaid agus am Pàrtaidh Comannach ach tha e doirbh ag ràdh gu bheil na Ruiseanaich fhèin cus na bu shaoire no air an dùthaich a dhèanamh cus nas bu chothromaiche. Agus os an cionn, cho moiteil ri Tsàr, tha Vladimir Putin. Tuigeadh tu carson a bhiodh Putin airson toirt air an t-sluagh aige dìochuimhneachadh mun chumhachd a th’ aca, agus na thachair ris an Tsàr mu dheireadh.
Bu chòir Putin fhèin beachdachadh air an rèabhlaid. Cha robh duine an dùil ri Rèabhlaid a’ Ghearrain, fiù ’s Lenin fhèin a bha thall thairis nuair a thòisich e. Tha e furasta smaointinn gu bheil an Ruis seasmhach agus fo smachd làidir ach thàinig, co-dhiù dà thuras anns an 20mh linn, atharraichean mòra air gu math luath, an rèabhlaid, agus an uair sin nuair a thàinig crìoch air an t-Aonadh Sovietach. Cha robh duine an dùil ris an dà dhiubh, agus gu leòr de dh’eòlaichean na sgìre cho cinnteach gum maireadh na Romanovs, agus an uair sin an t-Aonadh Sovietach fad deicheadan nas fhaide. An-diugh tha coltas ann gum bi cumhachd aig Putin agus a chuideachd fad bhliadhnaichean. Tha eachdraidh na Ruis anns na 20mh linn a’ sealltainn nach eil dad cho seasmhach sin anns an dùthaich.
GLOSSARY:
Rèabhlaid na Dàmhair – The October Revolution
Mìosachan Iulianach – Julian calendar
Boilseabhaich – Bolsheviks
Calpairean – Capitalists
Lùchairt a’ Gheamhraidh – The Winter Palace
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here