BHA nàire mhòr orm a’ leughadh na thuirt Boris Johnson mu bhoireannaich a bhios

a’ cosg burka na cholbh san Telegraph an t-seachdain seo chaidh. Thuirt e (ann an colbh a bha a’ moladh gun a bhith a’ cur casg air a’ bhurka) gu bheil boireannaich a bhios gan cosg a’ coimhead coltach ri “bogsaichean-litrichean” neo “mèirlich-banca”. Nise, bidh mi tric crùbte le nàire ag èisteachd ri briathran an t-seann Rùnaire nan Dùthchannan Cèin (yep, anns an da-rìribh), ach saoilidh mi gu bheil e air a dhol ro fhada an turas-sa. Tha a bheachdan air fearg adhbhrachadh air feadh na dùthcha, fiù ’s taobh a-staigh a phartaidh fhèin agus Am Morair Sheikh, a stèidhich Fòram Muslamach nan Tòraidhean ann an 2005, air iarraidh air na Tòraidhean Boris a sgiùrsadh bhon phartaidh. Tha Coimisean na Co-ionnanachd air sgrùdadh a thòiseachadh air na thuirt e, ach tha sinn fhathast a’ feitheamh air naidheachd gu bheil Boris a’ sireadh mathanas airson na thuirt e – is saoilidh mi gun dubhadh ar fiaclan mus faigheamaid sin. Nis, ged is e amadan a th’ ann am Boris ann am beachd a’ mhòr-shluaigh, chan urrainn dhuinn a dhol às aicheadh gu bheil cumhachd agus cliù aige, gu h-àraid am measg muinntir a phartaidh fhèin. Tha Jacob Rees-Mogg air taic a chur ris mun chùis, ag ràdh gur e faoineas a bhiodh ann a bhith ga sgrùdadh. Tha beachd Rees-Mogg cuideachd na fhianais eagalach gu bheil gràin-Ioslamach beò aig cridhe a’ phartaidh.

Chunnaic mi an uair sin freagairt do Bhoris bho thè Mhuslamach, Aisha, air BBC The Social, ’s i a’ cur an cèill a beachdan air Boris agus na h-adhbharan a bh’ aicese airson hijab agus niqab a chosg. Chuir i às don ghnàth-ìomhaigh gu bheil boireannaich a bhios a’ cosg an leithid fo smachd nam fear, le bhith ag innse gur e neach-teagaisg a th’ innte, gur e oileanach maighstearachd a th’ innte, gur e Youtuber a th’ innte agus gur e a roghainn fhèin a th’ ann hijab a chosg. Chuir e nàire agus iongnadh orm a bhith a’ leughadh na beachdan a chaidh fhàgail le muinntir na dùthcha air a’ bhideo seo, ge-tà: ‘cha bu chòir dhaibh a bhith gan cosg ach ann an dùthchannan Muslamach’, neo ‘tha iad eagalach is bidh muinntir nan dùthchannan Siar a’ faireachdainn gu bheil iad ann an cunnart nuair a chì iad iad.’ Chaidh còrr is mìle iomradh fhàgail mun bhideo, a’ mhòr-chuid leis an aon duan seo agus bha mi air mo dhearg nàrachadh a’ leughadh tromhpa. Bha a’ mhòr-chuid dhiubh an aghaidh a bhith a’ leigeil leotha hijab a chosg a-muigh air na sràidean. Bha cuid ag ràdh gur e seann chleachdadh aodaich a bh’ ann ’s nach robh àite aige nar dùthaich ‘nuadh’. Gu dearbh ma ’s ann a’ bruidhinn air seann chleachdaidhean aodaich a tha sinn, chan urrainn dhuinn Rees-Mogg a sheachnadh... Saoil a bheil àite dha fhèin nar dùthaich ‘nuadh’?

Ach, ma ’s i dùthaich dha-rìribh nuadh a th’ againn, carson a tha sinn a’ feuchainn ri smachd a chumail air na bhios boireannaich a’ cosg? Bidh cuid ag ràdh gu bheil iad na aghaidh air sgàth ’s gum bi na fir a’ sparradh hijab air boireannaich, ach a rèir feadhainn as aithne dhòmhsa, ’s e an roghainn fhèin a th’ ann, ’s iad a’ faireachdainn gu bheil e bunaiteach dom fèin-aithne a bhith gan còmhdach fhèin. Tha roghainn aca cò am fear a chosgas iad cuideachd, eadar hijab, niqab agus burka am measg iomadh seòrsa còmhdach eile. Tha iad cuideachd deònach na còmhdaichean a thogail ann an suidheachaidhean far a bheil feum, mar eisimpleir ann am port-adhair agus àitichean eile far a bheil riaghailtean teann a thaobh aithneachaidh. Tha eagal air daoine ro cheannairceas agus ro choigrich, air sgàth ‘Breatamach’, Trump agus an leithid, agus tha seo air cion earbs adhbhrachadh mu bhoireannaich a bhios gan còmhdach fhèin. Ach chan iad coigrich, agus chan iad ceannaircich – rugadh agus thogadh mòran de na boireannaich seo ann an Alba, agus ’s e Albannaich a th’ annta ge b’ oil le Boris agus a charaidean.

Chan i tè chràbhaidh a th’ annamsa air dòigh sam bith, ach tuigidh mi cho cudromach ’s a tha creideamh do dhaoine eile ge b’ e càit’ am bi iad a’ fuireach air feadh an t-saoghail.

’S e dùthaich ioma-chultarail agus eadar-mheasgte a th’ ann an Alba, loma-làn de dh’iomadh cinneadh agus cultar. Bu chòir dhuinn sin a mholadh agus a ghleidheadh, agus a bhith a’ seachnadh cuid de na beachdan cunnartach a tha cho cumanta an-dràsta. Cuimhnichibh gu bheil boireannach air cùl an èididh ud a tha a cheart cho airidh air spèis agus fèin-dreachadh ’s a tha duine sam bith eile san dùthaich ge b’ e dè cho cumhachdach ’s a tha cuid!