THA Fèis Blas air tilleadh airson bliadhna shoirbheachail eile, a’ taisbeanadh beairteas is farsaingeachd tàlaint Ghàidhealaich, air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Tha còig cuirm ciùil air fhichead air a bhith beò, ann an tallachan ionadail air feadh na sgìre, a bharrachd air tairgse air-loidhne a thug a-steach bùithtean-obrach is sruthaidhean beò as urrainear fhaicinn, aig an taigh.

CLICK HERE TO READ THIS ARTICLE IN ENGLISH

Beagan ro thoiseach na fèise, fhuair mi cothrom conaltradh ri Art MacCarmaig, Ceannard Fhèisean nan Gàidheal – buidheann ealain na Gàidhlig a chuir an fhèis gu dol. Chaidh Fèisean nan Gàidheal a’ stèidheachadh ann an 1988 gus taic a chumail ri buidhnean ionadail, air feadh Alba, gus Fèisean sna sgìrean aca fhèin a chur air bhonn is a ruith.

San là an-diugh, tha còrr is ceathrad Fèisean a’ dol fhathast, a’ lìbhrigeadh foghlam ciùil is ealan cruthachail, tro mheadhan na Gàidhlig is uaireannan cuideachd tron Bheurla, le bhith a’ toirt cothrom dhaibh-san a tha ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an cuid sgilean a neartachadh is a chur gu feum, taobh a-muigh an t-seòmair-sgoile.

The National:

Art MacCarmaig

Bheir na Fèisean cothrom, mar an ceudna, do chloinn eile, aig a bheil a’ Ghàidhlig a-staigh no a bhios a’ cur eòlas air a’ chànan is a chultar airson na ciad uarach.

Tha buidhnean leithid Fhèis Rois air cliù mòr tionnsgalachd a chosnadh thar nam bliadhnaichean, a bharrachd air buidhnean eile, leithid Fèis Innis an Uillt is Fèis Dhùn Èideann, a nì daingeann an dàimh eadar ionadan Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus coimhearsnachdan anns na bailtean mòra.

Tha na Fèisean nam pàirt dheatamach de bheatha òigridh anns na h-Eileanan, le clasaichean is cuirmean ciùil air an cur air dòigh, air feadh Innse Gall. Tha Fèisean a’ dol cuideachd anns na h-Eileanan A-staigh, leithid Ìle, Thiriodh, Cholla is Eige, far a bheil an cothrom oideachaidh aig cridhe gnothaich, do theaghlaichean.

“Mar a chunnaic mi leis an teaghlach agam fhìn, agus le òigridh a bhios a’ frithealadh nam Fèisean, tha cothroman anns na h-ealain agus ann am spòrs gu math feumail ann a bhith a’ neartachadh na dàimh aca ris a’ Ghàidhlig agus gan cumail ga bruidhinn” ars Art, a’ suimeadh amasan is buannachdan nam Fèisean.

“Tha a h-uile càil a tha sin cudromach do mhisneachd, slàinte-inntinn agus sunnd dhaoine òga. Uaireannan bidh mi a’ ceasnachadh na bhios romhpa, ach tha mi a’ creidsinn gu bheil e comasach àrainneachd nas fheàrr agus nas taiceile a thogail san dùthaich, airson nan cothroman as fheàrr a thoirt dhaibh.”

Is deagh rùn a tha sin, gun teagamh, agus Fèis Blas na bliadhna-sa a’ taisbeanadh toraidhean an dìchill – dìcheall òigridh fhèin agus cuideachd aig luchd-oideachaidh is sgioba Fèisean nan Gàidheal.

READ MORE: Seachd Ceistean le Ceitidh Chaimbeul

Am bliadhna, tha cothrom air a bhith aig luchd na Gàidhealtachd is nan Eilean tuilleadh eòlais a chur air òigridh thàlantaich leithid Màiri Challan, seinneadair, clàrsair is oileanach Acadamh-ciùil Rìoghail na h-Alba, ann an Talla Coimhearsnachd Dhùn Bheagain agus Déirdre Ghreumach, às an Eilean Sgitheanach, a tha air dà shreath de phod chraolaidhean ciùil thraidiseanta fhoillseachadh air Spotify, o chionn ghoirid.

Mar sin is adhbhar moit agus seann-oileanaich nam Fèisean air tilleadh, gus sealltainn do luchd-èisteachd dè cho cudromach ’s a bha na Fèisean, rè an slighean ionnsachaidh.

Tha clann Art air an aon bhuannachd a dhèanamh den na Fèisean cuideachd, agus Bonn-òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig mac Airt, Ruairidh is aig a nighean, Eilidh, a tha a nis an sàs sa chòmhlan Sian – rud a bha na iomairt Fhèisean nan Gàidheal, cuideachd.

Air 4mh na Sultain, ann an Port Rìgh, bha Donaidh is Peigi Barker a’ cluich, còmhla ri dithis Èireannach – Séamus is Caoimhe Uí Fhlatharta. ’S iad Donaidh is Peigi clann Eilidh NicCoinnich, a bha sa chòmhlan Mac-Talla, còmhla ri Art, is a tha a nis aig stiùir Fhèis-sgoil – iomairt gus foghlam na Gàidhlig a chur air dòigh ann am bun-sgoiltean, tro Churraicealam sàr-Mhathais.

‘Chaidh a’ chlann againne a thogail le tòrr Ghàidhlig san dachaigh agus bha sinn garbh fortanach gun robh a’ Ghàidhlig aig ar nàbaidhean, cuideachd,” lean Art air, a’ soilleireachadh dreuchd choimhearsnachdan anns a’ Ghàidhlig àbhaisteachadh, mar chànan làitheil.

Bha e ga fhaicinn fortanach gun robh “coimhearsnachd bheag Ghàidhlig cruthaichte timcheall” orra.

’S ann mar seo a tha na Fèisean a’ dèanamh fìor dheagh obrach, ann an sgìrean bailteil, far as doirbh na ceanglaichean sin a chruthachadh gun taic, is a’ Ghàidhlig mar aon chànan am measg iomadh cànan coimhearsnachd.

“A dh’aindheoin gach nì fàbharach, bha e fhathast dùbhlanach teaghlach a thogail leis a’ chànan”, ars e.

READ MORE: Blas Festival to celebrate best of Gaelic culture and music

Glè chudromach ’s a bha e dhaibh foghlam fhaighinn sa Ghàidhlig, bha na cothroman a fhuair iad taobh a-muigh na sgoile anns na Fèisean, aig Mòdan, deasbadan-sgoile is eile nan taic glè mhòr a’ brosnachadh dàimh làidir ris a’ Ghàidhlig.”

Tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith am measg lìonra de bhuidhnean a tha air cothrom Gàidhlig a leudachadh tro dheireadh nan 80an, nan 90an is às dèidh na dàrna mìle bliadhna.

Ach, a dh’aindeoin gach piseach a tha air tighinn air cùis na Gàidhlig, thar nam bliadhnaichean tha Art air na sàr-sgilean deasbaid aige fhèin a chur gu feum, a’ dol an aghaidh gamhlas ris a’ Ghàidhlig is ris na Gàidheil fhèin, a’ sgrìobhadh grunn litrichean pungail ciallach, do phàipearan naidheachd.

“Bidh mi fhathast ris an cur-seachad sin bho àm gu àm, ach tha mi a’ smaoineachadh gur dòcha nach eil cùisean cho dona ’s a bha iad”.

’S e tha fìor is gu bheil cunntasan beachd a’ dearbhadh, a dh’aindheoin aineolas agus mì-rùn nochdte sna meadhanan-sòisealta, gu bheil mòr-chuid de mhuinntir na h-Alba taiceil don Ghàidhlig – rud a tha Art a’ moladh gu mòr.

Tha na Fèisean air ginealach ùr àrach a tha làn misneachd às a’ chànan, is deònach sin a chur air an àrd-ùrlar, leithid Bhinneis – buidheann co-sheirmeach fo aois 30, is fo stiùir Iain Eòsaiph MhicNìll à Barraigh is Emma NicLeòid à Scalpaigh na Hearadh.

Chunnacas cuideachd dithis bho gheàrr-liosta Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna, aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba – Ruairidh Gray às Uibhist is Anna Mhàrtainn às an Eilean Sgitheanach. A bharrachd air sin, bha cothroman ionnsachaidh do dh’inbhich, ­cuideachd, le bùithtean-obrach air loidhne – ­puirt-à-beul le Màiri Anna NicUalraig is gnàthasan-cainnt le Ailig Bhaltois.

READ MORE: Blas Festival: New musical experiment to be highlight of event

Ged a tha Fèis Blas air tighinn gu crìch air 9mh na Sultain, faodaidh daoine thall ’s a bhos na cuirmean fhaicinn fhathast, leis na sruthaidhean beò air an clàradh air loidhne. Nam measg, tha coimisean ùr air a thoirt do dh’Eòghainn MacEunraig, a’ chuirm fosglaidh le Binneas, Clann Barker is Jenna Chuimeanach, agus a’ chuirm-crìche, Ceòl nam Fèis.

“A thaobh deasbadan mun Ghàidhlig san fharsaingeachd, b’ fheàrr leam gun robh barrachd aonta ann, mu shlighe air adhart don chànan,” ars Art san dealachadh.

“Bidh tuilleadh taic a dhìth, a leigeadh leinn suidheachadh na Gàidhlig a neartachadh ann an coimhearsnachdan de gach seòrsa ach, gu sònraichte, ann an sgìrean eileanach.”

Ged as leigheas seinn, ach nach leigheas slàn do gach rud sin, tha Fèis Blas is obair leantainneach Fhèisean nan Gàidheal a’ sealltainn gu bheil an taic cheart ris na daoine iomchaidh a’ dèanamh diofair mhòr dhaibh-san a tha am measg an lìonra.

Ged nach robh mòran luaidh sa phrògram air suathadh na Gàidhlig ri cùisean LGDTC, no in-gabhaltas fosgailte do Ghàidheal le feartan dìona eile, chan urrainn do dh’Fhèisean nan Gàidhlig ach togail air soirbheachas Fhèis Blas, ann an 2024.