THE upcoming European elections will likely be the first without the UK voting in it since they began in 1979.

Europe has faced many challenges in the five years since the last election and this most stable of parliaments could be in for significant changes. In many ways it will be the most important European election for the UK ever, but thanks to Brexit we will likely not get to vote in it.

GLOSSARY
Pàrlamaid na h-Eòrpa – The European Parliament
An Coimisean Eòrpach – The European Commission 
A’ Bhruiseal – Brussels 

THAIRIS air ceithir làithean aig deireadh a’ Chèitein, thèid taghaidhean a chumail airson Pàrlamaid na h-Eòrpa. Bu chòir gur e seo a’ chiad taghadh Eòrpach anns nach eil an Rìoghachd Aonaichte a’ gabhail pàirt on a thòisich na taghaidhean sin ann an 1979.

Tha mi a’ cantainn gum bu chòir oir tha teans ann fhathast, is mi a’ sgrìobhadh seo, gun iarr an Rìoghachd Aonaichte air an Aonadh Eòrpach leudachadh a thoirt air Artaigil 50, gus dàil a chur air a’ cheann-ama fàgail againn.

Ma cheadaicheas an t-Aonadh Eòrpach a leithid, agus ma thèid an ceann-latha a chur air ais gu ruige an t-Iuchar, nuair a bhios Pàrlamaid na h-Eòrpa na suidhe airson a’ chiad uair às dèidh an taghaidh, feumaidh an Rìoghachd Aonaichte pàirt a ghabhail anns an taghadh sin, leis gum bi sinn fhathast nar ball den aonadh sin.

Bidh Brexit, agus mar a dhèiligeas an t-Aonadh Eòrpach leis an Rìoghachd Aonaichte, air fear de na dùbhlain as motha a bhios aig Pàrlamaid na h-Eòrpa ri dèiligeadh ris thairis air co-dhiù an ath-chòig bliadhna.

Leis gu bheil Brexit air uiread de chonnspaid a bhrosnachadh mu dheidhinn nan taghaidhean seo, tha deagh theans gun tig àrdachadh air an àireamh bhòtairean a chleachdas am bhòtaichean air feadh na Roinn-Eòrpa. Aig an taghadh mu dheireadh ann an 2014, cha do bhòt ach 43% den t-sluagh. Tha e doirbh a ràdh de a’ bhuaidh a bhios aig seo air a’ phàrlamaid ùir cuideachd.

Ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa, ged a bhòtadh muinntir gach dùthcha airson nam pàrtaidhean poileataigeach nàiseanta aca fhèin, bidh gach pàrtaidh ag obair còmhla ann am buidhnean anns a’ phàrlamaid, buidhnean de phàrtaidhean a tha den aon seòrsa feallsanachd phoileataigeach.

Tha e coltach, a-rèir nan cunntasan bheachd, gun tig crìonadh air an taic a tha ga thoirt dhan dà bhuidheann as motha anns a’ phàrlamaid, am buidheann EPP agus am buidheann S&D. Airson còrr is 40 bliadhna, tha an dà bhuidheann ud air cumhachd a ghlèidheadh còmhla ri chèile agus tha iad air a bhith aig cridhe a h-uile Coimisein Eòrpaich. Ach an turas seo, tha e coltach nach fhaigh iad 50% den bhòt a tha a dhìth orra gus smachd a ghlèidheadh. Tha ochd buidhnean anns a’ phàrlamaid an-dràsta, agus ghabhadh iomadh co-bhanntachd eadar-dhealaichte a chruthachadh eatorra.

Ged nach eil e coltach gu bheil dùthaich sam bith deònach eisimpleir na Rìoghachd Aonaichte a leantainn agus feuchainn ris an t-Aonadh fhàgail, agus is beag an t-iongnadh, tha e soilleir gu bheil cuid de na feachdan poileataigeach a dh’adhbhraich Brexit a’ toirt buaidh air cuid de dhùthchannan eile cuideachd.

Gun fiù ’s luaidh a thoirt air Brexit, tha an saoghal air atharrachadh gu mòr bho àm an taghaidh mu dheireadh ann an 2014, agus tha e coltach gun toir sin ionnsaigh air a’ phàrlamaid as motha agus, gu ruige seo, as stòlda.

Anns an Fhraing, tha pàrtaidh Marine Le Pen an dùil adhartas a dhèanamh, agus a’ togail air fearg a tha cho follaiseach anns an dùthaich sin an-dràsta. Anns an Eadailt tha am pàrtaidh Movimento 5 Stelle, a tha an-dràsta ann an cumhachd anns a’ phàrlamaid nàiseanta còmhla ris an Lega Nord, an dùil seataichean a bharrachd a bhuannachadh cuideachd.

Chuireadh èirigh sam bith anns na h-ìrean de thaic aig na pàrtaidhean seo ris na h-àireamhan anns a’ phàrlamaid a tha an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich. Mar sin ged a chailleas am buidheann dham buin UKIP na buill acasan nuair a dh’fhàgas an Rìoghachd Aonaichte, tha e coltach gun tig àrdachadh anns na h-àireamhan aca co-dhiù.

Riamh bha cuid anns a’ phàrlamaid sin a bha airson toirt air an dùthaich aca an t-Aonadh Eòrpach fhàgail, ach an turas seo, tha cunnart ann gum bi iadsan ann an suidheachadh nas cumhachdaiche.

Chan eil teans, an-dràsta, gum buannaich gin de na pàrtaidhean a tha an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich mòr-chuid idir. Ach chan fheum iad – cha do rinn UKIP a leithid riamh ann an Westminster agus cha dèan am buidheann aca anns a’ Bhruiseil sin a-nis. Cuiridh mi geall gu bheil gach pàrtaidh anns a’ mhòr-thìr a tha an aghaidh an Aonaidh air brosnachadh agus spionnadh fhaighinn bho eisimpleir UKIP. Air sgàth sin, b’ fhiach cuimhneachadh nach eil buaidh Bhrexit, ann an iomadh dòigh, fiù ’s air tòiseachadh fhathast.

Agus chan eil obair Bhrexit seachad a bharrachd. Chan eil còrdadh sam bith againn leis an Aonadh Eòrpach, fiù ’s ma shoirbhicheas le Theresa May, a mhaireas nas fhaide na beagan bhliadhnaichean. Tha againn ri dàimh ùr a chruthachadh leis an Aonadh Eòrpach, gun luaidh a thoirt air aonta malairt, agus ’s e an taghadh seo a dhearbhas cò bhios anns a’ phàrlamaid a bhios os cionn na h-obrach sin. Ann an iomadh dòigh, ’s e seo an taghadh Eòrpach as cudromaiche airson na Rìoghachd Aonaichte riamh. Agus a-rèir coltais, chan fhaigh an sluagh cothrom bhòtadh innte. B’ fhiach fàs cleachdte ris a leithid.