AIR sgàth ’s an rannsachadh a rinn Robert Mueller air iomairt Dhòmhnaill Trump anns na taghaidhean ann an 2016, chaidh casaidean a thogail an aghaidh 34 neach. Chaidh còignear dhiubh dhan phrìosan mar-thà.
Nan robh an leithid air tachairt anns a’ chiad dà bhliadhna de theirm cinn-shuidhe sam bith eile, bhitheamaid cha mhòr cinnteach nach buannachadh e teirm eile. Ach tha còir ’s gu bheil sinn uile air ionnsachadh nach eil Trump coltach ri ceann-suidhe eile.
Bha e soilleir gun robh Trump iomagaineach mus do dh’fhoillsich Mueller an aithisg seo, ach a-nis tha Trump air a dhòigh. Agus air deagh adhbhair. Mura lorgadh Mueller fianais de cho-obrachadh eadar iomairt Trump agus feachdan na Ruise, leis na bh’ aige de mhaoineachadh agus le sgioba mhòr chomasach, cha lorgaidh duine fianais dheth.
Aig tachartas ann am Michigan air Dihaoine, thuirt Trump gur b’ e oidhirp a bh’ ann gus torradh an taghaidh 2016 atharrachadh. Agus ann an dòigh, chan eil e ceàrr.
Chuir cuid cus earbsa anns a’ rannsachadh seo, mi fhèin nam measg. Tha e ceart gu leòr, thuirt sinn, oir an ceann greis foillsichidh Mueller an aithisg aige agus bidh Trump agus a theaghlach a’ cosg nan glasan-làimhe. Ach bha sinn ceàrr.
Ann an dòigh neònach, bha am beachd sin coltach ris an iomairte a thug Trump a-steach dhan shaoghail poileataigs nàiseanta anns a’ chiad dol a-mach: na Birthers.
Chreid iadsan gun do ruigeadh Obama thall thairis agus mar sin nach robh còir laghail aige a bhith na cheann-suidhe. Chan eil cus idir ann an cumantas eadar an dà bhuidheann seo ach ’s ann stèidhichte air an aon bheachd a tha iad: chan urrainn dhan fhear ud a bhith ann an dha-rìribh na cheann-shuidhe mo dhùthcha-sa.
Fhuair Trump cuideachadh anns an dòigh anns an tàinig an naidheachd seo a-mach. Leis nach do dh’fhoillsicheadh an aithisg Mueller air fad, ’s urrainn do Thrump bhith a’ tilleadh dhan aithisg agus criomagan dheth fhoillseachadh, thairis air mìosan. Ann an dòigh, tha an aithisg seo air thoirt do Thrump an inneal as cuideachail a fhuair e on a stèidheachadh Twitter.
Ged nach e an t-amas aca a th’ ann, tha cuid de na Deamocrataich ga chuideachadh, ag iarraidh air foillseachadh an t-aithisg agus a’ bruidhinn mu dhèidhinn gun sgur. ’S dòcha gum bi càineadh anns an aithisg, ach feumaidh is nach eil iad air mothachadh gu bheil Trump, agus a luchd-taic, coma mun leithid.
Nuair a bhuannaich Trump an taghadh bha mòran a’ sireadh freagairtean dhan aon cheist: ciamar fon ghrèin a thachair seo? Mar fhreagairt thug cuid iomradh air leabhair fhoillsichte aig deireadh na 90an, a’ coimhead air stàit an làimh chlì anns na Stàitean aig an àm.
Ann an Achieving Our Country mhìnich Richard Rorty mar a b’ urrainn do charactar coltach ri Trump dreuchd a cheann-suidhe a bhuannachadh, ann an co-theacs gu math coltach ris a’ cho-theacs a bh’ againn ann an 2016, far nach robh an eaconamaidh a’ cuideachadh gu leòr den t-sluaigh agus far an robh gainnead de fhreagairtean ri fhaighinn bhon làmh chlì.
Tha buntainneas a bharrachd aig an leabhar, nam bheachd-sa, dhan t-suidheachadh anns a bheil sinn a-nis agus sinn a’ feuchainn ri dèiligeadh ri Trump.
Thug Rorty rabhadh seachad mu dhèidhinn cultar air an làmh chlì a bhios ag amhairc seach ag iomairt, agus a’ cosg cus ùine a’ càineadh agus a’ gearain mu chuid eile air an aon taobh ris fhèin, seach cumhachd a bhuannachadh agus adhartas a dhèanamh.
Chaochail Rorty ann an 2007 agus mar sin chan fhaca e cho ceart ’s a bhiodh e. Chan fhaca e ceann-suidhe Trump agus chan fhaca e na meadhanan-sòisealta agus an droch bhuaidh a bheireadh iadsan air poileataigs, ach thuigeadh e carson a thachradh an leithid.
Bhòt na milleanan airson Trump air sgàth ’s gun do gheall e dhaibh crìoch air an siostam coirbte agus mi-chothromach a tha air a bhith os cionn Washington fad deicheadan, agus eaconamaidh nach eil ach dhan goirteachadh agus dhan sàrachadh.
Cha do rinn e an leithid ach chan eil sin a’ ciallachadh gum bi e furasta dhan na Deamocrataich buannachadh ann an 2020. Chan eil e idir furasta buannachadh an aghaidh ceann-suidhe a tha ann an cumhachd mar-thà agus chan eil cus coltas ann gu bheil na Deamocrataich air ionnsachadh mar a thèid aca dèiligeadh le Trump.
Feumaidh an fheadhainn a tha airson stad a chur air Trump aithisg Mueller a chur gu aon taobh agus na geamaichean a bhios Trump a’ cluich leis na meadhanan a sheachnadh.
Oir fiù ’s nan robh Trump a-nochd ann an cill, bhiodh ann fhathast an siostam briste a thug cumhachd dha anns a’ chiad dol a-mach.
Creididh mi gu bheil a’ mhòr chuid anns na Stàitean airson an siostam sin atharrachadh, ach feumaidh na Deamocrataich sealltainn gu bheil iadsan deònach sin a dhèanamh, air no bidh Trump na cheann-suidhe gus an latha a chaochlas e.
SUMMARY:
The Mueller report has become a tool that Trump can deploy, releasing in thrilling installments to distract and to dominate the headlines. Those who want to stop Trump need to get over the Mueller report and start building as broad a coalition as possible to defeat him in 2020.
GLOSSARY:
Aithisg – Report
Rannsachadh – Research, investigation
Criomagan – Morsel, fragment
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here