NA bu thràithe air a’ bhliadhna, fhuaireadh fireannach ciontach airson ionnsaigh a thug e air sagairt ann an Glaschu. Dh’aidich Bradley Wallace, a bha na phàirt de luchd-leantainn caismeachd an Òrd Òraistich, gun do thilg e smugaid air a’ Chanon Thomas White taobh a-muigh eaglais Naomh Alphonsus.
Tha e soilleir bho fhaclan a’ Chanoin gun robh eagal am beatha air a’ cho-thional a bha an làthair aig deireadh na h-aifrinn, an dearbh àm is a bha caismeachd a’ dol seachad.
’S e ionnsaigh ghràineil a bh’ ann gun teagamh. Bu chòir gum biodh rud den leithid na annas san latha an-diugh ach gu mì-fhortanach, chan urrainn dhomh ag ràdh gun do chuir e cus iongnaidh orm.
Bhiodh buidheann sam bith eile ann an Alba air an nàireachadh nan robh an leithid air tachairt aig caismeachd sam bith acasan. Ach an t-seachdain-sa, dh’fheuch an t-Òrd Òraisteach caismeachd eile a chur air dòigh a dheidheadh seachad air an dearbh eaglais far an do thachair an eucoir seo. An-dè dhiùlt Comhairle Baile Ghlaschu an t-iarrtas aca, a’ ceadachadh slighe eadar-dhealaichte dhaibh.
Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba am mìos-sa chaidh gu bheil iad gus am maoineachadh aca leudachadh airson nam buidhnean charthannais a bhios ag obair gus stad a chur air ghràin-creideimh, gu £530,000. On bhliadhna 2012, tha Riaghaltas na h-Alba air còrr is £14m a chosg air a leithid. ’S dòcha gum bu chòir dhuinn fhaighneachd carson nach eil sinn air barrachd adhartais a dhèanamh.
O chionn fichead bliadhna, thug an sgrìobhaiche-ciùil James MacMillan seachad an òraid ainmeil aige mu dhèidhinn “Scotland’s Shame”. Thar nam bliadhnaichean tha iomadh neach air iomradh a thoirt air an òraid seo agus an abairt sin a chleachdadh is iad a-mach air gràin-chreideimh anns an fharsaingeachd. Tha e ro fhurasta dìochuimhneachadh gur b’ ann gu sònraichte air gràin an aghaidh Chaitligeach a bha MacMillan a-mach.
Dh’adhbhraich an òraid an t-uabhas chonnspaid, connspaid a dhearbh cho ceart is a bha MacMillan. Fhathast, tha cus ann nach eil deònach aideachadh gu bheil gràin ann aghaidh Chaitligeach ann an Alba fhathast na dùbhlan.
Ged nach eil Caitligich ach 15% den t-sluaigh, a-rèir àireamhan Riaghaltas na h-Alba, ann 2017-18 b’ iad Caitligich a dh’fhuiling leth de dh’eucoirean-gràine air sgàth ’s an creideamh ann an Alba.
Tha eachdraidh fhada agus dhorcha mu dhèidhinn mar a tha Alba air dèiligeadh ri Albannaich a tha cuideachd nan Caitligich, a’ tòiseachadh le fòirneart na h-Ath-Leasachaidh dhan latha an-diugh.
Ged nach eil Caitligich an latha an-diugh ann an suidheachadh cho cunnartach no cho mì-chothromach is a bha an sinnsirean, tha iad beò anns an aon dùthaich far an deach cothroman a ghoid bhon teaghlaichean aca air sgàth ’s gur b’ e Caitligich a bh’ annta.
Chaidh cuid anns a’ phàrtaidh Làbarach a chàineadh nuair a dhìon iad mar a dhèilig a’ phàrtaidh le gràin an aghaidh Iùdhach le bhith ag ràdh gun robh a’ phàrtaidh riamh an aghaidh gràin-cinnidh de gach seòrsa.
’S e rud eadar-dhealaichte agus seòrsa de ghràin sònraichte a th’ ann an gràin an aghaidh Iùdhach. Bu chòir dhuinn aithneachadh cuideachd gu bheil an dearbh rud fìor ann an Alba airson nan Caitligeach.
Coltach ris a’ ghràin an aghaidh Iùdhach, tha cuid ann an Alba nach eil deònach creidsinn gu bheil Caitligich ann an da-rìribh nan Albannach, agus gur ann Èireannaich a th’ annta uile, agus, aig an dearbh àm, gur e droch rud a th’ ann a bhith nad Èireannach.
An-uiridh, stèidheachadh buidheann iomairt ùr Call It Out, a tha ag iomairt an aghaidh an dà sheòrsa ghràin seo ann an Alba agus a tha deònach ainmeachadh. Thug iadsan air an luchd-leantainn sgrìobhadh do Chomhairle Baile Ghlaschu, gus slighe na caismeachd ud atharrachadh agus a-rèir choltais shoirbhich leotha. Tha mi an dòchas gu bheil seo dìreach na tòiseach tòiseachaidh.
Agus a dh’aindeoin ’s na chosg riaghaltas às dèidh riaghaltas air iomairtean an aghaidh gràin-chinnidh, fhathast tha ionnsaighean gan toirt air sagart agus a cho-thional is iad a’ fàgail na h-aifrinn. Fhathast cluinnear gu tric is gu soilleir air an rèidio agus TBH òran mu dhèidhinn a bhith a’ dannsa ann am fuil Chaitligeach bho luchd-amhairc a’ bhuill-choise.
Le bhith a’ gabhail a-steach gach seòrsa de ghràin-chreideamh seach a bhith deònach bruidhinn mu dhèidhinn gràin an aghaidh Chaitligeach gu sònraichte, tha e nas duilghe fuasglaidhean soirbheachail agus maireannach a lorg.
Nan robh sinn air dèiligeadh le gràin an aghaidh nam ban anns an aon dòigh – a’ bruidhinn a-mhàin mu dhèidhinn gràin an aghaidh gach gnè, chan iongnadh mura robh sin air adhartas sam bith a dhèanamh fad fichead bliadhna.
’S e galar sònraichte, galar Albannach, a th’ anns a’ ghràin seo an aghaidh Caitligich, rud structarail agus le freumhan domhainn ann an eachdraidh agus cultar na h-Alba. Ma tha sinn gus cuidhteas fhaighinn den ghalar seo, feumaidh sinn uile tòiseachadh le bhith g’ ainmeachadh.
SUMMARY:
For the past 20 years various Scottish governments have talked about and spent millions on dealing with often vaguely-defined sectarianism. The lack of progress proves that a different approach is required. We need to recognise the specific and structural nature of anti-Catholicism in Scotland, including its anti-Irish dimension, if we are ever going to address these problems successfully.
GLOSSARY:
Gràin-creideamh - Sectarianism
An t-Òrd Òraisteach – The Orange Order
Co-thional – Congregation
Aifreann – Mass
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here