CHO luath ’s a mhìnich am Prìomh Mhinistear na planaichean a tha aig riaghaltas na h-Alba airson reifreann eile Diciadain sa chaidh, bha coltas ann gun robh sinn air iomairt ùr a thòiseachadh.
An latha sin, chuir PNA air bhog an làrach-lin ùr aca Yes.Scot cuideachd, làn sanasan ùra agus film goirid le Nicola Sturgeon a’ dearbhadh na bha tòrr againn a’ feitheamh ris gu foighidneach: tha an t-àm ann.
Anns a’ bhad, thòisich an iomairt a’ gluasad a-rithist. Dh’fhoillsich am pàipear-naidheachd seo na planaichean aca airson na goireasan ùra tha iad an dùil a chruthachadh aig a’ cheart àm ri bhith a’ meudachadh nan àireamhan de fho-sgrìobhaichean aca. Dh’fhoillsich cuideachd am buidheann rannsachaidh ùr aig Angus Robertson, Progress Scotland, an rannsachadh ùr aca-san mu dheidhinn beachdan an t-sluaigh air caochladh chuspairean co-cheangailte ri neo-eisimeileachd.
Agus nochd dà chunntas-bheachd, a’ sealltainn gun robh 47% agus 49% a-nis airson neo-eisimeileachd. Mar sin tha e soilleir gu bheil astar againn ri dhol fhathast, ach cuideachd, gu bheil sinn a’ tòiseachadh ann an suidheachadh fada nas làidire na bha sinn an turas mu dheireadh.
READ MORE: Nàire na h-Alba Fhathast: Gràin an Aghaidh Chaitligeach
B’ fhiach cuimhneachadh cho eadar-dhealaichte is a bha cùisean aig toiseach na h-iomairt mu dheireadh airson neo-eisimeileachd. Cha robh buidhnean-rannsachaidh proifeasanta againn, cha robh pàipear-naidheachd againn agus cha robh taic co-dhiù 47% den t-sluagh againn.
An uair sin aig a’ cho-labhairt aca aig an deireadh-sheachdain, ghabh PNA ri molaidhean a’ Choimisein Fàs aca, is rànaig iad co-dhùnadh air ceist an t-seòrsa airgid a chleachdadh sinn. Bha laigse ar freagairtean air na cuspairean seo ann an 2014 air fear de na h-adhbharan as motha a chaill sinn an reifreann.
Thug tachartasan na seachdain-sa spionnadh dhuinn, spionnadh a bha a dhìth oirnn, cuiridh mi geall. Ann an 2014, b’ e an iomairt Bu Chòir an taobh den deasbad a riochdaich dòchas. Agus tha e a’ faireachdainn mar gu bheil sinn air lorg fhaighinn air an dòchas sin a-rithist, às dèidh greiseag nuair nach robh sinn idir cho cinnteach asainn fhìn ’s dòcha.
Oir cha b’ e a-mhàin na h-òraidean is na h-iomairtean, no na cunntasan-bheachd fiù ’s a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain-sa a thug an togail as motha dhomh; ’s e mar a fhreagair muinntir na h-Alba, agus an t-saoghail, na tachartasan seo.
Dearbhaidh aon eisimpleir bho shaoghal na Gàidhlig sin. Ron chiad reifreann, cha robh fios againn dè a bu chòir dhuinn cleachdadh airson an fhacail “Yes” a riochdachadh ann an Gàidhlig, leis nach deach cruth na ceist fhèin fhoillseachadh gu ruige 2013. Mar sin cha b’ urrainn dhuinn dad a chruthachadh le “Bu Chòir” air, fad nam bliadhnaichean eadar 2011 agus 2013. Agus chuir sin bacadh air an iomairt Ghàidhlig, gun teagamh sam bith.
An turas seo dh’fhoillsich Yes.Scot an suaicheantas ùr aca agus an ceann beagan uairean a thìde bha dreachdan Gàidhlig ri fhaighinn dheth, air an cruthachadh le luchd-iomairt fhèin, ach ri fhaighinn cuideachd air làrach-lìn oifigeil Yes.Scot.
Mar sin, aig co-labhairt a’ Phàrtaidh Nàiseanta aig an deireadh-sheachdain thogadh dealbhan de bhuill agus buill-phàrlamaid agus sanasan ùra Bu Chòir aca. Tha fios againn nach urrainn dhuinn feitheamh airson cead, ach cuideachd, tha fios acasan a tha os cionn na h-iomairt gu bheil iarrtas ann airson goireasan Gàidhlig mar seo.
Tha an saoghal a’ coimhead air Alba agus air ceist neo-eisimeileachd anns a’ cho-theacs ùr againn agus dìreach mar a tha an saoghal air atharrachadh anns na còig bliadhna a tha seachad, tha beachdan agus tuigse air neo-eisimeileachd air atharrachadh cuideachd.
Thuirt am fear-poileataigs Frangach, Jean-Christophe Lagarde, ceann-suidhe pàrtaidh UDI, gun robh còir aig Alba neo-eisimeileach ballrachd a ghlèidheadh anns an Aonadh Eòrpach gun dàil agus “sans conditions”. Thuirt e nach robh còir aig an Fhraing na mearachdan a rinn iad ann an 2014 a dhèanamh a-rithist. Cuiridh mi geall gun cluinn sinn teachdaireachdan coltach ri seo bho iomadh neach-poilitigeach Eòrpach thar nam mìosan a tha romhainn.
Agus anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte, tha iad a’ coimhead air neo-eisimeileachd ann an dòigh eadar-dhealaichte a-nis cuideachd. Ann an Èirinn a Tuath tha àrdachadh mòr air tighinn air na h-ìrean de thaic airson reifreann air ath-aonadh, a-rithist air sgàth Brexit.
Anns a’ Chuimrigh cuideachd, tha ceannard ùr Phlaid Cymru, Adam Price, air brosnachadh a thoirt dhan phàrtaidh sin. Ann an 2014 bha coltas ann gum biodh sinn a’ fàgail aonadh a bha, anns na sgìrean eile, an ìre mhath seasmhach. Cha chanadh duine a leithid an-diugh no anns na bliadhnaichean ri tighinn. Chan eil sinn nar n-aonar a’ slaodadh air an t-snàthainn ud a-nis.
Tha an iomairt airson neo-eisimeileachd ann an suidheachadh nas làidire na bha i a-riamh. Tha sinn deiseil is deònach, agus ged a tha astar againn ri dhol fhathast, agus ged nach bi e furasta idir, aig a’ cheart àm, bu chòir gum biodh e soilleir nach bi e do-dhèanta a bharrachd.
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules hereLast Updated:
Report this comment Cancel