THA cuid den bheachd gur e dìreach ainm ùr airson UKIP a th’ anns a’ Phàrtaidh Brexit – am pàrtaidh ùr aig Nigel Farage. Ach chan e idir. Tha iad a’ riochdachadh rudeigin nas cunnartaiche buileach.

Ged a tha UKIP air dol bhuaithe, fiù ’s bhon staid ghràineil a bh’ orra riamh, b’ e pàrtaidh poileataigeach àbhaisteach a bh’ annta, le bun-reachd agus ballrachd agus dòighean obrach is iomairte coltach ri pàrtaidhean eile.

Ged nach do shoirbhich leotha mar a bhiodh pàrtaidh poileataigeach àbhaisteach airson soirbheachadh – buannachadh gu leòr seataichean gus cumhachd a choisinn ann am pàrlamaidean agus comhairlean – shoirbhich leotha ann a bhith toirt air na pàrtaidhean aig an robh cumhachd am poileasaidh as cudromaiche aca leantainn; fàgail na h-Aonaidh Eòrpaich. Bha amas soilleir aca.

Chan ann mar sin a tha am Pàrtaidh Brexit. Chan eil e soilleir dè na h-amasan a th’ aca, dè suidheachadh a bheireadh orra ag ràdh gun do shoirbhich leotha, a bharrachd air cumhachd a thoirt do Farage. Chan eil ballrachd aig a’ phàrtaidh seo a bharrachd – tha luchd-taic a’ pàigheadh. Chan eil e idir soilleir dè na còirichean, ma tha gin, a th’ aig an luchd-taic seo. Chan eil cothrom aca toirt air ceannardan a’ phàrtaidh poileasaidhean atharrachadh, no air atharrachadh cò a tha os cionn a’ phàrtaidh.

’S e Farage fhèin a tha os a chionn agus chan eil dòigh sìmplidh ann dhan phàrtaidh cuidhteas fhaighinn dheth. A-rèir bun-reachd a’ phàrtaidh, a chaidh fhoillseachadh às dèidh Iarrtas Saorsa Fiosrachaidh, nan robh am pàrtaidh airson ceannard ùr a thaghadh dh’feumadh comataidh de ochdnar bhòtadh air a shon. Agus ’s e Farage a thaghas leth den chomataidh, co-dhiù, agus neach na cathrach cuideachd.

Ciamar a b’ urrainn dhuinn, agus carson a bu chòir, earbsa a chur ann am pàrtaidh sam bith nach eil deònach siostam deamocratach ceadachadh fiù ’s taobh a-staigh a’ phàrtaidh aca fhèin?

A’ coimhead air na tagraichean aca tha e soilleir nach eil Farage ag iarraidh cus co-fharpais. Cha chuala mi a-riamh air neach a tha air an liosta de thagraichean aca ann an Alba airson na taghaidhean Eòrpach. Chan eil ceangalan soilleir sam bith aca ri pàrtaidhean eile no iomairtean sam bith. Chan eil fhios agam cò a th’ ann ach cuiridh mi geall gu bheil aon rud aca ann an cumantas – gum bi iad fialaidh ri Mhgr Farage, a tha a’ buileachadh an cothrom seo orra. Chan eil iad an dùil a bhith ag iomairt mar phàrtaidhean eile cuideachd. Aig an deireadh-sheachdain thuirt Farage nach eil e an dùil gum foillsich am pàrtaidh manifesto ron thaghadh, ach ’s dòcha gum foillsich iad fear às dèidh. ’S dòcha. Ann an dùthaich àbhaisteach, ann an deamocrasaidh fallainn, cha chuireadh pàrtaidh gun manifesto, gun phoileasaidhean, gun tagraichean tarraingeach cus eagal air na pàrtaidhean eile. Ach is fhada on a bha an Rìoghachd Aonaichte na dùthaich àbhaisteach.

Aig an deireadh sheachdain chuir trì cunntasan-bheachd eadar-dhealaichte am Pàrtaidh Brexit anns a’ chiad àite airson nan taghaidhean Eòrpaich. Chuir dà dhiubh na Tòraidhean anns a’ cheathramh àite, fear eile anns a’ chòigeamh àite iad. Agus chuir aon dhiubh am Pàrtaidh Brexit anns an dàrna àite airson taghadh Westminster.

Chanadh cuid nach bi buaidh sam bith aig na taghaidhean Eòrpach oirnn, ach bhuannaich UKIP na taghaidhean Eòrpach ann am Breatainn ann an 2014, agus cò chanadh nach tug sin buaidh oirnn? Chuir sin eagal cho mòr air Daibhidh Chamshron gun do gheall e reifreann mar dhòigh dèiligeadh leis an eagal sin agus uill, tha fios againn uile air cho soirbheachail is a bha Camshron. Cola-deug air ais, aig na taghaidhean ionadail ann an Sasainn, cha robh tagraichean sam bith bhon Phàrtaidh Brexit a’ seasamh. Ach fhathast, rinn iomadh pàrtaidh beaga mi-chàileir, nas fhada air an taobh dheas na na Tòraidhean, adhartas mòr. Bhuannaich cuid dhiubh seataichean a tha, mar taghaidhean Westminster, dìreach an eisimeil mòr-chuid sìmplidh.

Agus chan eil sinn buileach sàbhailte ann an Alba bhon leithid. Anns na taghaidhean Eòrpach mu dheireadh ann an Alba bhuannaich UKIP seata, a’ cosnadh 140,534 bhòt. Anns an reifreann air Brexit, bhòt 1,018,322 de mhuinntir na h-Alba airson Brexit. Mar sin chan eil e ro dhoirbh dòigh fhaicinn far an soirbheachadh leis a’ phàrtaidh Brexit greim fhaighinn air an t-siathamh seata.

Tha eachdraidh an 20mh linn làn eisimpleirean de dheamocrasaidhean a thuit air sgàth ’s gun d’ fhuair aon cheannard làmh an uachdair thar na dùthcha. Fear làidir, aintighearnail, a thogadh suas cliù dùthcha shàraichte, agus coma leis mu laghan no chòraichean dhaonna.

Uair, ged a bha e soilleir gun robh an Rìoghachd Aonaichte ann an staing, bha e doirbh fhaicinn mar a gheibheadh ceannard den leithid greim air cumhachd. Chan eil e idir doirbh a-nis. Feumaidh gach deamocrataich anns an Rìoghachd Aonaichte seasamh an aghaidh an leithid.

SUMMARY:
The Brexit Party are not simply an rebranding of Ukip. From their constitution, their structure and even the calibre of their candidates the party is designed to empower one man: Nigel Farage. With no manifesto, policies or even clear aims, in any normal country they would not pose much of a threat. But this authoritarian project is now polling consistently in the lead in voting intentions for this month’s European elections.

GLOSSARY:
Bun-reachd – Constitution
Aintighearnail – Authoritarian
A’ dol bhuaithe – Getting worse