TAGHADH eile a’ dearbhadh a-rithist mar a tha muinntir na h-Alba airson na slighe aca fhèin a leantainn. Tha mapa toraidhean an taghaidh Eòrpaich a’ riochdachadh na teachdaireachd soilleir a tha muinntir na h-Alba air cruthachadh leis an cuid bhòtaichean – chan eil sinn deònach an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.
Tha coltas ann cuideachd gum bi cothrom aig a’ bhuidheann anns a bheil PNA anns an pàrlamaid Eòrpach – EFA/Uainich – pàirt a ghabhail airson a’ chiad uair anns a’ Cho-bhanntachd Mhòr, leis nach d’fhuair an dà bhuidheann as motha – EPP agus S&D – taic gu leòr. Bheireadh sin àite ùr dhan PhNA ann an structaran an AE, aig an àm cudromach seo.
Ach an-dràsta feumaidh sinn ar n-aire a thionndaidh gu taghadh eile, taghadh nach eil stèidhichte air siostam idir cho cothromach. Chan fhaigh ach àireamh glè bheag de dh’Albannaich an cothrom bhòtadh ann ach bidh buaidh mhòr aige oirnn uile. ’S ann a-mach air an taghadh airson ceannard ùr a’ Phàrtaidh Thòraidheach a tha mi.
Mu dheireadh thall, lean Theresa May eisimpleir càich anns an riaghaltas aice agus leig i dhi a dreuchd. Cha bhi duine ga h-ionndrainn. A-nis, tha deagh choltas gur h-ann bhon Phrìomhaire ùr seo a bhios Riaghaltas na h-Alba a’ feuchainn ri cead laghail fhaighinn airson reifreann eile air neo-eisimeileachd.
Mura h-eil tuigse sam bith aca mu dhèidhinn Alba, no ceangail làidir aca ris an aonaidh, bidh e nas fhasa do Riaghaltas na h-Alba a’ chùis a dhèanamh orra an dà chuid ann a bhith a’ faighinn cead airson reifreann agus ann a bhith ga bhuannachadh. Mar sin, b’ fhiach sùil a thoirt air na tagraichean le ceanglaichean ri Alba.
Ged is fhada on a dh’atharraich e a bhlas-chainnt, ’s e Albannach a th’ ann am Mìcheal Gove. Tha e cudromach mothachadh mar a bhios esan a’ cleachdadh “Conservative and Unionist Party” gach turas a bheir e iomradh air ainm a’ phàrtaidh nuair a dhearbh e gun robh e a’ sireadh na dreuchd. Gun teagamh sam bith, ma bhios Gove soirbheachail bidh ceist neo-eisimeileachd air aire an riaghaltais aige agus cha dèanadh e na mearachdan a dhèanadh cuid eile.
Mar a shaoileadh tu bho fhear dhan b’ ainm Ruaraidh Stiùbhart tha ceanglaichean Albannach aigesan cuideachd. A’ leughadh eachdraidh-bheatha Ruaraidh Stiùbhairt, tha e a’ bualadh ort gu bheil e nas coltaiche ri caractar bho linn eile, no bho nobhail John Buchan ’s dòcha.
Chaidh Stiùbhart an sàs anns an reifreann ann an 2014 air taobh Better Together ann an dòigh pearsanta, a’ cur air dòigh tachartas aig a’ chrìoch. Le teaghlach Albannach agus a’ riochdachadh roinn-taghaidh dìreach air taobh deas na crìche, chan eil teagamh sam bith gum biodh Alba agus neo-eisimeileachd air aire-sa cuideachd.
A bharrachd air an dithis ud, chan fhaca mi dad a bheireadh orm creidsinn gu bheil eòlas, no ùidh fiù ’s, aig gin de na tagraichean eile mu Alba. Cha robh cus ceanglaichean aig a’ Chamshronach dhan dùthaich againn ach bha barrachd aige na tha aig Raab, McVey, Brady, Hancock, Leadsom, Javid, Hunt no Boris Johnson.
An turas mu dheireadh a fhuair ballrachd nan Tòraidhean an cothrom ceannard a’ phàrtaidh a thaghadh, thagh iad Daibhidh Camshron. Chuidich esan an iomairt airson neo-eisimeileachd gun teagamh sam bith. Tha coltas a-nis ann gun tagh a’ bhallrachd sin cuideigin eile a dh’fhaodadh a bhith na bu chuideachaile buileach.
Thug Daibhidh Camshron seachad cead air sgàth ’s gun robh e cho àrdanach agus cho aineolach mu dhèidhinn cùisean ann an Albannach. Feumaidh mi aideachadh nach robh mi an dùil gum faigheadh an Rìoghachd Aonaichte ceannard cho eu-chomasach sin fad deicheadan agus mar sin gum biodh againn ri feitheamh cho fada sin airson reifreann eile. A-rèir coltais, chan fheum sinn feitheamh cho fada sin idir.
Bhiodh Johnson gu sònraichte na chuideachadh mhòr dhan Phàrtaidh Nàiseanta agus dhan iomairt airson neo-eisimeileachd. Ma thaghas ballrachd nan Tòraidhean esan, bidh iad air dearbhadh gu bheil Brexit sam bith nas cudromaiche dhaibh na tha an t-aonadh eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.
Ge b’ e cò a shoirbhicheas, chan eil e soilleir gun tèid aig ceannard ùr smachd a chumail air a’ phàrlamaid, air neo co-dhiù smachd a bharrachd na bha aig May. Mar-thà, tha cuid ag ràdh nach eil iad deònach taic a chumail ri Johnson, agus cha chuireadh e iongnadh orm idir nan robh taghadh coitcheann againn dìreach beagan làithean às dèidh dhan Prìomhaire ùr an dreuchd a ghabhail.
Taghadh às dèidh taghaidh, uile a’ dearbhadh an aon rud. Cha tèid aig na ceanglaichean a bhris Brexit eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte a chàireadh.
Tha ùpraid aig Westminster na chothrom do dh’Alba, agus tha coltas nach tig stad air an ùpraid airson deagh ghreis co-dhiù. Anns na mìosan a tha romhainn feumaidh am Pàrtaidh Nàiseanta gach cleas a chleachdadh agus gach cothrom a ghabhail gus toirt air Westminster agus a’ Bhruiseil èisteachd ri muinntir na h-Alba.
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules hereLast Updated:
Report this comment Cancel