ANN an iomadh bhaile-mòr, air feadh Chanada, chithear sgrìobhte air ballaichean an aon shluagh-ghairm. Ann an cànanan eadar-dhealaichte, graffiti is postairean is dealbhan-balla leis an aon teachdaireachd: ceartas airson nam ban-tùsanach, na mnathan agus na clann-nigheann a chaidh a mhurt no a ghabhail as an t-sealladh is gun lorg fhaighinn orra a-riamh.
An t-seachdain seo chaidh, rinneadh adhartas cudromach a dh’ionnsaigh a’ cheartais sin, nuair a dh’fhoillsich rannsachadh poblach air a’ chuspair na co-dhùnaidhean aca.
Ged nach eil boireannaich is clann-nigheann tùsanach ach 4% den t-sluagh ann an Canada, b’ iadsan a dh’fhuiling 16% de mhuirt a chaidh a chlàradh eadar 1980 agus 2012. A-rèir cuid de thomhaisean, gach 12 latha thèid tè bho na coimhearsnachdan sin a mhuirt no às an t-sealladh. Thar na deicheadan chaidh ceudan dhuibh air chall, gun lorg fhaighinn orra idir. Air sgàth ’s gràin-cinnidh nan aghaidh, àm agus a-rithist, cha do rannsaich na poileas na cùisean seo mar bu chòir no mar a b’ urrainn dhaibh.
Am-measg co-dhùnaidhean an rannsachaidh seo, thuirt iad nach eil e comasach àireamh a chur gu deimhinne air cia mheud bhoireannach tùsanach a chaidh a mhurt no a chaidh air chall. Abair samhail air na beag diù a tha riaghaltasan agus feachdan stàit Chanada air thoirt dha na coimhearsnachdan sin. Bha fios aig na coimhearsnachdan seo gun robh am mnathan a’ fulang ann an dòighean nach robh càch. Fad còrr is dà fhichead bhliadhna, thog na coimhearsnachdan tùsanach iomairt airson an leithid de rannsachaidh.
Còig-deug bliadhna air ais, thuirt Amnesty International nach robh gu leòr ga dhèanamh gus dèiligeadh leis an sgainneal seo. Nuair a bhuannaich iad an taghadh ann an 2015, gheall riaghaltas Thrudeau gun cuireadh iad air dòigh an rannsachadh poblach seo agus ann an 2017 thòisich an rannsachadh.
Chuir iad seachad dà bhliadhna a’ rannsachadh anns na coimhearsnachdan ionadail agus ag èisteachd riutha agus ’s ann stèidhichte air an fhianais a thug 2,380 neach seachad a tha e, a’ gabhail a-steach eòlaichean – an dà chuid bhon t-saoghal lagha is feachdan na stàit, ach cuideachd seanchaidhean bho na coimhearsnachdan tùsanaich fhèin - agus teaghlaichean nam marbh agus iadsan nach fhacas fad bhliadhnaichean.
Tha ainm ann airson an leithid de làimhseachadh, agus tha ùghdaran na h-aithisg deònach a chleachdadh. Tha iad ag argamaid gur e eisimpleir de sgrios-cinnidh – no genocide – a th’ ann. Tha na h-ùghdaran a’ tuigsinn gur e facal connspaideach a th’ ann an sgrios-cinnidh ach tha dìon làidir agus ciallach aca airson am facal a chleachdadh anns an t-suidheachadh seo. ’S e teirm laghail a th’ ann, stèidhichte air ciall soilleir agus tha iad a’ toirt iomradh air obair an fhir-lagha chliùitich Raphael Lempkin, fear a mhair an Olocost, agus a chruthaich ciall laghail an fhacail.
Aig cnag na cùise, tha ùghdaran na h-aithisg a’ sealltainn mar nach fheum oidhirp gus sluagh no cinneadh a’ sgrios a bhith soirbheachail gus “sgrios-cinnidh” a riochdachadh. ’S e eucoir a th’ anns an oidhirp ud, agus, thathas ag argamaid, tha cleachdaidhean agus poileasaidhean stàit Chanda a’ riochdachadh oidhirp an sgrios sin a’ dhèanamh air mnathan tùsanach.
Gu dearbh, dè dhòigh eile a bu chòir dhuinn bruidhinn mu dhèidhinn an leithid? ’S e sgrios-cinnidh a th’ ann, agus mura h-eil sinn deònach am facal sin a’ chleachdadh, chan eil sinn deònach aideachadh gu bheil e a’ tachairt.
Agus chan eil Trudeau, a-rèir coltas. Ghabh e ri toraidhean na rannsachaidh ach cha tug e iomradh, anns a’ chiad dol a-mach air cleachdadh an fhacail ud. Aig tachartas eile, greis às dèidh sin, thuirt e gun robh e a’ gabhail ris gur b’ e sgrios-cinnidh a bh’ ann, ach dìreach ann an seagh cultarail.
Chaidh Trudeau a chàineadh bho na Tòraidhean air sgàth ’s na dh’aidich e, agus bho cuid de buidhnean tùsanach agus an luchd-taic air sgàth ’s cho beag is a dh’aidich e. A-nis, tha tòrr ann an Canada ag argamaid le chèile mu dhèidhinn dè as ciall sgrios-cinnidh, gun iomradh sam bith a thoirt air an argamaid làidir a chaidh a thogail anns an aithisg fhèin.
Chanadh cuid gu bheil Trudeau agus an riaghaltas aige airidh air moladh airson an rannsachadh poblach seo a chur air dòigh. Tha e na shamhla chumhachdach ann an dòigh air an ìre aig a bheil sinn air ruigsinn leis an dàimh eadar riaghaltas Chanada agus na tùsanaich anns an dùthaich sin: tha an riaghaltas deònach rannsachadh mar seo a cheadachadh ach chan eil iad buileach deònach gabhail ri na freagairtean aca.
Dh’fhoillsich an aithisg liosta de 231 mholaidhean dhan riaghaltas aig ìrean eadar-dhealaichte: sheirbheisean-sòisealta, buidhnean-ghnìomhas, agus Canèidianaich anns an fharsaingeachd. Ma tha ùidh sam bith aig Trudeau agus a riaghaltas ann an ceartas a thoirt dha na coimhearsnachdan seo, feumaidh an rannsachadh seo a bhith na thoiseach tòiseachaidh, is chan e na fhacal mu dheireadh.
SUMMARY:
The scandal of the murdered and missing indigenous women in Canada reached an important milestone with important progress with the publication of a national inquiry last week. The report explicitly uses the term genocide to describe the decades the deaths and disappearances of these women and children, and the refusal of the Canadian state to properly address them. An unclear response from PM Trudeau to the findings has only caused further controversy over the use of the term, but the report’s findings should be taken seriously by anyone seeking to end this great crime.
GLOSSARY:
Sgrios-cinnidh – Genocide
Rannsachadh poblach – Public enquiry
Tùsanach – Indigenous person
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here