THADHAL an siorcas oirnn an t-seachdain sa chaidh; am Prìomhaire, an ath Phrìomhaire, agus Jeremy Hunt cuideachd. Is cinnteach nach biodh duine aca air bodraigeadh ach gu bheilear a’ taghadh ceannard ùr.

’S ann dhan tachartas-iomairt aig Jeremy Hunt a chaidh a chuid a bu mhotha de BhP agus BPA Tòraidheach is iad airson taic a thoirt dha. Chan eil seo ach an eisimpleir as ùire den dòigh anns a’ bheil Tòraidhean na h-Alba a’ feuchainn ri dearbhadh gu bheil iad eadar-dhealaichte bho Tòraidhean Shasainn.

Riamh, dh’fheuch Ruth Davidson ris an sgaradh seo a riochdachadh, a’ dèanamh a-mach gur e seòrsa de Thòraidh eadar-dhealaichte a th’ innte, agus gur ann mar sin a tha am pàrtaidh fo a stiùir-sa. A-nis ge-tà, tha coltas air Davidson, mar a’ chiad iPod – rud a bha ùr-nòsach còrr is deichead air ais agus a tha gun fheum sam bith san latha an-diugh.

Feumaidh Davidson taic a thoirt do Hunt, agus Johnson a chàineadh, gus an sgaradh seo a dhèanamh soilleir. Chan urrainn do dhuine a’ dol as àicheadh gum bi Johnson a’ brosnachadh nàiseantachas Breatannach agus a’ toirt togail do bheachdan a tha fada air an taobh deas, an coimeas fiù ’s ri poileasaidhean oifigeil a’ phàrtaidh ud.

Anns a’ chànan eile, ’s e “dog-whistle” a th’ aca air a’ leithid. Coltach ri feadag coin, chan urrainn do chuid an fhuaim seo a mhothachadh, ach cluinnidh cuid gu soilleir e. ’S e amas an ro-innleachd seo teachdaireachd a thoirt do bhuidheann beag, gun aire na mòr-chuid.

Mar eisimpleir, an latha roimhe nuair a thug Johnson iomradh air mar a tha cus, na bheachd, anns an Rìoghachd Aonaichte a’ cleachdadh cànanan eile seach a’ Bheurla nan dachaighean, chan ann a-mach air poileasaidhean chànain no fhoghlaim a bha e: bha e airson teachdaireachd a thoirt seachad nach cuireadh e fàilte air coigrich agus nach biodh na còirichean aca sàbhailte anns an dùthaich seo is esan na ceannard.

Agus a dh’aindeoin ’s na chanadh Ruth Davidson, lorgar pailteas eisimpleirean den lethid le sùil a thoirt air cuid de na rudan a tha Tòraidhean ann an Alba air a bhith ris.

Ann an Comhairle Dùn Bhreatainn an Iar, sgrìobh am buidheann Tòraidheach gluasad ag ràdh gum bheireadh iad taic do Fhoghlam Tro Mheadhain na Gàidhlig, ach nach robh iad deònach ceadachadh cleachdadh na cànain ann an suidheachadh sam bith eile.

Bu chòir aideachadh gu bheil Tòraidhean air taic a thoirt dhan chànan thar nam bliadhnaichean ann an iomadh dhòigh.

A-rèir coltas ge-tà, tha cuid dhiubh den bheachd gu bheil bhòtaichean a bharrachd ri fhaighinn bho bhith an aghaidh a’ chànain agus ceangail a thogail eadar a’ chànain agus nàiseantachas Albannach. ’S ann ann an Glaschu a tha iad seo air a bhith as miosa. Chaidh gearainean oifigeil a dhèanamh an aghaidh dà chomhairlichean bhon Phàrtaidh Nàiseanta às dèidh dhan Chomhairle cead a dhiùltadh do Rangers sgìre “Fanzone” a stèidheachadh air pàirc ball-coise phoblach. Ghabh an Comhairle ri beachdan a’ choimhearsnachd ionadail a bha air teagamhan a thogail mu dhèidhinn cho mì-fhreagarrach is a bha cleachdadh a’ ghoireis choimhearsnachd anns an dòigh seo.

Ach ’s ann air riochdairean a’ Phàrtaidh Nàiseanta a-mhàin a chur na Tòraidhean an coire airson an co-dhùnadh seo. Agus mar a tha barrachd ghuthan gan togail an aghaidh caisimeachdan orains, gu h-àraid iadsan a thèid seachad air eaglaisean Caitligeach, ’s ann nas daingne agus nas daingne a tha Tòraidhean air gabhail ris nam meadhan-sòisealta gus còirichean luchd-chaismeachd orains a dhìon. Chan fheum thu cluasan coin gus na feadagan sin a chluinntinn. Tha an teachdaireachd aca furasta ri thuigsinn – gu bheil am Pàrtaidh Nàiseanta ann an Glaschu an aghaidh nam Pròstanach, nam Breatannach, agus an aghaidh luchd-leantainn Rangers.

Chan e òraidean prìobhaideach a bha seo, no teachdaireachdan bho na meadhanan-sòisealta a chur iad suas is an deoch orra, no blogaichean a sgrìobh iad is iad nan oileanach. ’S e sgrìobhaidhean agus litrichean agus gearainean oifigeil a sgaoil iad, ann an co-obrach le ceannardan a’ phàrtaidh, no co-dhiù gun bhacadh bhuapa.

Agus chan e aon tachartas fa leth a th’ ann. Chithear pàtaran soilleir agus an ro-innleachd air a chùlaibh, ro-innleachd a tha a’ cheart cho grànda ri dad a thuirt no a rinn Boris Johnson. Ged a rinn Davidson tòrr onghail nuair a thàinig e a-mach gum biodh na Tòraidhean aig Westminster ag obair còmhla ris an DUP, cha chluinn thu smid bhuaipe nuair a bhios Tòraidhean Ghlaschu a’ feuchainn ris na sgaraidhean a tha cho millteach cunnartach agus cumanta ann an Éirinn a Tuath a bhrosnachadh an seo.

’S aithne dhuinn uile gu bheil Johnson cho dà-bheulach ri sgadain. Tha an t-àm ann aithneachadh gu bheil Davidson agus am pàrtaidh ann an Alba a’ cheart cho dona.

SUMMARY:
It is understandable that Ruth Davidson and the Scottish Tories would seek to differentiate themselves from Boris Johnson as much as possible. A closer examination proves that there is little difference between the two, particularly in their willingness to deploy dog-whistle tactics to appeal to the far-right.

GLOSSARY:
Ùr-nòsach – Modern

Coigrich - Foreigners

Dà-bheulach – Duplicitous