CHAN eil gainnead sam bith de thaghaidhean cheannardan poiliteagach an sàmhradh seo. Tha coltas gu bheil na Tòraidhean agus na Libearalaich toilichte cuidhteas fhaighinn dhe na seann cheannardan, agus gu leòr anns a’ phàrtaidh Làbarach a tha ag iarraidh cothrom an leithid a dhèanamh fhathast.
Thug na taghaidhean seo orm beachdachadh air dà thaghadh eile. An-uiridh chaidh Adam Price ainmeachadh mar cheannard ùr Plaid Cymru.
Chuir e iongnadh orm nuair a chuala mi gun robh Plaid airson cuidhteas fhaighinn de Leanne Wood, tè a bha, nam bheachd-sa, air deagh oidhirp a dhèanamh san dreuchd. Ach cha robh am pàrtaidh toilichte leis na bheag de dh’adhartas a rinn iad is ise aig a’ stiùir.
A-nis le ceannard ùr tha coltas gu bheil iad air slighe ùr cuideachd. An t-seachdain seo chaidh, airson a’ chiad turas, nochd Plaid anns a’ chiad àite ann an cunntas bheachd airson taghaidhean nàiseanta anns a’ Chumraigh.
Lorgar eisimpleirean eile den a leithid ann an eachdraidh poileataigs na h-Alba cuideachd. Anns na taghaidhean airson Pàrlamaid na h-Alba ann an 2003, ged a thàinig iad anns an dearbh àite san tàinig iad ann an 1999, thuig a’ Phàrtaidh Nàiseanta nach robh iad air adhartas gu leòr a dhèanamh. Nuair a tha pàrtaidh mi-thoilichte le bhith anns an dàrna àite, cho mi-thoilichte is gum feuch iad ri cuidhteas fhaighinn den ceannard, tha e soilleir gu bheil iad ag amas air cumhachd a bhuannachadh an ath thuras. ’S e teachdaireachd dha na bhòtairean a th’ ann cuideachd, ag ràdh chan eil seo math gu leòr. Agus thug sin orm beachdachadh air ceannard pàrtaidh eile: Pàdraig Harvie.
Dh’fhoillsich na h-Uainich toradh nan taghadh aca fhèin airson co-cheannardan an t-seachdain seo. Ghlèidh Harvie a dhreuchd ach chaill Maggie Chapman, ceannard eile na pàrtaidh, a dreuchd-se. Chaidh an comhairliche Lorna Slater ainmichte mar cho-cheannard.
Feumaidh mi aideachadh nach do mhothaich mi gun robh iad air taghadh a ghairm. A-rèir choltais cha do mhothaich cus den bhallrachd aca; cha do bhòt ach 801 dhiubh, dìreach 12.5% den phàrtaidh. Anns a’ chiad dol a-mach, tha an t-àm ann dhan Uainich cuidhteas fhaighinn den t-siostam co-cheannardachd aca. Chan eil e ag obair. Cuiridh mi geall gu bheil glè bheag fiù ’s de bhallrachd a’ phàrtaidh a bhiodh comasach ainmeachadh na co-cheannardan eile a bh’ aca roimhe. Agus mhol an seann cheannard, Robin Harper, nuair a leig esan a dhreuchd, gun atharrachadh iad gus am biodh ceannard a-mhàin aca.
Ach cuideachd, a’ coimhead air eisimpleir Plaid agus a’ Phàrtaidh Nàiseanta, ’s dòcha gu bheil an t-àm ann dhan na h-Uainich ceist a chur orra fhèin: a bheil seo math gu leòr?
Shoirbhich le Pàdraig Harvie ann an iomadh dhòigh. Nuair a ghabh esan thairis air a’ phàrtaidh cha robh fiù ’s poileasaidh soilleir aca air ceist na neo-eisimeileachd. Bha coltas bodaich laghaich air Robin Harper, ach chan e sin a tha a dhìth air pàrtaidh poileataigeach sam bith.
Ghiùlain Harvie na h-Uainich tro bhliadhnaichean an reifreinn ann an dòigh phroifeasanta. Chùm e astar soilleir eadar iad fhèin agus am Pàrtaidh Nàiseanta aig an dearbh àm ri bhith ag obair airson toirt air an Riaghaltas èisteachd ri na h-Uainich a thaobh phoileasaidhean.
B’ fhiach cuimhneachadh cuideachd an àrdachadh a thàinig air ballrachd a’ phàrtaidh às dèidh an reifreinn cuideachd. Ron reifreann cha robh ach 1,700 buill aca. An-diugh tha còrr is 9,000. Ach chan eil ballrachd co-ionan ri cumhachd poileataigeach. ’S e am pàrtaidh Làbarach am pàrtaidh as motha a thaobh ballrachd anns an RA agus, uill, cha can mi an còrr.
Tha Pàdraig Harvie air dreuchd a’ cheannaird a ghleidheadh nas fhaide na neach eile ann am Pàrlamaid na h-Alba. Ghabh e an dreuchd an aon mhìos is a thòisich Iain Grey mar ceannard nan Làbarach. Bha Gordon Brown na Phrìomhaire agus anns na stàitean ’s e Seòras W. a bha anns an Taigh Gheal. Saoghail eile a bh’ ann. Ach, a dh’ aindeoin ’s na dh’atharraich thar nam bliadhnaichean, cha do dh’atharraich àite nan Uaineach ann am poileataigs na h-Alba. Bha barrachd BPA aca ann an 2003 na tha aca an-diugh. Chan eil ach 19 Comhairlichean aca, ann an Alba, far a bheil 1,227 seataichean ri bhuannachadh.
Thuirt Harvie fhèin an t-seachdain seo nach eil againn ach 10 bliadhnaichean air fhàgail airson stad a chur air atharrachadh na ghnàth-shìde. Chan eil e ceàrr, ach chan eil teans, as aonais atharrachaidh mhòir, gum faic sinn na h-Uainich ann an cumhachd an ceann deich bliadhna.
Gun teagamh sam bith tha comasan phoileataigeach aig Harvie. Dìreach mar a tha aig Leanne Wood.
’S e a tha dhith oirnn ach pàrtaidh a tha toirt prìomhachas dhan àrainneachd ach a tha comasach air seataichean a bhuannachadh cuideachd, agus tha mi an dòchas an leithid fhaicinn. Fo stiùir Harvie, chan eil coltas ann gur e na h-Uainich a bhios ann.
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules hereLast Updated:
Report this comment Cancel