BUINIDH am bàrd is seinneadair Ceitidh Chaimbeul do dh’Inbhir Nis, le freumhan a teaghlaich air a’ Ghàidhealtachd is air a’ Ghalltachd, ann an Ratharsair is Ceann na Cuthaige.
Bha meas aig Ceitidh riamh ann an òrain, bàrdachd is eachdraidh eilean a tùis, agus ’s tric a bhiodh luchd-leantainn a’ Mhòid ga faicinn, an sàs ann am farpais bonn-òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, a choisinn i ann an 2008 ann an Dùn Omhain. Bidh Ceitidh a’ seinn tric aig cèilidhean air feadh Alba, le meas mòr aice ann an òrain Ratharsair is an Eilein Sgitheanaich.
Na ball de Chòsir Ghàidhlig Inbhir Narann, a ghlèidh na comharran as àirde aig Mòd Ionadail Inbhir Nis as t-samhradh seo, fhuair mi cothrom conaltraidh rithe gus bruidhinn air an dòigh a bhios i a’ toirt ceòl is litreachas nan Gàidheal beò, don na ginealaich ag èirigh romhainn.
“Thòisich mi le Gàidhlig gu foirmeil anns an àrd sgoil agus rinn mi Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh suas gu Sàr Àrd Ìre,” thuirt Ceitidh, a’ coimhead air ais air an t-slighe a thug i gu fileantas sa chànan.
“Rinn mi ceum ann an Eòlas na h-Alba agus Ceiltis aig Sgoil Eòlas na h-Alba” ars i, ag innse dhomh air a’ bhuaidh a thug An t-Àrd-oll. Dòmhnall E. Meek oirre is i na h-oileanach, on a b’ esan neach-comhairleachaidh dhi, is i a’ sgrìobhadh an tràchdais fho-cheumnaich aice. B’ ann aig an àm sin a chaidh Ceitidh a bhogadh ann an clàraidhean Tasglann Sgoil Eòlas na h-Alba, is tha i air a bhith a’ seinn òran bhon chruinneachadh sin, o shin a-mach.
READ MORE: Craig Hoy calls for ministerial code probe for Patrick Harvie comments
Ach, thòisich an t-oideachadh aig an taigh, cuideachd. Tha Ceitidh is a bràthair, Anndra Mac a’ Ghobhainn, nam pìobairean a tha air a bhith a’ cluich ann an còmhlain o bha iad beag. Tha Ceitidh pòsta a-nis aig sàr-phìobaire, cuideachd, Iain Caimbeul, a bhios a’ cluich air bainnsean is aig cuirmean air feadh na rìoghachd. A thaobh ciùil, ge-tà, is seinn a bu mhotha a bhiodh a’ tàladh Ceitidh o bha i còig bliadhna dh’aois, is bha i an sàs ann am Mòdan ionadail o òg.
Tha a màthair, Barabal Mhic a’ Ghobhainn, na seinneadair cliùiteach cuideachd, a shoirbhich leis a’ bhonn-òir air bliadhna an teanta, san Eilean Sgitheanach. “Chunnaic mi mo mhàthair is mo sheanair is iad a’ gabhail pàirt nan aonar agus ann an còisirean”, dh’innis i dhomh. “Dè eile bhios daoine a’ dèanamh fad làithean-saora na Dàmhair? Dhòmhsa, chan e ach àm a’ Mhòid!”
Bha Barabal na ceannard-sgoile aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, mus do leig i a cuid obrach seachad. Tha a màthair-se, Peigi Mhic an Tòisich, air buaidh mhòr a thoirt air an teaghlach cuideachd, làn Gàidhlig Ratharsair, le sgeulachdan gu leòr gus a h-oghaichean a chumail ann an sunnd, is iad ag èirigh suas.
Tha buaidh an dithis bhoireannach seo gu mòr ri fhaicinn ann an saothair Ceitidh, a ghlèidh duais an fhoghlaim dà uair, aig Duaisean na Gàidhlig. Às dèidh dhi ceumnachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann, rinn Ceitidh PGDE is tha i air a bhith na tidsear aig Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, a’ leantainn ann an clais chliùiteach Seònaid MhicGriogair, a theagaisg a’ Ghàidhlig an sin, roimhe.
’S e roinn sgoile a tha air an uabhas a dhèanamh gus Gàidhlig a chumail beò am measg òigridh Inbhir Nis, thar nam bliadhnaichean.
READ MORE: Petition calls for Ruth Davidson to be removed from SRU board
Tha Ceitidh deònach aideachadh gu bheil cùisean na Gàidhlig air atharrachadh gu mòr, o bha i fhèin aig Sgoil Ceòl na Gàidhealtachd, sa Phloc. “Urram,” ars i, nuair a dh’iarr mi oirre aon rud a tha a dhìth gus a’ Ghàidhlig a ghlèidheadh san àm ri theachd.
“’S e truas mhòr a th’ ann is daoine fhathast an aghaidh na Gàidhlig”. Tha i mothachail air buaidh nam meadhanan sòisealta air barailean dhaoine òga, cuideachd. “Tha mi air beachdan dona a chluinntinn mun a’ Ghàidhlig aig òigridh is inbhich gu tric, agus feumaidh sinn, mar Albannaich, urram a thoirt do gach canain a th’ againn. Chan eil fear nas fhèarr no nas miosa na fear eile.”
Tha an fheallsanachd sin air buaidh a thoirt air an dòigh sam bi Ceitidh a’ togail a h-ìghne òig, a tha air tòiseachadh san sgoil-àraich. “B’ i Gàidhlig prìomh chanan mo sheanmhair ach cha do bhruidhinn i i ri mo mhàthair. Bha feum aice Gàidhlig ionnsachadh san sgoil, ach tha i fileanta a-nis”.
O thòisich foghlam tron Ghàidhlig sna h-80an, cha robh sin air a stèidheachadh buileach gus faigheadh Ceitidh fhèin buannachd dheth. “Bha foghlam tron Ghàidhlig cho ùr, nuair a bha mise òg is cha b’ e Gàidhlig cànan an taighe. Le sin, cha d’ fhuair mi an cothrom foghlam tron Ghàidhlig a dhèanamh”.
Tha i mar sin airson is gum faigh an tè òg gach uile cothrom. “A-nis, chan eil an aon nàire air teaghlaichean a thaobh bruidhinn na Gàidhlig. Tha mo nighean air a togail le Gàidhlig agus Beurla ri chèile, gun bheàrn eatorra”.
READ MORE: George Osborne alerts police to 'campaign of harassment'
Tha an spionnadh sin ri fhaicinn ann an sgrìobhadh Ceitidh, is i air tionndadh dhan bhàrdachd aice fhèin, o chionn bliadhna no dhà. B’ ise ciad Thosgaire Bàrdachd na Gàidhlig aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba – rud a thug cothrom dhi dàin a thaghadh airson an duanaire ‘Dàin Albannach as Fheàrr’ is bàird na Gàidhlig a chumail ris an leabhar-iùil air loidhne.
Bha i riamh an sàs ann an òrain a sgrìobhadh – rud a chaidh a bhrosnachadh aig campa sgrìobhaidh aig Watercolour Music – is tha i air a cuid dhàn fhaicinn an clò ann am Poblachd nam Bàrd is ann an Northwords Now, cuideachd.
B’ e urram dhòmhsa taic a chumail rithe mar oide sgeama meantorachd Chomhairle nan Leabhraichean is tha Ceitidh a’ cosnadh cliù mar sgrìobhadair, an sàs ann an tachartasan leithid The Wee Gaitherin, shuas ann an Sròn na h-Aibhne. Fad a’ ghlasaidh-shluaigh, thug i an sàs ann an seiseanan nan Lime Sqaure Poets, ann an Èirinn, is bidh i a’ nochdadh aig fèis Seahorse Publications as t-samhradh.
Do Cheitidh, tha sgrìobhadh na chothrom dhi a bhith an sàs ann an coimhearsnachd chruthachail eile – dìreach mar a bha timcheall oirre, a thaobh na Gàidhlig.
“Chan eil e gu diofair far a bheil thu a’ fuireach – tha coimhearsnachd Gàidhlig ann” ars i, mothachail gur e cànan nàiseanta na h-Alba a th’ anns a’ Ghàidhlig, seach cànan ionadail a-mhàin.
“Tha mi a’ creidsinn gu bheil mi gu math fortanach caraidean a bhith agam air feadh na dùthcha agus gun d’ fhuair mi an cothrom a bhith nam phàirt de choimhearsnachdan Gàidhlig ann iomadh àite, leithid Sgìre Aonghais, Dùn Dè, meadhan na h-Alba agus Inbhir Nis”. ’S ann tro òrain is bàrdachd a tha Ceitidh air slighe dhan fhìrinn a lorg.
“Tha sinn uile a’ strì air an aon adhbhar – cultar agus cànan nan Gàidheil a bhrosnachadh agus leasachadh.”
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here